48. Faoilleach Sheumais
Diluain 01 – Tha mo cheann goirt. Carson a tha mi a’ tòiseachadh na bliadhna le ceann goirt? Chan eil mi cinnteach an robh mi a’ cur fàilte air bliadhna ùr no a’ leigeil beannachd le seann bhliadhna. Droch bhliadhna a bha siud. Bha i làn de chogaidhean is de gheallaidhean briste. Tha mo cheann goirt mun àm seo a h-uile bliadhna. Cleachdadh a tha ann. Dìreach cleachdadh. Thathar a’ dùileachadh gum bi do cheann goirt. Thuirt Murchadh agus Annag gun tadhaileadh iad a-nochd.
Dimàirt 02 – Tha mo cheann goirt a-rithist. Bha botal mòr aig Murchadh. Dh’òl mi fhìn ’s e fhèin gach deur a bha sa bhotal. Chan òladh Annag an t-uisge-beatha idir. Ach ghabh i an deoch a dh’aindeoin sin. Chuir i an oidhche seachad ag òl bhodca. Agus ged a bha i a’ cur orainds na cheann chuir e an deoch oirre. Chan eil fios agam carson nach eil Annag agus Murchadh a’ pòsadh. Chan eil fios an tadhail duine a-nochd. Chan eil a’ bhliadhna cho ùr ’s a bha i a-raoir. Tha mise cuideachd nas aosta na bha mi a-raoir. Agus Murchadh. Agus Annag.
Diciadain 03 – Cha robh duine a-staigh a-raoir. Tha, tha a’ bhliadhna a’ fàs sean mar tha. Faisg air dà mhìos dheug gus am Bliadhn’ Ùr eile ann. Ach ghabh mi drama no dhà ged bha mi nam aonar. Chan eil math a leigeil a dhìth. Bha mi a’ leughadh leabhar le Jilly Cooper. Bu chaomh leam tachairt rithe. Tha sneachd air an talamh, air mullaichean nan taighean agus air na craobhan. Tha e fuar. Tha am Faoilleach fuar.
Diardaoin 04 – Chan eil an saoghal cho cadalach an-diugh ’s a bha e an-dè. Ach tha mise cadalach a dh’aindeoin sin. Tha a’ Bhliadhn’ Ùr seachad. Ach cha tàinig aiteamh fhathast. Bha mi a’ fònadh gu Màiri ann an Canada. Tha iad uile gu math.
Dihaoine 05 – Bhàsaich an cù. Bha e ceithir bliadhna deug a dh’aois. Bha beatha shocair, mhath aige. Tha mi ga ionndrainn. Tha cnatan a’ tighinn orm.
Disathairne 06 – Tha mi làn den chnatan. Fhuair mi litir bhonReader ’s Digest ’s iad a’ maoidheadh duine beairteach a dhèanamh dhìom. Thilg mi an litir don teine. Ach dè mas e m’ ainm a thig às an aid? An deach m’ ainm a-riamh innte? Bha tubaist aig Calum Ailig leis a’ chàr. Cha deach duine a ghoirteachadh.
Didòmhnaich 07 – Ged a tha an cnatan orm fhathast, chaidh mi don eaglais anns a’ mhadainn. Chuir am ministear Bliadhna Mhath Ùr oirnn. Ach cha tug e drama dhuinn idir. Bha e ag ùrnaigh airson luchd-riaghlaidh an t-saoghail. Agus airson nan daoine truagha a bha a’ gabhail nan drogaichean. Airson nan daoine a bha fo bhròn. Cuideachd, dh’iarr e air Dia stad a chur air na cogaidhean. ’S iomadh rud a dh’iarr e air Dia anns na h-ùrnaighean an-diugh. Bha Peigi Alasdair san eaglais. Feumaidh gu bheil i nas fheàrr a-nise.
Diluain 08 – Chaidh mi air ais a dh’obair. Diluain an t-Sainnseil. Tha a’ Bhliadhn’ Ùr dha-rìribh seachad. Bha an sgoil dìreach mar a bha i nuair dhùin sinn ron Nollaig. Làn de mheabanan crosta. Thuirt mi “Bliadhna Mhath Ùr” riutha, agus chuir Ùistean Dòmhnallach a-mach a theanga. Cha robh na tidsearan eile toilichte a bhith air ais na bu mhò. Chan eil Diluain math san sgoil uair sam bith. Uair a thìde gu leth de 2C. Chuireadh iad Iob fhèin gu a dhùbhshlan, ged nach cuala iad a-riamh mu dheidhinn. Cha robh na tidsearan a’ bruidhinn mu chàil ach mu fhoghlam. Aithisg Mhic an t-Sealgair no rudeigin. ’S iongantach mura feum mi a leughadh, no cha bhi Mgr Clancy air a dhòigh. Gu h-àraidh ma thig luchd-sgrùdaidh.
