46. Agallamh Sheumais
Fhuair Seumas cuireadh bruidhinn mu a bheatha fhèin air aon den t-sreath agallamhan a bhathar a’ craobh-sgaoileadh air an rèidio. Bha e air a bhith ag èisteachd ri cuid de na h-agallamhan, agus bha iad inntinneach. Nach iongantach mar a bha beatha gach neach cho eadar-dhealaichte, bhiodh e a’ smaoineachadh. Agus nach b’ iongantach cuideachd mar a thogadh daoine dealbhan air nithean a thachair riutha fhèin le camara na cuimhne ’s mar a chuireadh iad na dealbhan sin ann am briathran fa chomhair an t-sluaigh.
“Dè a’ chiad rud nad bheatha air a bheil cuimhne agad?” dh’fhaighnich i, às dèidh innse don t-saoghal cò ris a bha i a’ bruidhinn.
Abair ceist! Smaoinich e airson mionaid. Bha fios gun gearradh iad a’ mhionaid sin às an agallamh. Mionaid de thost.
“ ’S e mo chiad chuimhne,” arsa Seumas, “a bhith a’ faicinn piseag a’ crònan rithe fhèin agus riumsa, ’s a’ cluiche le bàlla snàth, ga reubadh ’s ga thoirt às a chèile. ’S mar bu troimhe-chèile a bha an snàth a’ dol, b’ ann a b’ àirde a bha a crònan, crònan an toileachais .. Agus, ged bha mi òg, smaoinich mi cho coltach ’s a bha a’ phiseag ris an duine, a’ sìor fhaotainn toileachas à bhith a’ sgrios. A-riamh bhon uair sin bha mi mothachail air milleadh ’s air sgrios.”
“Agus d’ òige? Tha fios gu bheil cuimhneachain gu leòr agad air làithean d’ òige agus tu a’ fàs suas.”
“Tha,” ars esan. “Nuair bha mi òg bha grian anns an adhar, ’s bhiodh na flùraichean a’ gàireachdainn ris a’ ghrèin. Bhiodh an t-uisge ag ùrachadh an t-saoghail ’s cha b’ ann ga bhàthadh. ’S cha bhiodh
“ ’S a bheil aislingean agad fhathast?”
“O, tha gu dearbha. Nach innis mi dhut mu aon aisling a bha agam bho chionn ghoirid ... Bha mi nam sheasamh air carragh ann an achadh làn fhlùraichean le dath ’s le boltrach agus bha teas na grèine a’ dòrtadh às na nèamhan. Bha mo ghàirdean deas sìnte a-mach romham ’s mi nam sheasamh anns a’ ghrèin. Thàinig eun beag iomadhathach air chuairt ’s shocraich e e fhèin air cùl mo dhùirn. Bhruidhinn an t-eun rium. Dh’fhaighnich e dhomh carson a bha mo ghàirdean sìnte a-mach, an ann a’ feitheamh ri rudeigin a bha mi ach an gabhainn grèim air nan tigeadh e. Dh’aithnich mi gun robh an t-eun air a bhith gam leughadh, ach cha do fhreagair mi an t-eun. Sheall e rium le seòrsa de chianalas na shùilean, ’s thuirt e rium nach robh agam ach aisling ann am broinn aisling. Agus chuir e a sgiathan beaga air ghleus agus thug e leis iad gu ceann-uidhe nach b’ aithne dhomh.”
“Tha fios agam gum bi thu a’ sgrìobhadh,” ars ise, “ach dè mu leughadh? Dè is toigh leat a bhith a’ leughadh?”
“Bidh mi a’ leughadh dhaoine is lusan is chreagan is chuantan,” fhreagair Seumas. “ ’S iomadh rud a ghabhas a leughadh a bharrachd air leabhraichean. Uaireannan chì mi òrain air bilean nan ròs agus òrain eile air uachdar a’ chuain. Is toigh leam na h-òrain. Tha iad làn de fhaireachdainn. Tha cuid dhiubh cho faisg orm. Ach bidh mi a’ leughadh leabhraichean cuideachd. An-dràsta tha mi a’ leughadh leabhar anns a bheil sgrìobhadair a’ feuchainn ri rian a chur air a bheatha fhèin. Ach tha rudeigin daonnan ga bhacadh agus a’ cleith a’ choileanaidh air. ’S bidh mi a’ leughadh a’ Bhìobaill. ’S còir dhuinn
“Agus sgrìobhadh? Innis dhuinn beagan mud sgrìobhadh.”
“Tha sinn uile a’ sgrìobhadh fad na h-ùine,” arsa Seumas. “Chan fheum thu peann agus pàipear. Chan fheum thu ach do fhradharc, d’ aislingean agus do chridhe. ’S iomadh sgeulachd a th’ ann cuideachd, feadhainn nach do dh’innis mi do neach eile a-riamh. Ach na rudan a bhios mi a’ sgrìobhadh le peann, ’s e tha sin feadhainn eile. ’S bidh mi a’ feuchainn ri rudan fhalach am measg nam briathran.”
