[7]

Uggy Beag

Oidhche Shathairn ’s an t-uisg’ ann, bha criutha na sgeileids na ciste-teatha tioram man stòbha dhubh anns abhothaig. Bha Uggy Beag ann agus Annabella Ruairidh agus Màiri Magdalena MacFarlane. Agus Angie agus Dodo Chatrìona, iadsan nas òige.

Bha Uggy Beag ag innse dhaibh mu dheidhinn film a chunnaic e anns aPhlayhouse thall anns abhaile.

ASound Barrier, ”thuirt e. “Bhalaich ort. Airmen, man na h-airmena bhann an taigh Theàrlaich tìdaChogaidh.”

Chaidh iad a bhuain mhònach dhan aLèig ann an October,” thuirt Annabella.

Ann a February,” thuirt Màiri Magdalena. Man John D. Smith.

October thuirt Seònaid lacsoin,” thuirt Annabella.

“ ’N diabhal,” thuirt Uggy Beag.

Leigibh dhaibh,” thuirt na bodaich, gham faicinn afalbh le spaidean. “Leigibh dhaibh’, thuirt Seònaid lacsoin,” thuirt Annabella.

“ ’Eil sibh ag iarraidh seo a chluinntinn?” dhfhaighnich Uggy Beag.

Thuirt a h-uile duine gu robh. The Sound Barrier. Airmen.Tony agus a phal Philip.

TìdaChogaidh fhuair iadmedals :D.S. O., agus D.F. C. agus bàr, agus buinn eile. Piece of cake.Cha dfhuair duine dhiubh V.C. ,


[8] iongnadh nan iongnadh. Ach cha be a chula duine a gheibheadh V.C. man Cheshire V.C. agus an duine ann anReach for the Sky,Douglas Bader: ’s iongantach mura dfhuair esan aV.C. – dammit all,duine gun eagal, duine le casan tiona. Mura dfhuair, well, daingead, bad show.

Bha iad man Biggles le Capt. W. E. Johns, gaisgich chalma nach gèilleadh anns na speurans a bhiodh ag ràdh, “Oh, goshagusHere goesagusWizz-o” .

Okay. Here we go, ”thuirt Tonys e ri feuchainn cho luaths a dheigheadh am plèana ùr a bha seo, am Prometheus, jet -propelled.

Sin am pìos a bfheàrr dhan afilm,” ars Uggy Beag. “Tony atarraing air amhaide agus an t-snàthad air anspeedometeradol suas: 0.93, 0.94na h-0. 9s sin adol suas guMark 1,a’ Sound Barrier.Cha robh duine air a ruighinnaig 0.95 bha a chula rud acritheadaichs acrathadaich às a chiall, ràn aig an einnsean adol nas àirdes nas àirde … ”

“ … nnnnNNN,” ars Uggy Beag, aleum gu chasan, “NNNEEEEEEatighinn sìosfull - outbho 20,000feet, 0.97, 0.98! Fhathast atarraing air amhaide, 0.99! BRAG!! !”

Eeee!” dhèigh Màiri Magdalena MacFarlane.

tha cur ortsa?” ars Annabella rithe.

O thì,” thuirt Màiri Magdalena, “chanilfhios am. ”

Agus dhfhosgail an doras agus thàinig am Pablo a-steach, cho fliuch ris achù. Esan nas aosta.

sgreuchail a thoirbh,” thuirt e, “oidhche Shathairn adol dhan t-Sàboind?”

Ise bhann,” thuirt Annabella, ag innse air Màiri Magdalena.

Cab-an-tell, ”thuirt Dodo Chatrìona.

Uggy Beag a bhann,” thuirt Angie, “adèanamh plèana adol tron a’ Sound Barrier.Siuthaddèan a-rithist e.”

Cha dèan,” thuirt Uggy Beag.

NNNEEEEE!” dhèigh Angie, aleum gu chasan.

tha seo?” ars am Pablo ri Uggy Beag. “ tha seo ma dheidhinn plèana?”


[9]

Film a chunna mi,” thuirt Uggy Beag.

film?”