Diamàirt 09 – Chan eil mòran den t-sneachd air fhàgail. Thàinig Miss Butterworth don sgòi1 le fàinne oirre. Daoimeanan mòra, faileasach, a cheannaich croitear às a’ Bhaile Tuath. Bha na
Diciadain 10 – Tha uisge uabhasach ann. Fhuair am ministear gairm gu coitheanal ann an Canada. Bha coinneamh aig na tidsearan. Tha iad a’ bruidhinn air stailc mur toir an riaghaltas tuilleadh ùine dhuinn airson ceartachadh. Rinn mi bàrdachd mun Bhliadhn’ Ùir san uair a thìde a bha mi saor. Dh’innis Miss Butterworth dhuinn gu bheil i fhèin ’s an croitear a’ dol a phòsadh sa Mhàrt. Thuirt Mgr Goodfellow gum bu chòir dhuinn uile a bhith ag ùrnaigh airson a’ chroiteir.
Diardaoin 11 – Cha toigh leam Diardaoin. Anns an sgoil gu còig uairean. Bha mi ag obair air Aithisg Mhic an t-Sealgair. Chan fhaca mi a leithid de sgudal a-riamh. Thairg Murchadh cuilean dhomh. Cha do ghabh mi e. Chan eil cho fada bho bhàsaich Rex. Bha Miss Butterworth fada gun a dhol dhachaigh cuideachd.
Dihaoine 12 – Chaidh taigh Aonghais Ruaidh na theine. Ach fhuair e fhèin agus Seònaid às lem beatha. Chan eil suas dheth ach na ballachan. Chuala mi gillean san sgoil a’ seinn òrain chrosta, agus thug mi gu Mgr Clancy iad anns a’ bhad. Rug Miss Butterworth air Seònaid Bhàn a’ smocadh san taigh-bheag. Thug Miss Butterworth òraid dhi mu chunnartan smocaidh, agus chaidh i fhèin an uair sin do rùm nan tidsear a ghabhail fag. Nuair bhuail an clag aig ceithir uairean bha mi toilichte gun robh seachdain eile san sgoil seachad. Tha mi a’ leughadh leabhar eile le Jilly Cooper. Tha prògram Gàidhlig air an telebhisean a-nochd. ’S ann mu ciamar a bheirear croitearachd a-steach do eaconamaidh nan Turcach a tha e. Fhuair Màiri NicLùcais cuairt don Tuirc a bhruidhinn ri na croitearan Turcach.
Disathairne 13 – Bha mi aig bùthWondercosa mhadainn. Chunnaic mu Ùistean a’ Chlachair a’ ceannach uisge-beatha saor. Mharbh càr cearc le nighean Aonghais Bhàin. GhabhMontroseairRangers3-0. Chaidh Beathag Uilleam Aonghais Màiri a thoirt don
Didòmhnaich 14 – Dh’innis am ministear san eaglais gun deach a ghairm a Chanada, agus gun ghabh e ris a’ ghairm seach gun robh barrachd feum aig daoine air Dia ann an Canada na bha aig na daoine cràbhach an seo. Ach chan fhalbhadh e gus am biodh e an làithair aig pòsadh a’ chroiteir is Miss Butterworth. B’ e Is beannaichte na daoine macanta an ceann-teagaisg a bha aige. Bha ad ùr eile air Eilidh. Pizzaaig mo dhiathad an-diugh – Gino Ginelli, no rudeigin. Thug mi sùil aithghearr air Aithisg Mhic an t-Sealgair. San leabaidh ro dheich uairean, agus siud gràisg a’ dol seachad. Cha ghabh iad fois air an t-Sàbaid fhèin.
Diluain 15 – Fhuair mi na h-aistean bho 5M. Dhìochuimhnich Aonghas MacLeòid aiste a thoirt a-steach, ach thuirt e gun tugadh e a-steach i a-màireach. Dh’fhalbh Mgr Clancy gu coinneamh ann an Glaschu, far am biodh iad iad a’ bruidhinn mu Aithisg Mhic an t-Sealgair. Sìos donRed Lionairson pinnt feasgar. Bha athair Aonghais MhicLeòid ann. Thuirt e nach eil fios aig Aonghas air mòran mu bhàrdachd, ach gum faighinn an aiste a-màireach.
Dimàirt 16 – Fhuair mi an aiste bho Aonghas MacLeòid. Chunnaic mi Miss Butterworth san trannsa. Thuirt i rium gun robh madainn mhath ann, ged nach robh. Thàinig anNational Geographictron phost.