“Thuirt thu gum bi thu a’ leughadh a’ Bhìobaill. Am bi thu a’ dol don eaglais?”
“Cha bhi. Cha bhi mi a’ dol don eaglais. Thèid mi don eaglais nuair choileanar na h-aislingean. Ma thèid thu don eaglais, feumaidh d’ aire uile a bhith air an t-soisgeul, ’s tha na h-aislingean gam bhacadh bho sin a dhèanamh. Chan eil math dhut a bhith a’ smaoineachadh air adan chàich. ’S bidh mi uaireannan a’ faighneachd dhomh fhìn dè tha a’ cur cuid de dhaoine innte. Chan eil mi gan càineadh idir, ach a-mhàin gan ceasnachadh.”
“Tha mi cinnteach,” ars ise, “gum bi thu a’ siubhal. ’S cinnteach gum faca tu iomadh ceàrnaidh den t-saoghal.”
“Chunnaic,” fhreagair e. “Chunnaic mise pàirtean den t-saoghal nach fhaca neach eile a-riamh. Nuair bhios mi a’ siubhal leam fhìn, bidh mi uaireannan a’ cruthachadh àite a tha dìreach mar tha mi ga iarraidh. ’S iomadh grian a chunnaic mi ag èirigh ’s a’ dol fodha ann an iomadh cuan – eadhon ann an cuantan na beatha. Chunnaic mi beanntan air dhath an òir agus cuantan a’ dol nan teine. Chan eil fada bho shiubhail mi gu rìoghachd air nach bi ainm, rìoghachd àlainn, chunnartach, làn chraobhan is fhlùraichean. Bha mi a’ coiseachd tro na craobhan ’s tro na flùraichean, ach cha robh mo chasan a’ suathadh san talamh. Thachair aingeal rium. Sheòl sinn còmhla chun a’ chladaich ’s sheall sinn a-mach ris a’ mhuir, a bha a’ deàlradh mar bhoinneagan criostail anns a’ ghrèin ... agus, a’ bruidhinn air siubhal, bidh mi cuideachd a’ dol gu àitean eile, bailtean mòra, cruaidhe agus eileanan mara. ’S anns a’ bhaile mhòr chì mi sluagh gun chrìoch, a’
“Nam faigheadh tu cothrom air aon rud sònraichte a dhèanamh, dè an rud a bhiodh ann?”
“Bu toigh leam,” ars esan, “àite-còmhnaidh nan sìdhichean a lorg. Bu chaomh leam a dol a dhanns còmhla ri na sìdhichean. Agus faodaidh tu do bhreithneachadh fhèin a dhèanamh air sin.”
Cha do leudaich i air a’ cheist ’s cha do leudaich esan air a fhreagairt.
“Cuspair eile ma-tà,” ars ise. “A thuilleadh air leughadh ’s air sgrìobhadh, dè na cur-seachadan sam bi thu an sàs? Dè eile is toigh leat a bhith a’ dèanamh?”
“Tha mi uabhasach dèidheil air treabhadh,” ars esan air a shocair.
“Treabhadh?” ars ise.
“Seadh,” ars esan. “Treabhadh.”
“A bheil thu a’ tarraing mo choise?” ars ise.
“O, chan eil,” arsa Seumas, “ged dhèanainn sin nam faighinn cothrom! Smaoinich thusa a-nis air treabhadh. A’ dùsgadh na talmhainn ’s ag ullachadh airson an t-sìl. ’S feumaidh sinn na luibhean coimheach a spìonadh gus nach tachd iad an sìol ’s gus nach mùch iad am bàrr a tha sinn a’ sireadh. Feumaidh na freumhan a bhith fallain.”
Chuir i stad air.
“An ann a’ bruidhinn air gàirnealaireachd a tha thu?” dh’fhaighnich i.
“Chan ann a-mhàin,” ars esan. “Tha mi a’ bruidhinn air gach rud a nì sinn rè ar beatha. Ma chumas tu a’ treabhadh, chan fhairich thu an tide a’ dol seachad ’s cha laigh do bheatha air do làmhan.”
“ ’S iongantach mur eil ciall an sin an àiteigin,” ars ise. “A bheil cur-seachadan annasach eile agad?”
“Tha cur-seachadan agam, ach chan eil mise gam meas annasach. Tha am biadh annasach don neach a tha a’ bàsachadh leis an acras,
“Agus, a bheil fios agad, gu bheil pìos agamsa an ìre math den h-uile baile san dùthaich is fhiach an t-ainm?”