A’ Sound Barrier.”

NNNEEEE!” thuirt Angie, fhathast air a chasan.

“ ’Eil thug iarraidh do dhiabhal?” thuirt am Pablo ris.

Chan eil,” thuirt Angie.

Sit on your arse, then, ”thuirt am Pablo.

Shuidh Angie, cho dearg ris an fhuil.

Chaidh Màiri Magdalena cho dearg ris an fhuil cuideachdam facal udarsebu choireach.

Sheall am Pablo ri Uggy Beag. “Well?” thuirt e.

Well,” thuirt Uggy Beag.

Bha thug ràdh.”

Bha e cunnartach, am Pablo. Bha sèine ma amhaich fo lèine agus tèile mar chrios air chùl a làimh. Bha e fionnach, falt cho dubh ris an t-sùich. BhaHumber Super Snipeaige.

Bha thug ràdh,” thuirt e ri Uggy Beag.

Well,” thuirt Uggy Beag, “bha afilm mu dheidhinnthe speed of sound, Mark 1.Cha deach duine riamh na bu luaithe na sin.”

thann?” dhfhaighnich am Pablo.

?”

The speed of sound. ”

Thaao, aoa’ speeda thaig fuaim bho dhfhalbhas e gus an ruig e do chluasan.”

Man tàirneanaich is dealanaich,” thuirt Dodo. “ ’S e brag a thann an toiseach sgòth abualadh na chèile – ’s an uair sin flais. Ach thaspeed of lightmìluair nas luaithe agus chì sinn aflais fada mus cluinn sinn an tàirneanaich.”

Sheall am Pablo ris. Thog e a dhòrn, a bha cnàmhach agus cho cruaidh ri creig. “ ’Eil thu gha h-iarraidh?” dhfhaighnich e.

Chan eil,” thuirt Dodo Chatrìona.

Cùm do chab, ma-tha, a ghriobain chac.”

Chùm Dodo a chab. An dòrn ud: bhriseadh i a ghèillean agus a shròin. Leumadh a shròin.


[10]

Bha sùilean Mhàiri Magdalena air stad cruinn agus gorm na ceann. Thuirt earseaguscac’, an duine seo le muinntir Aonghais Barracks, bràir-athar na mhiseanaraidh.

Dhfhairich Annabella Ruairidh teas alasadh na combha e dìreachOoo! fab, am Pablo. Man Errol Flynn. Ach dorch. Lejewellery .

Well?” thuirt e ri Uggy Beag.

Well,” ars Uggy Beagsgìth a-nis dhan a’ Sound Barrier – “tha an duine seo Tony afeuchainn air, atarraing amhaide air ais, tha mi smaoineachadh gu ruig e a’ speedsinokay, ach tha a chula càil acrathadaichs abragails adol a thaigh na croichs thèid a mharbhadh. Ach tha a phal Philip adèanamh achùis le bhith acur amhaide air adhart aig 0.98 no rudeigin, abriseadh tron a’ Sound Barrierna bids.”

Thuirt ebidsgus am biodh e mòr man am Pablo. Fios aigair rudan.

Agus cho luaths a bha i dol?” dhfhaighnich am Pablo.

Ao.”

Ao do thòin.”

Tha fios amas,” thuirt Dodo.

“ ’N deach faighneachd dhut?”

Cho deach.”

Bha Dodo na bhriogais ghoirid na shuidhe air abheing ri taobh aPhablo air an làimh dheis. Rug achròg uilteach air os cionn na glùin agus fhuair Dodo fàsgadh a chuir grìs ghort do-ghiùlainte suas tro chorp. Aglacadh anail, mus do leig e ràn:

AAAAA!! !”

Gha fhaicinn, chrùb iad fhèin, gach fèith ateannachadh, an cridhe ann an cabhaig, mar a bhiodh atachairt anns an sgoil aig Bìoball agusLong Division.AAAAA! !!

Nuair a stad e, thuirt Uggy Beag: “Tha mi smaoineachadh gur e800 miles an hour. ”

Agus a’ speed of light? ”

Chanilfhios am. Cho luath ris an dealanaich.”


[11]

Chluinneadh iad anail Dhodo Chatrìona afalbhs atilleadh, an impis tachdadh.

Chunna mise dealanaich air amhòinteach,” thuirt Màiri Magdalena, iormaidh oirre gun tionndaidheadh am Pablo air Dodo a-rithist agus gun tarraingeadh e a cheann sìos fo ghàirdean, afanaid airs ag ràdh gur ebuigneaga bhann agusbalach-nigheanagusbìodan beag a Mhamaidh”.

Bha e falbh man bàla-teine,” thuirt i. “Abouncigeadh.”

Na ceudan millean mìle san uair, a’ speed of light, ”thuirt Angie, fear-ealain, dèidheil air dealan, athair aig aHydro.

“ ’S cionnas an diabhal,” ars am Pablo ri Màiri Magdalena, “a burrainn dhutsa sin fhaicinn?”

Dhfhairich i an fhuil adeàrrsadh na ceann, a h-aodann cho teth.

Bouncigeadhmy arse,” thuirt am Pablo.

Leig Annabella Ruairidh gàire nach robh ao-coltach ri sgreuch.

Sheall am Pablo rithe gu geur, acaogadh a shùilean. Phut e Dodo, uilinn anns na h-asnaichean.

Cha chreid mi nach eil an dàir oirre,” thuirt e. “?”

Chanilfhios am, ” thuirt Dodo, asùghadh a shròin.

Cha chreid mi nach eil i ann an teas.”

Cheek, ”thuirt Annabella.

Seall oirre. Man saith bodach Arrochar.”

Sheall Dodo rithe, cha bann dha dheòin. Ach cha robh e ag iarraidh na h-uilne ud na chliathaich a-rithist.

Tha do shròin dearg,” thuirt Annabella ris.

“ ’Eil?”

Tha. Agus do shùilean.”

“ ’Eil?”

Tha.”

S thuirt Màiri Magdalena, “Tugainn dhachaigh.”

Tha thìdsin agaibh,” thuirt am Pablo, “oidhche Shathairn adol dhan t-Sàboind. thag iarraidhlift?”

Cha do fhreagair duine.


[12]

Màiri Magdalena,” thuirt e. “ ’G iarraidh bouncigeadh as achùl?”

No, thanks. ”

Annabella?”

Okay. ”

Uggy?”

Okay? ”

Carson esan?” thuirt Annabella.

Gos am faic en t-snàthad dol suas: 30, 4060miles an hoursìos an Ciopan Àrd.”

Choisich an triùir eile dhachaigh, taobh ri taobh, a-steach an Rathad Ùr.

“ ’Eil thu all roight, Dodo?” dhfhaighnich Angie.

Tha,” thuirt Dodo.

Bastard, ”thuirt Angie ann an guth ìosal, gun fhios nach robh cuideigin ag èisdeachd cho anmoch oidhche Shathairn.

* * *

An oidhche sin fhèin, nuair a thuirt i a h-ùrnaigh – “Ar n-Athair a ta air nèamh”, a dhionnsaich a seanmhair ruadh dhishaoil le Màiri Magdalena gu robh ise air Dodo a shaoradh on olc. ’S bha i cho toilichte: Dodo, le na breacan-seunaidh, am balach a bfheàrr leatha. ’S cha bebalach-nigheana bhann nobalach beag a Mhamaidh”, ged a bhiodh Catrìona tric adèanamhfuss :“ ’Eil do neaparaig na do phòcaid? Na rinn thu do dhileag?” mus tigeadh am bus. Cha bu mhotha na sin a bha e nabhuigneag”: ’n e fear a fhuair sia stràicean bho Morrison – “Cross your hands, boy” – madainn reòthte san Dùbhlachd, cha dèanadh tu an gnuthagan. Fhuair e na sias cha dàinig deur gu shùilean. Na sùilean-se, O, ’n uair sin, bha e marYoung Lochinvarnobold Sir Lancelot – a Thia, na daoinud, anns an leabharBook of Verse for Boys and Girls: “If you want to see my name, turn to page 55. ” ’S tha thu smaoineachadh a bhiodh aigpage 55ach e fhèin o thaobh thall nan crìochan, Jock


[13] oHazeldean, a dhfhalbh leis an nighean àlainn a bha caoineadh an cois na tràghad. Bhiodh a h-antaidh Jessie ga sheinn nuair a bhiodh iad timcheall man teine oidhcheannan reòthte, duine ma seach aseinn, ise leGriogal Cridhe’: “ ’S mòr mo mhulad, ’s mòr.” Chaidh an ceann a sgathadh dhethsan, Griogal, ’s bha i cinnteach gum biodh an aon rud air tachairt dha Jock oHazeldean cuideachd nam biodh iad air grèim fhaighinn air. Sin, no a chrochadh. Ceann Dodo fo achlais aPhablo: cha robh sin cho buileach drùidhteachs cha robh i buileach cinnteach gun tigeadh Dodo aon oidhche tron oidhche chun uinneig aices gu falbhadh iad air steud eutrom nan cas siùbhlach thar mhonadh is raon, aghaoth nan aodanns aghealach slàn. Agus nan tigeadh – O joy! – leis an làir bhuidhes achairt, am falbhadh ise na gùn-oidhche còmhla ris? “I doubt it, ”mar a thuirt Busha-Bamba ri CairstìonaAin Duibh uaireigin sa pholl-mhònach. Bha ise, Cairstìona, agearradh; esan asadadh.

“ ’Ilfhios agad, a Bhusha,” ars ise, “doire, chan eil càil a dhfhios nach pòs mi fhìn fhathast.”

Thog Busha a cheann. “I doubt it, ”thuirt e.

S mar sin le imrich Mhàiri Magdalena agus Dhodo breacan-seunaidheach Chatrìona, gaol nam ban òg is gràdh nan nighean. Cha robh ann ach balach às abhaile, ’s nach robh na sitigean aca agus seann thobhtaichean agus gàrannan agus buailichean agus cruachan-mònach. Carson a-rèist a dhfhalbhadh? ’S co-dhiù an gaol a bha aice dha, well, cha robh e ga fàgail fo bhuaireadh fad bliadhna is ràith, atoirt an ear bhoipe agus an iar agus aghrian agus Dia. Cha robh e ga lìonadh le pian agus bròn, a cridhe briste brùite a-muigh air gleannan achrodh-laoigh. ’S cha robh e idir idir mar an gaol a thug Uggy Beag dha Lisa May, a thàinig aon samhradh a thaigh MhicFhearchair, i fhèins a màthair.

* * *

Nuair a chunnaic Uggy Beag an toiseach i, cha bann sa mhansud shuas. Ach shìos as aChoitheanal far am biodh na balaich


[14] acluich futabal, achlann-nighean air an lighe gan coimhead.

Bha an Coitheanal ri taobh na h-aibhne, agus uaireigin, anns na làithean doilleir dorcha, bann an siud a bhiodh am ministear MacRath amaoidhean air na fineachan fraoich, sìol na nathrach a bhìd tòin Eubha. Na fineachan a thigeadh ann a-nisdithis dhiubhsìos leathad na taice, bha iad fèitheach, seang, fada sa chois; co-dhiù sia troighean a dhàirde unnta, seachd, aige tha fios, shuas an siud eadar na balaich bheags an t-adhar. Bhiodh iad acluich air an aon taobh agus an-còmhnaidh dhiarradh iad duine no dhithis dhan fheadhainn a bfheàrr còmhla riutha: an Cluaisean, alias Willie Woodburn; Alex Dan, alias Willie Waddellan fheadhainn sin. Cha robh iad fhèin math sam bith.

H-abair thusa gun èigheadh iad: “If you cant get the man, get the ball! ”bhiodh iad ag èigheachd. ’S nan deigheadh am bàla dhan abhainnan robh e tighinn às? – ’s gu faigheadh fear dhiubh grèim ort, a cheart cho cinnteachs a tha do bheul fo do shròins a dhaindeoin do chuid glaodhaich, spàirn is èiginn, dheigheadh do shadadh dhan abhainn às a dhèidh.

Agus an uair sin, aon fheasgar samhraidh às dèidh na teatha, Uggy Beag ga thoirt fhèin às an t-sruth, a bhrògan làn. Sheall e suas chum na lighes thug a chridhe leum às.

Cha be idir Annabella Ruairidh no Màiri Magdalena no Agnes, a bhiodh afighe ann; cha be achlann-nighean mhòr, ged a bha iad bòidheach: Cathie, Ciorstaidh Anne, Margery Jane Grantcha be fiùs Anna Bheag NicIlleathain, anns an robh cnag, no Annag Mhòr an t-Sabhail, anns nach robh. bha seo ach nighean ùr, agus nuair a laigh a shùil oirre shaoil le Uggy Beag, bog fliuchs gu robh e, nach robh air an t-saoghal anns amhionaid ud ach iad fhèin. Shil càch air falbh, mar sgeul a dhinnseadh MacRath, eadhon an ramalair on bhaile tuath dam bu shuaicheantas gràp. Dhfhalbh iad, ’s cha robh ann ach an nighean, air an lighe, na h-aodach tana samhraidh, na bu ghile nan canach nan ealair an tràigh, aingeal a bhinnte. Dhinnseadh e dha sheanmhair. Dhinnseadh e dha sheanmhair gu face aingeal as aChoitheanal.


[15]

Fac’, a ghràidh?” chanadh i. Dhinnseadh e dhichan innseadh dha sheanmhair no dha duine beò. Ghleidheadh e amhionaid ud gu bràth aige fhèin.

Agus an uair sin rinn i gàire, ’s cha robh càil ann nach deach e an comhair a chùil air ais dhan abhainn. Ach thill e gu talamh tròcair agus an onghail gun chiall a bha man cuairt.

n creutair tha siud?” dhfhaighnich e dha Dodo Chatrìona.

n creutair?”

Leis an aodach gheal.”

Sheall Dodo, ’s chaidh a shùilean cruinn na cheann. “Chanilfhios am, ” thuirt e.

Dhfhaighnich iad dha Angie. “Chanilfhios am, ” thuirt Angie.

Chaill iad tlachd sam bith a bhaca sa ghèam, bha an nighean air an cur iormall, gun iùl gun spùt. ’S mar sin chaill iad 14-1, Iain Thurmad a sgòraig dhaibh.

* * *

Aom do chluais, ge-, is èisd ri seo: feasgairean anns aChoitheanal, nam biodh i ann, bhiodh ath-nuadhachadh atighinn air Uggy Beag, ’s cha robh anns abhaile tuath no eadhan am Baile Glom a chuireadh stad air nuair a gheibheadh e am bàlas a dhfhalbhadh e leis mar earbag aghlinne suas a’ wing. Bruidhinn air Stanley Matthews, Stiùdaidh agus John Inchfaodaidh tu sin. Bheireadh e leis am bàla seachad air gach mac màthar dhiubh, ga chur eadar an casans aruith timcheall orra gun a dhol iormall, agus uair na dhà an uair sin, uair na dhà na trì, parabola cho bòidheachs a chunna tu a-riamh thar ceann cadalach aghoalie aca, Dòmhnall Ailean, a bhag iarraidh a bhithn àite sam bith eile ach siud.

An uair nach biodh i ann, bairsnealach Uggy Beag san àm sin, gun mhòr-shunnd, gun cheòl-gàire.

tha ceàrr ort? Tha sinn acall.”

Cramp, ”chanadh e.


[16]

Stitch, ”chanadh e.

An fhorc.

Bhiodh a shùil taobh achladaich, agus an abhainn aruith sìos thuige, agus an rathad morghain adìreadh suas gu taigh MhicFhearchair air an tac, agus an gàrradh cloich air do làimh dheiss an tobair a bhann le raineach innte agus bùrn an iarainn innte. Shealladh e dhan tobair agus chitheadh e i atighinn gu chùlaibhs acoimhead innte còmhla ris, an dithis aca, acoimhead dhan uisge a bha cho glan, geal mar sgàthan. A gàire.

Thuirt Dodo ris gun duirt Màiri Magdalena gur e Lisa May an t-ainm a bhoirre agus gur ann à Ameireagaidh a bha i. Agus smaoinich e gur ann an sin, ann an Ameireagaidh, a bha balaich Phoids agus John agus Màiri New York agus Uilleam Sholomoin, nach do thill. Agus an fheadhainn a thill, ’s e naYanksa bhorra agus bha iad spaideil le adan glas agustie - pinsanns na deilbh a chaidh a thogail lathahirean àiteigin man Beàrnaraighs iad agàireachdainns an gàirdeanan ma thimcheall a chèile agus fear casa-gòbhlagan acluich amheileòidiain: ‘Meudail air do shùilean donna.’ Na sùilean aice. Pier Angeli. Bha i cho colach rithe, cho bòidheach, mar aingeal.

Chunnaic e Pier Angeli ann am film – Somebody Up There Likes Me – ma dheidhinn bogsair, Rocky Graziano. Bha Rocky Marciano ann cuideachd agus Jersey Joe Walcott agus Joe Louis. Bha esan asmaoineachadh gur e Joe Louis a bfheàrr a bhann a-riamh; feadhainn eile, man am Pablo, gur e Rocky Marcianocha deigheadh tu na aghaidh, chuireadh e flat thu. An aon rud is sin, an aon chonnspaid, mu Jimmy Shand agus Bobby MacLeod.

“ ’N cuala tu amBluebell Polka?”

H-ach!”

“ ’N cuala tu e?”

“ ’N cuala tusaAfter the Games?”

Eadar iad fhèin is Angie Racaidh,” chanadh Catrìona, màthair Dodo Chatrìona. Anmoch air an drochaid, chumadh Angie an danns adol le meileòidian beag nan stopaireans an spàin.


[17]

Nam burrainn dha, chluicheadh e dhicha chluicheadh, cha dfhuair e na bfhaide naSpeed , Bonny Boat,a mhàthair ag èigheachd: “Clìoraig a-mach à seo leis an turralaich sin!”

Sheinneadh e dhi. A-muigh air amhòintich, eadar Druim Lèineabhat is Tom Loch Shiabhat, sheinneadh eThe Star of the County Downman Robert Wilson, an seinneadair a bfheàrr leis mìltean thar chàich, na bfheàrr fiùs na Archie Grant, ’s bha sin ag ràdh rud. Agus seach gur e Ameireaganach a bhinnte, sheinneadh eThe Yellow Rose of Texas’. Tro shròin.

Oh, now Im gonna find her … ”mar na seòladairean oidhche na BliadhnÙir, àrds tron t-sròin thigeadh na h-òrain thromforlorn ,agus uaireannan, gun dùil riutha, bloighean taitneach a thog iad anns an tìrean cèin ud thall:

She wears red feathers
And a hula-hula skirt

ròs na falt, ise, bhiodh i ag ithecoconuts anfishes from the sea” ,agus thuirt Dòmhnall Mòr anAnchor Line,aslugadh ruma:

She wears red feathers
Cos she cant afford a skirt. ”

Agus tharraing sin gàireachdainn agus rudeigin a bharrachd a bhuineadh dha saoghal nan daoine mòramanfagsagus sèibhigeadh aguslipstickagusUnder the Bridges of Parisagus amhran Thormain:

“ ’S ioma rud a chunna mi, a bhudaich,
A-muigh air feadh na h-oidhche.”

San t-saoghal aigesan, sèimheachd an t-samhraidh soilleir-ghorm, fuaim na h-aibhnes am breac aleum air loch, learg air an t-snàmh. ’S thigeadh i thuige, reult nan nighean, air a bonnan


[18] bòidheachs a falt mar an t-òr asruthadh anns aghaoith. Bhiodh i sàbhailt gu bràth còmhla ris, an duine seo air nach robh eagal no fiamh ro chàil air domhan, cho làidirs a ghabhas anns gach cunnart, gach gàbhadh:

Oh, darling! ”

Lisa May!”