Diciadain 17 – Thill Mgr Clancy feasgar. Bha coinneamh san sgoil nuair a thill e, seadh aig na ceannardan, ach cha do dh’innis iad dhuinne idir, do na h-ìslean, ciamar a chaidh coinneamh mhòr Ghlaschu mu Aithisg Mhic an t-Sealgair, ach a-mhàin gun tuirt Mgr Bottomley nuair sgaoil iad, “Atharrachaidhean mòra gu bhith ’n seo, a nàbaidh!” Fhuair mi litir bho Mhàiri à Canada. Tha Dùghall a’ dèanamh gu math sa cholaiste. Thairg Murchadh cuilean eile dhomh, ach tha e ro thràth fhathast às dèidh Rex. Chuir mi dealbh de Rex os cionn an t-simileir.
Diardaoin 18 – Chomharraich mi na h-aistean aig 5M. Bha mòran dhiubh làn de dhroch Ghàidhlig. Cha robh aiste Aonghais
Dihaoine 19 – Beagan sneachd an-diugh a-rithist. Thug mi na h-aistean air ais do 5M. “Tha mi ag iarraidh Gàidhlig a leigeil seachad,” ars Aonghas MacLeòid. Chuir mi sìos gu Mgr Clancy e, agus thug Mgr Clancy cead dha Gàidhlig a leigeil seachad. Leugh mu tuilleadh de leabhar Jilly Cooper. Sheall mi riCoronation Street – sgudal gun bhrìgh. TheabNews at Tenmo chur a chadal – cha b’ e naidheachdan a bh’ ann, ach beachdan! Cha robh am film dona. Rudeigin crosta, ’s dòcha. Sgrìobh mi gu Màiri ann an Canada, ’s dh’innis mi dhi mun ghairm a fhuair am ministear.
Disathairne 20 – Sìde mhath, fuar ach tioram. Sgioblaich mi timcheall air an taigh. Bha cuideigin air leth-bhotal falamh a shadail a-steach don ghàrradh san dol-seachad. Bha mi a’ bruidhinn ri Murchadh. Tha e a’ dol cuairt a Shasainn, e fhèin is Annag. Tha na craobhan bochda a’ coimhead cho lom, ’s chan eil lorg air flùraichean an t-samhraidh. Tha na feasgaran cho fada agus cho dorch. Pinnt is telebhisean. GhabhMontroseairCeltic3-0.
Didòmhnaich 21 – Bha am ministear a’ searmonachadh mu na h-òighean glice ’s mu na h-òighean amaideach. Bha Murdag Ruadh a’ coimhead rudeigin mì-chofhurtail. Chuala mi na h-eòin anns a’ mhadainn, ach cha do mhair an t-seinn ro fhada. Thuit mi nam chadal eadar trì is ceithir. Bha feadhainn san eaglais nach do dh’aithnich mi, ach cha robh mòran den òigridh innte. Cha robh duine air 2C no air 5M innte. Cha robh Mgr Clancy innte, oir bidh esan a’ dol don eaglais spaideil air an t-Sràid Àrd. Bha Miss Butterworth innte, ach cha robh an croitear còmhla rithe idir. Cha mhòr nach cuir duine umhail air an latha a’ fàs beagan nas fhaide.
Diluain 22 – Rinn mi seanfhacail leotha an-diugh, ged a tha daoine mòra an fhoghlaim ag ràdh gu bheil iad sean-fhasanta. Thadhail Mgr
Dimàirt 23 – Tha a’ bhanrigh fhathast air an leabaidh. Thàinig naidheachd-bàis Uilleam Dhòmhnaill Bhig a bh’ ann am Manchester. Bha 2C glan às an ciall. Cha ghabhadh iad an ceannsachadh. Cha do dh’ionnsaich 5M na seanfhacail ach ma làimh. Thug mi còig eile dhaibh. Thòisich mi air leabhar ùr le Jilly Cooper.
Diciadain 24 – Tha a’ bhanrigh nas fheàrr. Dh’ith i ciopair gu a bracaist. Chaidh mo bhaidhsagal a ghoid bho thaobh a-muigh na sgoile. Dh’innis mi do Mhgr Clancy gun deach am baidhsagal a ghoid, ach bu bheag a dhiù. Thuirt e gum bu chòir dhomh bhith air a cheangal ris a’ ghàrradh faisg air Rùm 4. Dh’innis mi do Ghoodfellow cuideachd, ach cha robh dragh aigesan na bu mhò. Thàinig laigse airBatmanann an 2C nuair a bha sinn a’ leughadh sgeulachd. Chuir miBatmansìos chun na nurs nuair thàinig e timcheall, ach cha do thill e don chlas idir. Tha an leabhar aig Jilly Cooper uabhasach math. Dh’fhòn cuideigin à Sabhal Mòr Ostaig a dh’fhaighneachd am biodh sinn a’ cur oileanaich thuca. Thuirt mi ri Mgr Clancy gum bithinn-sa toilichte 2C air fad a chur thuca. Cha do chòrd sin ri Mgr Clancy.
