[54]

8. Leasain

A’ chiad air ais. Seachdainean fada an t-samhraidh a’ nise a’ faireachdainn cho goirid. Bha i na boil, mar bu tric a bha, air achiad air ais. Miss Munro. Bha na daoimein fhathast air a corraig, ged nach robh sgeul air bann dùinte de òr.

A-nise, a chlann, seo pìos de phàipear an urra. Sgrìobhaibh cunntas air na saor-làithean, ag innse ciamar a chòrd iad ribh.”

Dia gar beannachadh! An aon rud a h-uile bliadhna. ’S iongantach mur robh fios aice air barrachd mu shaor-làithean na bha aig Tòmas Cook.

Bha mi asealltainn air mo sheanairs air mo sheanmhair. Chunnaic mi na cearcan. ’S bha mi acluiche còmhla ris achù. Bha an t-sìde math, agus chòrd e rium gu mòr. Bha mi fhìns mo bhràthair acuideachadh ar seanars ar seanmhar leis amhòine, agus ghabh sinn agus sgonaichean a-muigh air abhlàr. Bha sinn glè sgìth, ach bha e math.

Agus an còrr den ùine bha mi aig an taigh. Bha mi a-muigh a h-uile agus bha mi glè bhrònach nuair thàinig na làithean saora gu ceann ...

... ’s mar sin air adhart.”

Daingead! an còrr a burrainn dhut a ràdh? Dhfheumte an fhìrinn innse agus breugan mac-meamna a sheachnadh. Bha bàrdachd na bliadhnan-uiridh cho fada air falbh, ’s an rosgs an gràmar.


[55]

Thuirt an luchag anns an toll
s tu dhfhàg mi buileach fo bhròn.

Cha be. Cha be sin idir a bha ann. an diofar?

Tìogar, tìogars tu nad theine
ann an coilltean chraobh na h-oidhch
ciod an làmh non t-sùil neo-bhàsmhor
bu sheis dod shrianagain cho grinn?

Cha be. A-rithist cha be buileach. Ach a-rithist an diofar?

Nuair a ràinig sinn Hull, bha bàta mòr aig achidhe. Biast de shoitheach, coltach ri taigh-òsta air bhog. ’S chunnaic mi bàt’ -aiseig Steòrnabhaigh adol seachad, coltach ri tuba a rinneadh le droch chùbair. Mun àm seo bha sinn abruidhinn ri chèile, sinne agus càch.

às a tha sibh? tha sibh adèanamh? Ciamar a bha an aimsir agaibh? An robh sibh thall-thairis roimhe? Na ghabh sibh pileachan airson cur-na-mara?”

(Siud am bàt’ -aiseig adol seachad a-rithist!)

Tha mi an dòchas nach bi e ro theth. Mo chasan. ’S chan fhaighinn eadhon leth paidhir bhrògan ann amMarksa fhreagradh mi. An dùil am biMarksanns aGhearmailt?”

Gnothaichean cudromach an t-saoghail.

Bha am bàta socair. Cha robh i idir coltach ri tuba. Biadh is deoch is cadal. “Schindler ’s List” ga shealltainn air aChlàr Dhearg. Agus sinne adèanamh air aGhearmailt. Nach robh sin èibhinn?

Thug Miss Munro na h-aistean a-steach. Bha fichead Miss Munro air abhàta. Bha iad anns abhus.

Cus de obair-pàipeir ann am foghlam an-diugh. Sia mìosan eile, ’s bidh mo shaorsa agam. tha thusa adèanamh?”

Tidsear.”

Seadh, tidsear. Thoir thusa dhaibh aiste mu na saor-làithean achiad air ais. Bheir sin dhut cothrom do chasan a lorg.”


[56]

O nach robh mi thall sa ghleann afuireach,
an àita bhithn-dràstdon Eòrpasiubhal.

Biom-bom. “Tha abhùth air aChlàr Ghorm a-nise fosgailte.”

cheudfagagus botal uisge-beatha. Saor bho chìsean.

Dùthaich bhrèagha tha seo. Nach mòr am beud muneachdraidh.”

An robh sibh afònadh dhachaigh?”

Bha.”

Càil às ùr?”

Chan eil. Dìreach an t-sìde.”

Ah, mu dheireadh thall. Hamburg. Rinneadh sgrios mòr an seo achogaidh. Cha be nach robh iad airidh air.”

A-nise, na tòisich.”

Cha bu mhise a thòisich. Iadsan a thòisich. Thug iad ionnsaigh air aPhòlainn.”