“ ’S cinnteach gu bheil thu a’ tarraing mo dhà choise a-nise,” ars ise. “Ciamar is urrainn dhut sin a bhith agad?”
“Gach uair a tha mi a’ siubhal gu àite anns nach robh mi roimhe,” arsa Seumas, “bheir mi cuimhneachan dhachaigh. Bheir mi leam clach bheag, ’s tha na ficheadan dhiubh agam ann am preas le dorsan glainne agus bileag ri taobh gach cloiche ag innse cò às a chaidh a togail. ’S iomadh cur-seachad a dh’fhaodas a bhith aig duine.”
“Theirinn-sa,” ars ise, “gu bheil sin fìor annasach. Ach tha ùine agam airson ceist no dhà eile. Dè do bheachd air an òigridh an-diugh?”
“Bhàsaich iad bho chionn fhada,” fhreagair e.
“Dè tha thu a’ ciallachadh le sin?” dh’fhaighnich i.
“Tha iad beò, mas e sin a their thu ris, ann am prìosain a dheasaich iad fhèin, glaiste ann am feallsanachdan coimheach a tha gan sgrios, an dùil nach ann le fallas gnùise a dh’itheas iad an t-aran. Chan eil sealladh aca air an t-saoghal mhòr ach na gheibh iad bhon telebhisean, ’s tha iad nan tràillean aig fuaim ’s aig ceòl.”
“A bheil thug gan sadail uile don aon phoca?” ars ise an uair sin.
“O, chan eil,” arsa Seumas. “Bha uair a bhiodh sinn ag ràdh gun robh caora dhubh anns gach treud. Ach ’s dòcha gur e tha fìor an-diugh gu bheil caora bhàn anns gach treud. Tha dhà no thrì den
“Agus dè tha thu a’ faicinn romhad ’s ron t-saoghal anns na bliadhnaichean ri teachd?”
“Tha thu a-nise ag iarraidh orm fàidheadaireachd a dhèanamh. Romham fhìn chì mi rathad corrach, càm far an crìochnaich na rathaidean uile. Ach mus ruig mi ceann an rathaid, bidh mi daonnan a’ ruith ’s a’ stad. ’S corra uair tuitidh mi cuideachd, caillidh mi mo chasan air cnap-starra no dhà agus aig amannan bidh an rathad rudeigin sleamhainn. Bidh duine no dithis eile air an rathad an-dràsta ’s a-rithist. Ach cò? Sin a’ cheist mhòr. ’S dòcha gum bruidhinn iad rium agus mise riuthasan, ’s air an làimh eile ’s dòcha gum bi mi a’ siubhal nam aonar. ’S iomadh rud a dh’fhaodainn a ràdh ach chan eil math dhomh mo bheatha a chur ann an cunnart. Ach feumaidh mi a bhith a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh agus a’ treabhadh, ach ’s dòcha gum bi feum agam air crann ùr agus air each èasgaidh.
“Agus an saoghal? O, cumaidh an saoghal air a’ dèanamh adhartas, ’s bidh daoine daonnan ag ithe nan ùbhlan dearga a tha cho milis ’s cho meallta. Bidh cuileagan ann a bhios cho mòr ri iolairean, ’s bidh iad a’ sgiathalaich anns na taighean agus gan gànrachadh. Bidh uisge de gach dath a’ dòrtadh às na speuran, a’ cur a dhreach fhèin air na cuantan ’s air an fhearann. ’S ann a tha mi a’ feuchainn ri a ràdh gum bi an saoghal cho troimhe-chèile ris a’ bheatha. ’S dòcha nach fhaic thusa an saoghal sin, an saoghal a tha mise a’ faicinn. ’S dòcha nach fhaic duine e ach mi fhìn. Mar sin, cha thairbhe ro mhòr feuchainn ri a mhìneachadh.”
“Labhair sinn mu ghrunn chuspairean bho thòisich sinn,” ars ise. “Ach tha aon rud eile a dh’fheumas mi a chur riut san dealachadh. ’S math dh’fhaodte gun canadh cuid a tha ag èisteachd rid fhreagairtean gu bheil cuibhreann ded chiall air a dhol air seachran ort. Dè theireadh tu ri neach a chuireadh sin às do leth?”
“Cha shaoil mi gum b’ urrainn dhomh a dhol gu tur às àicheadh,” fhreagair Seumas. “A dh’aindeoin sin, chan eil ann an ciall ach rud do-fhaicsinneach nach gabh tomhais, rud a thig agus a dh’fhalbhas a rèir an t-suidheachadh anns am bi thu. Ma tha thu a’ meas mo
Thug i taing do Sheumas am fianais an t-saoghail, agus thàinig caibideil bheag eile gu ceann ann an leabhar toinnte, buaireasach a bheatha.
title | 46. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |