[278]

45. Am Prògram

Dhòl Iain balgam den leann a bha sa ghlainne air abhòrd ri thaobh. Lìon e aphìob le tombaca agus chuir e teine rithe. Shocraich e e fhèin sa chathair air beulaibh teine mòr guail. Bha an oidhche fiadhaich a-muigh le uisge agus le gaoth. Ged be an samhradh a bha ann cha robh a bheag de choltas air. Bann a bha e na bu choltaiche ris agheamhradh na ris an t-samhradh. Agus smaoinich e air cho dòigheils a bha e an siud, na shuidhe sa chathair air beulaibh an teine, asmocadh gu a thoil agus glainne mhòr de leann aige ri thaobh.

Bha e adol a choimhead an deilbh-chluiche a bha gu bhith air an telebhisean. Dealbh-chluich ùr. Leugh e mòran mu dheidhinn anns na pàipearan, agus seach gun robh ùidh aige na leithid de rud, smaoinich e gun cuireadh e seachad uair a thìde no mar sin den fheasgar seo ga coimhead.

Às dèidh nan sanasan nochd an dealbh-chluich air abhogsa. Thòisich an dealbh-chluich leis an tiotals le bhith ag innse a sgrìobh i. Cha chuala e mun ùghdar a-riamh. Feumaidh nach be fear uabhasach cudromach a bha ann, oir bha ùidh mhòr aig Iain ann an litreachas, gu sònraichte ann an deilbh-chluich an n-diugh. Ged a bha na pàipearan air mòran de mholadh a dhèanamh air an dealbh-chluich seo, cha do dhinnis iad idir mu dheidhinn a bha i; co-dhiù ma dhinnis, cha do leugh Iain sin anns na briathran a bha sgrìobhte annta. Cha robh fios aige idir bha gu bhith roimhe.

Goirid an dèidh don dealbh-chluich tòiseachadh, chunnaic e e fhèin mar gum biodh e atighinn a-mach tro sgòthan, atighinn


[279] a-mach tro cheò. Agus sheas e an sin air beulaibh craoibhe, agus dhinnis e eachdraidh a bheatha fhèin. Chunnaic e Màiri. Chunnaic e Iain beag. Chunnaic e Dòmhnall. Bha iad uile an sin. Bha iad uile an sin acrostachd agus atarraing às. Am be seo a bha na pàipearan-naidheachd afeuchainn ri chleith air? Am be seo a bha na pàipearan-naidheachd afeuchainn ri chleith air? Am be seo a bha na sgrìobhadairean afeuchainn ri chleith air nuair bha iad atoirt cunntas dha mun dealbh-chluich ùr seo?

Mar a bfhaide a bha an eachdraidh aleudachadh, bann a biomagainiche a bha Iain afàs. Ach cha robh e uabhasach cinnteach idir an e cuideigin a bha seo asgrìobhadh, ’s dòcha, fo ainm-pinn, agus a bha adol a dhfhoillseachadh a bheatha fhèin don t-saoghal. Nam be, be rud dòrainneach dha-rìribh a bhiodh an sin dha.

Ruith e a-steach don bhanca, dìreach mar a dhullaich e. Ghoid e an t-airgead. Mharbh e an duine. Ruith e a-mach. Agus, an uair sin, anns an doras, mharbh e am poileas. Cha be gun robh marbhadh aphoilis sa phlana aige idir. Ach bha peilearan gu leòr sa ghunna airson rud sam bith a thigeadh air. Agus chleachd e an gunna. Thàinig e dhachaigh agus bhruidhinn e ri Màiri.

,” ars ise, “a tha ceàrr ort?”

Chan eil càil,” fhreagair e.

Tha,” ars ise.

Chan eil càil,” ars esan.

Tha,” ars ise. “Tha rudeigin fada ceàrr ort. rinn thu?”

Agus dhinnis e an sgeulachd dhi, mun fhear a mharbh e anns abhanca, mun phoileas a mharbh e anns an doras air an t-slighe a-mach. Agus thuirt e rithe, nam bes gun innseadh i do neach sam bith air an t-saoghal gun deigheadh urchair a chur innte-se cuideachd. Agus ged thug i iomadh gealladh nach innseadh, cha robh e ga creidsinn. Agus mharbh e i. Agus thiodhlaic e i anns an lios, anns aghàrradh shìos am measg nan ròsan, ann am marbhan na h-oidhche.

Cha chuala duine e. Chan fhaca duine e. Cha robh duine mothachail air aghleadhraich a bha adol air adhart, agus e aruamhar le spaid agus le pic airson uaigh Mhàiri a chladhach. Cha do chuir e carragh-cuimhne, no leac, no rud sam bith ann a chomharraicheadh far an


[280] robh i na sìneadh sa chadal bhiothbhuan. Ach, gu sgileil, chàraich e a h-uaigh le feur, le ròsan agus eile.

Agus làrna-mhàireach chaidh e chun nam poileas.

Tha mi duilich,” ars esan ris aphoileas san stèisean, “mun rud a thachair an- aig abhanca.”

Tha,” ars am poileas. “ ’S e gnothach uabhasach a bha ann Ach gheibh sinne grèim air.”

Uill,” ars Iain, “ ’s ann a tha mise a-nise atighinn a dhinnse dhuibh gun dhfhalbh Màiri, abhean agam, a-mach às an taigh a-raoir, ’s gu bheil i fhathast gun tilleadh ... bha sinn ag argamaid. A bheil thu atuigsinn? Cha do dhinnis i dhomh càite an robh i adol, agus ged dhfhalbh i orm uair no dhà roimhe seo, thill i gach turas. Ach an turas seo cha do thill i idir.”

Dhfhaodadh gun till i fhathast,” ars am poileas.

Cha till,” ars Iain. “Cha till i idir an turas seo.”

Ciamar a tha fios agad air sin?” dhfhaighnich am poileas.

O,” ars Iain, “tha rudeigin ag innse dhomh nach eil i adol a thilleadh ... ged thilleadh? ged thilleadh i?”

ged thilleadh i?” ars am poileas. “ tha thu aciallachadh le sin? ged thilleadh i?”

Cha robh freagairt aige.

Sgrìobh am poileas gach a dhinnis Iain dha mu dheidhinn, ris a bha i coltach, an t-aodach a bha oirre an oidhche a dhfhalbh i, cho àrds a bha i, an seòrsa còmhradh a bha aice, agus mar sin air adhart.

Thill Iain dhachaigh. Shuidh e sa chathair, an aon chathair, air beulaibh an teine, air beulaibh teine mòr guail, agus dhfhosgail e canastair leannas dhòirt e an leann do ghlainne. Lìon e aphìob le tombaca agus chuir e teine ris an tombaca. Agus neach sam bith a chitheadh e, biad a shaoileadh gur e bha dòigheil an sin na shuidhe air beulaibh an teine, asmocadhs acoimhead dealbh-chluich air an telebhisean.

Bha Iain afàs beagan an-fhoiseil anns achathair mar a bfhaide a bha an dealbh-chluich adol air adhart. Bha e afàs an-fhoiseil seach


[281] gun robh a chogais adèanamh dragh dha, seach gun robh amharas aige gun robh fios aig cuideigin mu na rinn e, gun robh cuideigin air sgrìobhadh mu dheidhinn. Bha e cinnteach nach fhaca duine e an oidhche ud acladhach uaigh Mhàiri shìos aig bonn aghàrraidh. Bha e cinnteach nach deach duine seachad, oir dhfhuirich e gus am biodh a h-uile neach sa bhaile nan cadal, ’s nach biodh afalbh air feadh na h-oidhche ach sionnaich agus coin agus cait fhiadhaich, corra euns dòcha cuideachd, aig nach robh comas labhairt no comas fianais a thogail na aghaidh.

Agus a-nis bha an sealladh atighinn fa chomhair, gu soilleir, gu sìmplidh, dìreach mar gum biodh e adùsgadh a chuimhne, agus adùsgadh na cogais aon uair eile airson fiosrachadh mu na bha e air a dhèanamh.