Elaine. Leis an eachdraidh bho dhfhàg sinn Rotterdam.

Pìos math adol a dhìth,” arsa fear a bha air mo chùlaibh. Bha mi ga fhaicinn san sgàthan. Bha e ceithir fichead ma bha e latha. Thug a bhean droch shùil air. Ach cha tuirt i facal ris. Bha e ro aost.

Chaidh mòran a mharbhadh,” ars Elaine. “Ach dhfheuch iad ri na togalaichean a binbheile a sheachnadh. Na daoine a bha iad ag iarraidh. Còig mionaidean, ’s bidh sinn aig an taigh-òsta.”

Taing do Shealbh.

“ ’S a-nochd, thèid sinn a-mach cuairts gum faic sinn Hamburg na h-oidhche.”

Bha mòran de sholais dhearga ann an Hamburg na h-oidhche. Coltach ri Soho. No ri Glaschu.

Àite garbh,” arsa ministear gun choilear.

“Wilkommen,” ars an taigh-òsta.

BhaTrabantbeag, gorm air taobh thall na sràide. Fear a thàrr às bhon taobh an ear, an dèidh dhaibh an gàrradh a leagail. Uaireigin, rinn fear de Chinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte òraid aig aghàrradh. An Ceanadach. Cha do mhair e fada às dèidh sin. Cha robh boireannach aca a-riamh na Ceann-suidhe, gu h-oifigeil co-dhiù.


[57]

Eachdraidh,” arsa Miss Munro. “An dàrna duilleag deug thar an trì fichead, agus an còigeamh caibideil, atòiseachadh aig an toiseach. tha thu aciallachadh, gun dhìochuimhnich thu do leabhar? Ciamar a leughas tu mu na Ròmanaich mur eil do leabhar agad? SgrìobhChan fhaod m mo leabhar eachdraidh a dhìochuimhneachadhceud turas.

Na Ròmanaich. Carson nach do dhfhuirich iad far an robh iad?

Bracaist aig ochd. ’S bidh sinn afalbh aig naoi gus am faic sinn na fìon-liosan, is sràidean, is togalaichean, is pàircean.”

Rola chruaidh agus ìm Gallda. Abair bracaist! ’S beag an t-iongnadh ged a chaill iad an cogadh.

Ach tha an leann math. Ann an glainneachan le casan mòra, tiugha, coltach ri na casan aig Murdag. Cha robh Murdag a-riamh air aiseag Steòrnabhaigh. Tha an leann math.

Hitler a thug a-thaobh iad,” ars Elaine. “Bha oifisean aca air an t-sràid seo. An togalach mòr sin. Pàirt de eachdraidh an t-saoghail.”

Eachdraidh gu dearbha!

Cuin a bha Blàr Allt aBhonnaich ann? Cuin a ràinig Columbas Ameireaga? Cuin a chaidh tràillealachd a chur à bith?”

Eachdraidh an t-saoghail,” arsa Miss Munro.

An teas! Bodaich le briogaisean goirid, agus casan laorcach. Cailleachan le gàirdeanan rùisgte, agus craiceann laorcach.

A bheil e acòrdadh ribh?”

Tha. Ribh fhèin?”

Tha. Mur a bitheadh an teas.”

Hitler agus Hess acoiseachd anns an teas. Briogaisean fada agus còtaichean mòra. Bha iomadh taibhs air an t-sràid. Iomadh taibhs agus iomadh manadh. Brògan mòra abualadh na sràide.

Eva a ghràidh, ’s tu dhfhàg mi buileach gun sunnd,
s mi feuchainn an-dràstri buaidh a thogail bhon ghrunnd.

Bha an eachdraidh air fad aig Elaine.

“ ’S an-diugh,” ars ise, “tha Nàsaich ùra ann. Tha fàinneachan nan srònan, mar a chitheadh tu ann an sròn tairbh, ’s am falt air a


[58] bhearradh gu dlùth.”

Thuit Màiri Nic an t-Sealgair na cadal nuair chuir i crìoch air an aiste. Bha srann aice, coltach ri itealan Gearmailteach. Dhùisg i nuair thuit na bomaichean. ’S cha robh Miss Munro toilichte.

Chan ann mar sin a tha thu ga litreachadh idir.”

Ciamar eile?”

Nach eil fios agad gu bheil litreachadh ùr ann? Litreachadh ùr ann an saoghal ùr.”

Tha, ach ... ”

Bha a h-uile càil cho ùr nuair a dhùisg Màiri.

Màiri bhòidheach, sgeul mo dhàin,” mar a bhiodh Seonaidh ag ràdh rithe. ’S bhiodh i adol às a ciall ris, ’s acur na chuimhne gun robh ise afalbh leis an Oraindsear Ruadh. Linn na h-òiges an neo-chiontais, gun ghuth againn air cogaidhean ach air cogaidhean Miss Munro a-mhàin. Bann an leabhraichean a bha na cogaidhean sin, cogaidhean gun bhrìgh.

Agus thàinig an cogadh gu ceann. Agus thill na fiùrain, co-dhiù cuid dhiubh. Sin a chaidh innse dhuinne, aig nach robh cuimhne air cogadh.

Thill na gaisgich; O, thill na fiùrain
Mar bha dùil acgu tìr agheallaidh,
Ach mar a bfhaisge a rinn iad dlùthadh
Cha robh san dùthaich ach tìr amheallaidh.

Bha mise ann amBomber Command,” ars am bodach aig an robh sùil ann an Elaine.

Caol ri caol is leathann ri leathann,” arsa Miss Munro ri Màiri.

Bha sinn dona gu bhith atarraing à Miss Munro. Agus chuimhnich mi air an a thug Donaidh Morocco oirnn feuchainn ach a gheibheadh an comharradh a bìsle ann an eadar-theangachadh. Burraidh uabhasach. Be Calum Brògach a rinn achùis. Dheadar-theangaich esomersaultle salainn-samhraidh, agusmoreoverle tuilleadh-tarsainn aguscarpenterle peantair-chàraichean. Agus cha


[59] bi an duais a bfheàrr a fhuair e bho Mhiss Munro. Thug i dha na chumadh asgrìobhadh e fad seachdain. Agus rinn Donaidh Morocco poilitigs, eachdraidh agus feallsanachd san oilthigh. Duine comasach. Dhfhàg e an sgoil le làn a dhùirn de chuspairean air teisteanas. Fhuair e obair ann an Oifis na h-Alba.

Chuir Elaine teip air sa bhus. Lìon am bus le fuaim. Bha cuid ann a theireadh ceòl ris. Love in the Mist, air èigheachd le còmhlan ris an canteNa Balearics. Bha am bodach bochd ann am bruaillean.

Sguir sinn a leughadh mu na Ròmanaich nuair thàinig iad a Bhireatainn. Iad fhèin agus Iulius. Cunntas a-nise. No matamataig, mar theirear ris sa Ghall-Ghàidhlig:

Nuair thèid dhà is dhà nan còig
s a chunntas mi caoraich far nach eil ach uain,
chì mi ann an saoghal gun shùilean
sealladh air mearachdan na h-eachdraidh,

* * *

s nuair thèid dhà is dhà nan ceithir
chì mi saoghal tro mo shùilean eile,
is cluinnidh mi dàn,
ag innse dhomh nach be mo chòir
a bhith ag èisteachd ri eachdraichean-brèige.

an diofar ged bhiodh dhà is dhà adèanamh còig? Thuirt Miss Munro gun robh diofar mhòr ann. Agus thuirt Elaine gun robh an eachdraidh ceart, co-dhiù gun robh i fìor.

S aig Rotterdam, bha am bàta mòr gar feitheamh uair eile. Agus air bòrd bha cearcan mo sheanar, trang abreith uighean anns aghrèin. Agus an na shuidhe, asguabadh na bha mun cuairt air le earball.

Bha an t-àm ann aiste eile a sgrìobhadh do Mhiss Munro, oir bha achiad air ais a-rithist gu dian adlùthachadh. Bha mi daonann asgrìobhadh aistean do Mhiss Munro, agus bha ise daonann gan comharrachadh. Bha i an siud an àiteigin, fada air falbh, ach cho


[60] uabhasach faisg, a’ teannachadh geimhlean na saorsa.

Agus thuig mi nach robh càil san t-saoghal ach cluiche. Sinne acluich air siubhal tro na bha an dàn adeachdadh dhuinn, Elaine acluich air eachdraidhs i afoghlaim nan aineolach, Donaidh Morocco dìreach acluich, Miss Munro acluich air leasain agus feadhainn eile acluich air bàrdachd. Agus na biargalta na iad sin uile, thuig mi gun robh dàn neo-ainmichte acluich le beatha.

An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach (no buadhach) ”, arsa cuideigin na bu ghlice na mise. Bha mi air fàs ro aost airson leasain. Ach dhionnsaich mi aon rud. Be sin gur tearc an ceithir a nithear le dhà is le dhà, oir chan eil a h-uile càil idir an co-còrdadh ri a choltas.

title8.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page