5. Aon Uair Eile?
Cha tàinig Dòmhnall a-mach às an toll fad trì bliadhna. Bha fios aige gun robh e ann fad trì bliadhna, oir bha an t-uaireadair aige fhathast a’ dol agus bha e air a bhith a’ cunntadh nan làithean. Ged nach robh e gu tur cinnteach, bha e a’ smaoineachadh gun robh an cogadh seachad.
Ach an dèidh sin bha eagal air. Bha eagal air nan deigheadh e a-mach ro aithghearr gum biodh a chuibhreann fhèin ga fheitheamh. Chuimhnich e air a’ chalman a chuir e a-mach. Cha do thill an calman idir. Ach dh’fheumadh crìoch tighinn air biothbhuantachd, na bheachd-san co-dhiù.
Dh’fhosgail e na deich dorsan, a bha, fear air muin fir, a’ dùnadh beul an tuill. Leig e a shùil a-mach an toiseach, agus thòisich a shùil a’ leughadh. Bha e follaiseadh gun rinn am boma a dhleastanas, agus eadhon fhathast bha sgòthan bagarrach de dhuslaich a’ seòladh os cionn an fhàsaich. Thug Dòmhnall a-steach anail agus bha fios aige gun robh e fhathast beò.
Cha robh càil mun cuairt ach dorchadas, agus bha Dòmhnall a’ faicinn an dorchadais. Thàinig e a-mach às an toll agus thòisich e a’ coiseachd. Cha tàinig e tarsainn air aon chorp, air aon uaigh, air aon chladh.
Rinn, rinn am boma a dhleastanas. Bha dorchadas an fhàsaich mar fhianais air sin. ’S cha robh faileasan an dorchadais a’ cur eagal air. Cha robh. Cha robh faileasan ann.
Bha e a’ coiseachd ’s a’ coiseachd. Agus mhothaich e gun robh
Sa choiseachd, chunnaic e rionnag, fada shuas os a chionn. Dh’aithnich e gur e rionnag a bha innte, agus dh’aithnich e gun robh e air an t-slighe cheart. A’ chiad sholas. A’ chiad bhoillsgeadh de bhiothbhuantachd ùr. Bha ceann-uidhe aige a-nis, agus rinn e air an ionad a bha an rionnag a’ comharrachadh.
Choisich e mìle bliadhna, no aon là, mus do ràinig e e. Bha gàrradh mòr timcheall air. Agus timcheall air a’ ghàrradh bha fàsach agus dorchadas. Am broinn a’ ghàrraidh bha craobhan làn de dhuilleagan, feur a’ fàs, tais agus gorm, ’s e air a bhreacadh le flùraichean ioma-dhathach.
Chunnaic Dòmhnall geata ann an oisean a’ ghàrraidh. Dh’fhosgail e an geata agus chaidh e a-steach. Smaoinich e ma bha geata ann, gun robh e na chuireadh gu mìlseanan no eile a dh’fhaodadh a bhith a-staigh. Mìlseanan ... no eile? B’ e sin an cunnart. Chaidh Dòmhnall a-steach.
Bha an gàrradh blàth. Bha grian anns a’ ghàrradh. Agus a-nis bha Dòmhnall sgìth. Bha a’ ghrian cho blàth. ’S cha robh sgeul air an dorchadas. Cha robh càil air fàire ach crìochan a’ ghàrraidh.
Shìn Dòmhnall a bhodhaig fo sgàil craoibhe. Chaidil a chorp agus inntinn, agus chaidil a mhac-meanmhain cuideachd. Chaidil na craobhan, agus am feur, agus na flùraichean. Cha robh solas ann agus cha robh dorchadas ann. Cha robh ann ach cadal.
Ach bha dùsgadh ann cuideachd. Thàinig an dùsgadh sa mhadainn. Agus thàinig a’ mhadainn aig crìoch na h-oidhche. Agus thàinig crìoch na h-oidhche aig crìoch biothbhuantachd. Bha dealt air an fheur, air na flùraichean ’s air na duilleagan, air an t-saoghal.
San dùsgadh, dh’fhosgail Dòmhnall a shùilean. Bha saoghal anns a’ ghàrradh. Sheall Dòmhnall mun cuairt. Ri thaobh, chunnaic e
Sheall Dòmhnall fad ùine mhòir a’ coimhead a’ chnàimh. Anns a’ choimhead, chunnaic e solas a’ deàlradh air a’ chnàmh, agus a-mach às an t-solas dh’èirch cruth boireannaich. Bha Dòmhnall riaraichte leis an t-solas, toilichte nuair dh’fhalbh an t-aonranachas.
“Dè an t-ainm a th’ ort?” dh’fhaighnich e.
“Seall air na craobhan,” ars ise. “Nach iongantach mar a dh’fhàs na craobhan. Bha mi anns an fhàsach,” ars ise. “Ainm?” ars ise. “Dè th’ ann an ainm?”
Bha a’ ghrian cho teth. Chunnaic Dòmhnall an dealt ag èirigh mar cheò.
“Seall air na craobhan,” ars ise. “Seall na h-ùbhlan a tha a’ fàs air na craobhan. Tha mi ag iarraidh fear de na h-ùbhlan sin,” ars ise.
Chunnaic Dòmhnall rudeigin a’ gluasad aig bun craoibhe. Cha do dh’aithnich e dè a bha ann. Chuala e an uair sin an rud a bha ann a’ gàireachdainn. A’ gàireachdainn ’s a’ gàireachdainn.
Choisich Dòmhnall a-null chun na craoibhe. Chuimhnich e air an fhàsach agus air an dorchadas. Chuir e a làmh gu socair timcheall air aon de na h-ùbhlan. Cha do ghearain an t-ubhal nuair spìon Dòmhnall bhon chraoibh e.
Thug e dhi an t-ubhal. Chaill an t-ubhal a dhath nuair bhuail a fiaclan ann.
Sheall Dòmhnall ris a’ ghrèin. Chuala e guth anns a’ ghrèin.
“Obh ... obh ... obh. A bheil seo a’ dol a thòiseachadh a-rithist?”
title | 5. |
internal date | 2014.0 |
display date | 2014 |
publication date | 2014 |
level | |
reference template | MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p |
parent text | Caogad san Fhàsach |