Biomadh , agus iomadh seachdain, agus iomadh mìos, bho rinn Iain an t-olc. Agus bha e adol mun cuairt a ghnothaich dìreach mar nach robh càil air tachairt. Gun teagamh, thadhail am poileas uair no dhà airson a cheasnachadh, agus chaidh e fhèin uair no dhà chun nam poileas, mar gum biodh e acoileanadh seòrsa de dhleastanas uabhasach air choreigin, mar gum biodh e ag iarraidh toirt a chreidsinn orra, agus be sin gu dearbha a rinn e, gun robh iomagain air mu a thachair do Mhàiri. Bha na poilis ga chreidsinn. Bha iad acreidsinn gun robh iomagain air. Bha iad acreidsinn gun robh an gnothach adèanamh dragh dha. Ach bi an naidheachd cheudna a bha aca daonnan. Cha dfhuair iad sgeul air Màiri. Cha dfhuair iad fiosrachadh bho neach sam bith a dhinnseadh dhaibh càite an robh i. Chan fhacas a dubh no a dath bho choisich i a-mach às an taigh an oidhche ud.

Ann an dòigh neònach, bha an dealbh-chluich acòrdadh ris. Ged a bha e -chofhurtail, ged a bha e an-fhoiseil, bha corra ghàire aruith air a bhilean asmaoineachadh air an rud a rinn e, asmaoineachadh air mar a thug e an car às na poilis. Agus bha cuideigin a-nis mar gum biodh e air faighinn a-steach na eanchainn, a-steach na inntinn, agus air an rud a rinn e a chur sìos air pàipear agus air eadar-theangachadh gu dealbh-chluich.


[282]

Cha robh taigh-fhaire aca idir. Cha robh, oir bha sin air a bhith na aideachadh gun robh Màiri marbh. Agus aige bha fos an robh i marbh ach aig Iain fhèin? Cha robh esan adol a dhinnse sin do dhuine sam bith. Ged bha na coimhearsnaich agus na càirdean atadhal agus afeuchainn ri co-fhaireachdainn fhoillseachadh dha, cha robh e agabhail co-fhaireachdainn bhuapa. Cha robh am briathran ach adol a-steach air an dara cluais agus an sin gu h-obann a-mach air achluais eile. Bha e atoirt a chreidsinn orra, dìreach mar a bha e atoirt a chreidsinn air an t-saoghal, gun robh e fhèin fo iomagain agus fo bhròn mòr air sgàths nach robh Màiri atilleadh. A thaobh Dhòmhnaill agus a thaobh Iain bhig, bha iadsan a-nis afàs suas. Chleith e gach orrasan cuideachd ged nach robh iad a-nochd acoimhead na deilbh-chluiche seo. Bha eagal air, ann an dòigh air choreigin, gun robh fios aca a thachair. Ach bha e asmaoineachadh nach robh de chiall aca na dhinnseadh do dhuine e, eadhon de chiall na cheasnaicheadh e fhèin. Cha be idir nach robh iad afaighneachd càite an robh am màthair. Bha iad afaighneachd sin dha gun teagamh bho àm gu àm. Ach dhfhàs e na bfhasa agus na fhasa do Iain a bhith ag innse nam breugan dhaibh.

A-nochd bha iad nan cadal. Bha iad san leabaidh. Chuir e don leabaidh iad caran na bu tràithe na bàbhaist. A-nis cha robh e buileach cinnteach carson a rinn e sin. Bha fios aige gum biodh an dealbh-chluich air an telebhisean agus bha e ag iarraidh a faicinn. Bhiodh iad ag ùpraid agus adèanamh fuaim. Agus bha esan ag iarraidh an dealbh-chluich fhaicinn.

Uill, chunnaic e an dealbh-chluich ged nach fhaca e idir i. Agus ged a bha dhealbh-chluich abualadh air sùil na h-inntinn, cha robh e afaicinn ach aon. Aon ann an dhà. Agus thàinig an dealbh-chluich gu ceann, air an uair, dìreach mar a thuirt iad. Bha i math, smaoinich Iain ris fhèin.

Chuir e dheth an telebhisean. Agus nuair sguir aon fhuaim thòisich fuaim eile. Bha ùpraid air choreigin a-muigh.

Chaidh Iain a-null chun na h-uinneig, agus sheall e a-mach.

Shìos aig bonn aghàrraidh, shìos am measg nan ròsan, bha triùir


[283] phoileas. Chan fhaca e a-riamh triùir cho lìonmhor riutha.

An donas oirbh!” dhèigh e ris an fheasgar.

Bha spaid mhòr an làmh gach fir.

Agus bha iad acladhach.

title45.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page