Diardaoin 25 – Thòisich na deuchainnean. Fhuaireadh mo bhaidhsagal ann an dìg trì mìle bhon sgoil. Cha deach a mhilleadh idir. Dh’innis mi do Mhgr Clancy gun deach am baidhsagal a lorg, ach cha robh dragh aige. No aig Mgr Goodfellow. Bha na sgoilearan a’ suidhe Beurla. Cha do chòrd am pàipear ri Aonghas MacLeòid, ged a thuirt càch nach robh e buileach dona. Ach cha robh Shakespeare no
Dihaoine 26 – Fhuair Mgr Clancy càr ùr. Toyota, agus dath gorm air. Cha tug mi am baidhsagal don sgoil. Bha a’ chlann a’ coimhead ris a’ char ùr aig Mgr Clancy, gu h-àraidh 2C. Ach thuirtBatmannach eil e idir cho snog ris a’ chàr a tha aig athair-san. Bha coinneamh againn aig trì uairean. Bha sinn a’ bruidhinn air Aithisg Mhic an t-Sealgair. Ma gheibh Mac an t-Sealgair leis, bidh sinn a’ tòiseachadh san sgoil aig ochd uairean agus a’ sgur aig leth uair às dèidh dhà. Chuir mi an aghaidh nam molaidhean. You ’re not progressive enough, old chep, thuirt Mgr Clancy. Chunnaic mi gàire air aodann Miss Butterworth. Bha aimhreit ann an Iorac.
Disathairne 27 – Tuilleadh aimhreit ann an Iorac. Fhuair mi cuireadh gu banais Miss Butterworth. Cairt àlainn le RSVP oirre. Litir bhon Chomunn Ghàidhealach a’ faighneachd a bheil mi ag iarraidh leabhar ùr a cheannach – Na h-Uaislean le Calum O’ Murchaidh. Cairt-puiste bho Mhagaidh a bha air a dhol sìos guStratford Upon Avona shealltainn air a piuthar. CatalogbhoHosby & Son. Ghabh Montrose airHearts3-0.
Didòmhnaich 28 – Ad ùr eile air Eilidh. Cha robh mòran san eaglais.
Diluain 29 – Bha an deuchainn Ghàidhlig aig 5M. Bha an t-eadar-theangachadh rudeigin doirbh. Sheall mi tro na freagairtean. Obh, obh! Thuirt Iorac gun cuireadh iad na Stàitean Aonaichte nan teine, agus thuirt na Stàitean Aonaichte gun cuireadh iadsan Iorac na theine. Leig fear de mhinistearan a’ Chrùin dheth a dhreuchd – rudeigin mu mhì-chosg air airgead. Rinneadh Tòmas Barrington-Smythe na mhinistear na àite. Chrìochnaich mi leabhar Jilly Cooper. Bha mi a’ coimhead tro sheann lethbhreacan de Gairm. Bha Fear na Cathrach uabhasach èibhinn. Bha coileach àraid air còmhdach nan irisean. Cheannaich mi brogan ùra às dèidh na sgoile.
Dimàirt 30 – Bha mi a’ comharrachadh nan deuchainnean aig 5M. Fhuair Sùsaidh NicPhàil 89% . Thuirt i gu bheil dùil aice Ceiltis a dhèanamh san oilthigh, agus an uair sin a dhol a-steach airson
Diciadain 31 – Chrìochnaich mi pàipearan 5M. B’ i Sùsaidh NicPhàil a b’ fheàrr a rinn. Thuirt Miss Butterworth gun rinn i math ann am Beurla cuideachd. Bha athair Aonghais MhicLeòid sanRed Lion. Thuirt e gu bheil Aonghas a’ dol a dh’fhàgail na sgoile a’ chiad chothrom a gheibh e, agus gu bheil e a’ dol a dh’fheuchainn ri obair fhaighinn ann an Glaschu. “Bidh mise ag ràdh ris,” ars esan, “ciamar a gheibh thu obair ann an Glaschu? Chan eil obair gu leòr ann an Glaschu do mhuinntir Ghlaschu fhèin!” Cha robh Mgr Clancy cho greannach an-diugh. Siud ciad mhìos na bliadhna seachad. Paisgidh mi a-nise mo leabhar-latha.
title | 48. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |