[61]

9. Tobar nan Trì Uisgeachan

Is iongantach gun cuala neach ann am Baile Choinnich a-riamh mu Thobar an Fhìona a bhann an eilean beag sa Chuan Shèimh. Aig amannan sònraichte den bhliadhna, nuair bhiodh an fhìon-dhearc gu bhith abaich, ’s nuair thigeadh Rionnag an Abachaidh a-mach bho chùl gealach amheadhain-oidhche, gheibhte fìon às an tobar an àite uisge. Be fìon blasta, dearg a bha ann, ’s nuair bhiodh an fhìon-dhearcs an Rionnag aig ìre choileanta a rèir a chèile bhiodh mnathan an eilein atighinn cruinn aig an tobar le soithichean de gach seòrsa airson am fìon a thogail. Cha robh e ceadaichte do fhir an eilein aon bhoinne fìona a thoirt às an tobar, oir bha facal ann an eachdraidh an eilein a bha ag ràdh nan tugadh fireannach fìon às an tobar gum fuilingeadh e sileadh-fala mus nochdadh Rionnag an Abachaidh a-rithist. Bha seo adol air ais gu àm Blàr aChòco, nuair ghabh Rastas Mòr anails a dhòl e deoch de fhìon às an tobar. Thug sin cothrom don arm eile, fon stiùireadh aig Carman Breac, iad fhèin a sgioblachadh, agus chaidh Rastas a mharbhadh, ’s an soitheach fìona aige fhathast na làimh. Agus bann à sin a dhèirich an seanfhacal: ’S fheàrr crìoch a chur air an obair mus gabhar an anail a ghabh Rastas. Co-dhiù, biad mnathan a-mhàin a bheireadh fìon às an tobar, ach bha e ceadaichte gu leòr do na fir am fìon òl nam biodh e air a chosnadh le làmhan mhnathan.

Bha a thobar fhèin ann am Baile Choinnich, ’s ged nach fhaighist boinne fìona às, bha e a cheart cho annasach na dhòigh fhèin ri tobar eilean aChuain Shèimh. Be Tobar nan Trì Uisgeachan a theirte


[62] ri tobar Baile Choinnich, oir uaireannan gheibheadh neach às an tobar uisge milis, uisge searbh, no uisge gun bhlas. Ach bann fìor ainneamh a thigeadh measgachadh de na trì uisgeachan às an tobar. Am fear a gheibheadh uisge milis, mar bu trice gheibheadh e uisge milis a-mhàin, ’s mar sin air adhart. Ach corra uair bheireadh an tobar seachad na trì seòrsachan am measg a chèile, ’s nuair thachradh sin bha buaidh mhòr aig amheasgachadh air an neach a dhòladh e. Bhiodh blas amheasgachaidh eadar a bhith searbh agus milis.

Cho fadas a bha fios, bha an tobar air a bhith ann am Baile Choinnich bho thoiseach an t-saoghail. Agus bha sgeulachd aig beul-aithris abhaile, a bha afeuchainn ri innse ciamar a thàinig na trì seòrsachan uisge gu bhith san tobar.

Bho chionn cian nan cian, no eadhon roimhe sin, sheòl bàta a-mach à caladh ann an seann rìoghachd Sheudaigh-a- Deas, agus bha am bàta loma-làn de mheasan de gach seòrsa, feadhainn mhilis agus feadhainn shearbha. Air bòrd cudeachd bha bana-phrionnsa bhòidheach, nighean rìgh Sheudaigh-a- Deas. Bha a h-athair air iarraidh oirre prionnsa de theaghlach Sgothagain a phòsadh, Prionnsa nan Ochd Siantan, mar a bha aca air, seach gum biodh an aimsir ag atharrachadh, ge air bith càite an deigheadh e. Dhiùlt i a-muigh no a-mach gnothach sam bith a ghabhail ri Prionnsa nan Ochd Siantan, oir bann a bha ise ag iarraidh Lusgan nan Trì Làmhan a phòsadh. Be greusaiche a bhann an Lusgan nan Trì Làmhan, ainm a thugadh air seach gun robh e cho math air obair. Bha e air a ràdh gun seasadh brogan a dhèanadh Lusgan fad ceud bliadhna is . Ach seach nach pòsadh abhana-phrionnsa am fear a bha a h-athair ag iarraidh oirre, thug e man airidh gum feumadh i a bhith aseòladh air druim achuain fad is bliadhna mar pheanas. ’S chan fhaodadh i càil ithe ach aon mheas san , meas milis agus meas searbh, ma seach. Mur a dèanadh i mar a dhiarr a h-athair oirre, thigeadh eun na bu mhotha na an t-eun bu mhotha air an t-saoghal, agus thogadh e air falbh i bhon bhàtas leigeadh e às i sa chuan a biomallaiche san robh uisge.

Às dèidh do dhà ghealaich a dhol seachad, sgàin an saoghal le stoirms chaidh am bàta air na creagan air cladaichean carrach an


[63] taoibh shiair, faisg air far a bheil Baile Choinnich an-diugh. Chaidh sgiobadh abhàta a shlugadh ann am fearg na mara, ach ghreimich Àilleag, be sin ainm na bana-phrionnsa, ri clàr fiodh a chaidh a stialladh le na tuinn bho bhòrd-uachdrach abhàta, agus air dhòigh air choreigin fhuair i air tìr. ’S bha dhà de na measan aice, fear milis agus fear searbh.

Thòisich i acoiseachd, gun fios aice càite an robh i adol. Bha acras agus pathadh oirre, ach chan fhaodadh i na measan ithe, oir cha robh e ceadaichte dhi ach aon ithe san . Ràinig i tobar, agus chrùb i sìos agus dhòl i làn a broinn den uisge ghlan. Ach nuair bha i ag èirigh airson cumail oirre, nach ann a thuit an mheas don tobar. Chuala i iad abualadh sa bhonn, fada ro fhada shìos airson grèim fhaighinn orra.

Cha robh Àilleag beò ach fad seachdain an dèidh sin, ’s tha a corp air a thiodhlaiceadh ann an Tom na Gruagaich os cionn Baile Choinnich. ’S tha na measan an siud fhathast, ann an Tobar nan Trì Uisgeachan, aon dhiubh asgaoileadh sùgh miliss am fear eile asgaoileadh sùgh searbh.

Chan eil ach dithis beò ann am Baile Choinnich an-diugh a fhuair deoch nan trì uisgeachan às an tobar. ’S iad sin Seonaidh Sheumais Ruaidh agus Màiri Bheag Aonghais Chaluim. Agus bha buaidh gu math eadar-dhealaichte aig deoch nan trì uisgeachan air an dithis aca.

An neach a dhòladh an t-uisge searbh a-mhàin, bha e no i adol air ais gu àm sònraichte ann an eachdraidhs bha e no i afuireach an sin fad is oidhche. Bha cunntas ann air feadhainn a chaidh air ais gu àm nan Ròmanach, ’s bha feadhainn eile ann nach deach na bfhaide air ais na linn an seanar fhèin. Agus an neach a dhòladh an t-uisge milis a-mhàin, bha e no i agluasad air adhart ann an tìm, chan eil fios cho fadas a tha fios co-dhiù. Bha cunntas ann mu aon bhodach a dhòl an t-uisge milis san t-seachdamh linn deug, agus mhionnaich e fad is oidhche gun robh guthan atighinn thuige às an adhar, a bha ag innse dha gun robh dithis acoiseachd air uachdar na gealaich.


[64]

A-nise, bha an fheadhainn bu chràbhaiche ann am Baile Choinnich acreidsinn gur ann a bha an tobar acoileanadh obair an t-sàtain air an talamh, agus dhfheuch iad uair is uair ris an tobar a dhùnadh. Ach a dhaindeoin ulpagan cloiche leis an lìonadh iad an tobar, làrna-mhàireach cha bhiodh sgeul air na clachan, ’s bhiodh an tobar cho làn de uisges a bha e a-riamh. Gu dearbha, bann a bha seo adaingneachadh am beachd gun robh an sàtan dlùth air an tobar, ach bha iad afaighinn seòrsa de thoileachas bho bhith asmaoineachadh gun robh iad atoirt obair dha, ’s ga chumail bho bhith adèanamh rudan eile a dhfhaodadh a bhith eadhon na bu mhiosa.

An toiseach cha do chuir Màiri Bheag Aonghais Chaluim umhail sam bith oirre fhèin nuair dhòl i deoch às an tobar. Bha am feasgar aciaradh nuair thòisich rudan atachairt, ’s Màiri air an t-slighe dhachaigh. Chunnaic i boireannach atighinn na coinneimh, ’s ged bha am feasgar tioram, bha am boireannach bog-fliuch le uisge. Bha aodach robach oirre, a bha acur feum air nighe, agus bhruidhinn am boireannach ri Màiri. Eadhon mus tuirt i facal, dhaithnich Màiri nach robh i glè thoilichte. Ars am boireannach:

Cha chasg an t-uisga dhòl thu diota,
s ged dhòladh tu e fad na bliadhna,
cha mhùch e tart;
mo mheasan thuit dhan tobar iargalt,
dhan tobar gun do thuit mo bhiadh-sa,
s gun thrèig mo neart.

Dhaithnich Màiri gur ann à saoghal eile a bha i, ach sheall i mun cuairt, ’s thuig i gun robh ise fhathast na saoghal fhèin.

Chan eil mi gad thuigsinn,” arsa Màiri.

Fhreagair am boireannach:

S mise Àilleag, nighean an rìgh,
a chuir amhuirs an stoirm a dhìth,
nuair shèid aghaoth,
oir cha robh gràdh gu leòr nam chrìdh’


[65] ’s rim athair rinn mi iomadh strìth,
’s gum bithinn saor.
Ach chuir e misair bòrd air bàt’,
a sheòladh chuan fad bliadhnis
be sin mo pheanas;
aig Tom na Gruagaich fhuair mi bàs,
mar thoradh truaillidh air mo chàs;
s chaill mi mo mheasan.

Chan eil mi fhathast gad thuigsinn,” arsa Màiri.

Ach thòisich i an uair sin asmaoineachadh. Bfhada bho chuala i an sgeulachd mu Thobar nan Trì Uisgeachan, an eachdraidh a bha co-cheangailte riss mar a fhuair e an t-ainm. ’S thàinig rudeigin uabhasah a-steach oirre.

Cha tu ... ?” ars ise. “Cha tu ... ?”

Ars am boireannach:

S mi gu dearbha nighean an rìgh,
a thàinig às an stoirm air tìr,
ro linn nan creach;
shearg mo chorps than spiorad sgìth,
am prìosan glaistgu crìochan tìm
s chan fhaigh mi mach.

Carson a tha thu abruidhinn mar sin?” dhfhaighnich Màiri. “Abruidhinn ann an rannan mar sin? Carson a tha thu atighinn gam bhuaireadh-sa mar seo? Dhfheuch mi rim phathadh a chasg. Dhòl mi uisge às an tobar. a mi ach am faigh do spiorad fois ... agus ... gum faigh mise fois bhon chiùrradh a tha thu adèanamh orm?”

Fhreagair i:

Is duilich leam geil mi gad chràdh,
s le eagal geil do ghnùis cho bàn,


[66] a’ bruidhinn ri taibhse;
thoir dhòmhsa gealladh teann an-dràst
san tobar ud nach òl gu bràth,
a no dhoidhche.

Geallaidh ... geallaidh ... geallaidh,” dhèigh Màiri.

Chaidh Àilleag an uair sin às an t-sealladh, ach cha robh Màiri acreidsinn gum bann gu fois.

Agus Seonaidh Sheumais Ruaidh? Bann an ciaradh an fheasgair a thòisich na trì uisgeachan abuadhachadh airsan cuideachd. Bha Seonaidh asiubhal eadar Baile Choinnich agus Ceann na Creige. Stad e a choimhead na dùthcha mun cuairt.

Thàinig dubh far an robh e. Bhruidhinn an ris.

Buail do chùss ann thugad a ruitheas e,” ars esan.

Thàinig an uair sin bhreac. Bhruidhinn abhò ris achù.

Abhò as caoile anns abhuaile, ’s i as àirde geum,” ars ise.

An dèidh sin, thàinig each glas. Labhair an t-each ris abhoin.

Ruigidh each mall muileann, mur a bris e a chnàmhan,” ars esan.

S an uair sin thàinig cat srianach. Bhruidhinn an cat ris an each.

Taigh gun chat, gun chù, gun leanabh beag, taigh gun ghean, gun ghàire,” ars an cat.

Agus thàinig cearc ruadh. Labhair i ris achat.

Cearc adol a dhiarraidh geòidh,” ars achearc.

a nochd an uair sin ach caora bhàn. Bhruidhinn i ris achirc.

Achaora thèid sa chreig chan eil aice ach tighinn aiste mar a dhfhaodas i,” thuirt achaora.

Às dèidh do na beathaichean fàilte a chur air a chèile san dòigh seo, thòisich iad abruidhinn nam measg fhèin.

Cha bhinn achòisir sibh,” thuirt Seonaidh Sheumais Ruaidh.

Comhartaich ... geumnaich ... sitrich ... mialaich ... gogadaich ... miogadaich ...

Cha bhinn achòisir sibh,” arsa Seonaidh a-rithist.

S bha na beathaichean abìogails anuallan, ’s gu dearbha cha bu bhinn achòisir iad. Ann an dòigh annasach, bha Seonaidh mar


[67] gum biodh e gan tuigsinn. Bha iad mar gum biodh iad ag ràdh rudeigin ris mun deoch a dhòl e à Tobar nan Trì Uisgeachan. ’S bi an teachdaireachd a bha e afaighinn bhon chomhartaich, bhon gheumnaich, bhon t-sitrich, bhon mhialaich, bhon ghogadaichs bhon mhiogadaich nach dealaicheadh cumhachd an uisge a dhòl e ris gus an deigheadh e suas gu bàrr Tom na Gruagaich, ’s an sin gum feumadh e rann aithris anns an ainmicheadh e aon uair co-dhiù , , each, cat, cearc agus caora. A-nise, cha baithne do Sheonaidh a leithid de rann, oir cha chuala e a leithid a-riamh. Ach bha fios aige nach fhalbhadh fuaim uabhasach nam beathaichean às a chluasan gus an dèanadh e mar a bha an teachdaireachd ag iarraidh air.

Choisich Seonaidh ma- suas gu Tom na Gruagaich, agus cuimhne aige gur ann an sin, a rèir na sgeulachd, a bha Àilleag air a tiodhlaiceadh. Thug e cairteal na h-uarach aruighinn bàrr an tuim, agus èigheachd nam beathaichean na chluasan fàd na h-ùine.

Agus dhaithris Seonaidh rann cho gòrachs a chuala neach a-riamh:

Chunnami astiùireadh eathar air uisge greannach achuain,
gun earballs port air feadan aictràth sa mhadainn Diluain,
Each beag bàn na laighe san leabaidh air chrith le teas is le fuachd,
Chunnami cat le slait na sheasamh ag iasgach bhodachan-ruadh’,
Cearc le miotaig, bròig is dreasa gu trang aglanadh le sguaib,
Caora le dealbh de Phàdraig Sellar ga stampadh daingeann san luath.

Cho luaths a dhaithris e an rann, dhfhalbh èigheachd nam beathaichean. ’S nuair sheall e, cha robh sgeul orra. Gu dearbha, bann a bha e asmaoineachadh gun dhfhiosraich iadsan cuideachd blasad de dheoch nan trì uisgeachan.

Tha Màiri Bheag Aonghais Chaluim agus Seonaidh Sheumais Ruaidh glè aost an-diugh. Tha iad asreap ri ceud bliadhna. ’S nuair chluinneas iad cuideigin abruidhinn mu Thobar nan Trì Uisgeachan, ’s e their iad, an cron a rinn e orrasan nach do mhair e. Ach bidh cuimhne aca cho fad’ ’s is beò iad air na rannan a labhair Àilleag,


[68] agus air còisir nam beathaichean. Agus bidh Seonaidh uaireannan afeallsanachd mu nithean dìomhair an t-saoghail, aig amannan a thig am follaiss a bhuadhaicheas gu mòr air an neach a chì iad. Bidh e ag ràdh gur iomadh facal a tha eadar fìrinn agus breug, agus gu bheil mac-meanmhain an duine na a threòraicheas an inntinn gu saoghal eile, eadhon ged nach bann ach airson tiotan a-mhàin. Ach bidh Màiri ag ràdh gu bheil ise ro aost airson a bhtih afeallsanachd, agus gu bheil Tobar nan Trì Uisgeachan nas aosta na sinn uile.

Chan eil mòran ann am Baile Choinnich nach aontaicheadh ri Màiri!

title9.
internal date2014.0
display date2014
publication date2014
level
reference template

MacÌomhair Caogad san Fhàsach %p

parent textCaogad san Fhàsach
<< please select a word
<< please select a page