Oh, Uggy!”

O, daing.

Daingead agusdammit. Cha robh sin idir ceart. “Oh, Uggy!” – eagalach ceàrr. Thòisicheadh e rithist: an nighean atighinn na ruith thuige air amhòintich anns an stoirm ann am beul dubh-dorch na h-oidhch’ ’s an dealanaich asracadh geal sna speuran, ga togail atuisleachadh, atuiteam, ann an grad-iomagain ag èigheachd, ag èigheachd ris: “Oh, Tony!” man Tony anns a’ Sound Barrierach gum biodh esan na bu cholaiche ri Errol Flynn no an duineile bha siud, fiadhaich air amhòintich, Heathcliff:

Darling!”

Oh, darling! ”Agus gu h-iongantach fhèin, ghabhadh an stoirm seachad, theicheadh na sgàilean, agus ann an solas na gealaich shealladh iad suas le mòr-aoibhneas, na deòir asileadh. Agus shealladh iad ri chèile agus, well, bheireadh e pòg dhidhfheumadh sin a bhith ann, rud nach robh furast dhàsan nach dfhuair a leithid a-riamh ach bhon antaidh a bhann an Inbhir Pheofharain – “Ciosaga chanadh i, ga tharraing thuice; esan acall anail, adol fodha ann an lànachd a càrdagain.

Bheireadh e ciosag dhi ann an solas na gealaich, drumaichean, sreangannan, trompaidean asèideadh. Agus an uair sinThe End. Dhfheumte èirigh, ’s cha bann dhan deòin, ’s gabhail an rathaid mhòir gu dachaigh.

* * *

Aon latha, san aon shàmhradh ud, ghabh e fhèin agus Dodo agus Màiri Magdalena an rathad morghain suas gu taigh MhicFhearchair.


[19]

Cha burrainn dha Angie a thighinn, dhfheumadh e dhol dhan amhòine, a thogail na mònach a bhaca anns na Sgrithean; ’s thuirt Annabella nach deigheadh gu dearbha ise còmhla riutha, nach be a bhaice ri dhèanamh. Ach bha fios aca gu feumadh ise cuideachd a dhol dhan amhòine, an seòrsa duine a bha na h-athair, Ruairidh.

Bhiodh Ruairidh aditheadh tombaca dubh na fhiacails atilgeadh smugaideans adèanamh cho beags a burra dhas gu leòr le theanga. Bhiodh e ag ràdh gur e obair bhoireannach a bhann an togail mhònach agus sadail fàd achaorain àm buain na mònach. Agus seach gur e siud an dèanamh a bhorradromannan is cruachainneans na tòinean aca an-àirdebiad cuideachd a bhiodh atogail abhuntàta agus aceangal achoirc. Bha abhuil: na làmhan man gràp, aspìonadhs apràblaich, no air bòcadh dearg le nigheadaireachd agus sgùradh agus mìle rud eile.

An a dhfhosgail an doras dhaibh, màthair Lisa May, bha a làmhan cho geal, le fàinneachan agus ìnean fada. Cha do chleachd iad a-riamh deamhais, na làmhan ud, cha do chairt bàthach, cha do sgùr steap leCardinal Polish.

Come on in! ”dhèigh i. “My, my! ”Agus na bàirde: “Lisa May, honey! Youve got visitors! ”Agus riuthasan: “Well, now, this is nice, ”agus rinn i gàires bha na fiaclan aice cho geal agus a liopan le peanta dearg, lipstick ,man Bette Davis agus Joan Crawford, agus thuirt i: “What are your names? ” ’s mus dfhuair iad air freagairt thàinig Lisa May sìos an staidhre agus sheas i ri taobh a màthar le gàire ghan coimhead. Chuala Màiri Magdalena rùchdail ann am mionach Uggy agus thuirt Uggy: “Malcolm John.”

Malcolm John!” dhèigh màthair Lisa May.

And thats Mary, ”thuirt Lisa May.

Mary!” Chaidh Màiri Magdalena cho dearg ris an fhuil, mionach Uggy arùchdail ann am broinn a gheansaidh mobain ann am broinn apholka leis a’ zip Aero.Bhiodh iad asmaoineachadh gur e am mionach aicese a bhann agurmalaich a-staigh fon anliberty - bodicefon an t-siompairFair Islea dhfhigh a seanmhair ruadh dhi. Agus thuirt Dodo, a chluasan man teine: “Dodo.”


[20]

Dodo! Would you like some lemonade?”

Yes, ”thuirt Dodocàil a bfheàrr leis, lemonadeLouis, Kola agusCream Soda.

Lean iad i dhan achidsin, cidsin MhicFhearchair, anns an robh an stòbhaModern Mistressle tap agus tanc gu h-àrd air sparran le bùrn teth aglugadaich innte. Agus sinc fon uinneig le tap eile. Bha iad iongantach, na tapaichean: air-dheth, air-dheth-air, man solas an dealainrud nach robh idir ann, ach cearcall de lampaichean-ola crochaichtair slabhraidh bho mhullach an taigh. Agus crochaichtbho mhullach na h-uinneig, stiallag de phàipear steigeach orains air an robh cuileagan steigte, cuileagan nach do rinn an t-slighe chun abhobhla siùcair no chun an t-soitheach ime air abhòrd. Bha am bòrd loma-làn: copanan-teatha agus flataichean agus truinnsearan gorma Sìonaidh, uile gun an nighe; sginean, sgleòthach às dèidh ìm is càise; spàinean le faileasmarmalade ;sileagain, poit-teatha, poit eile le sìoltachan na ceann; bòrd-arain air an robh de lofaichean Dhoilidh Lisa a bha a cheart uimhir ri ceann Alasdair MhicFhearchair; sprùilleach phronnagan, crust .Agus pàipearan: pàipearan-naidheachdanDaily Expressagus amPeople ’s Journalagus amBulletin ;pàipearan gun naidheachdanChristian Herald, ’s math an naidheachd a bhith gun naidheachd idir, Life and Workagus natracts : Jesus Loves Youagus feadhainn eile, agus am fear a bfheàrr ma dheidhinn Margaret Wilson agus Margaret MacLauchlan ceangailte ristakesas aSolway Firth. ThuirtUggy Beag,nuair a dhfhalbh màthair Lisa May, gu robh nastakessin mar am post raodanach ris an robh eathar aPhoilis ceangailte a-staigh air an tràigh.

Well, its some story, ”thuirt Lisa May, agus dhfhalbh i a dhiarraidhmagnifying glassgus am faiceadh iad troimhpe na cuileagan a bha steigtair aphàipear orains.

Tha aSolway Firth alìonadhfull - out,” thuirt Uggy Beag. “Mìluair nas luaithnam muir againne.” ’S nuair a bha Lisa May agus Màiri Magdalena nan seasamh air abhòrd leis amhagnifyingglass ,chunnaic Uggy Beag iad ceangailte ri puist, fada fada


[21] a-muigh, faisg air Àl-a- bris an uaimh, am muir na chabhaig alìonadh suas seachad air an casan, seachad air am meadhan, suas gun gualainneanAch dìreach mus deach am bàthadh thàinig air eathar aPhoilis ach e fhèin agus Dodo, an dàrna fear le clìobhars am fear eile leis an sgian mhòr a bhiodh aig Dòmhnall Bàn Roib agearradh na hama.

OhRocky!” chanadh i.

Oh, Lisa May.”

nis a thagam ann an seo?” thuirt Alex MacFhearchair, sia troighean agus trì òirlich dheth, le stais agus stoca ghlas agusplus -fours,ann an doras achidsin. Agus bfheudar dhaibh innse dha a-rithist rud a chaidh innse mu thràth mìle triop. “Seadh, seadh, agus, ’ille bhalaich, man a tha do sheanmhair?”

My goodness! ”ghlaodh a phiuthar, Jessie Anne, atighinn mar ioma-ghaoith air a chùlaibh. “ achlann àlainn a tha seo! An gabh sibhlemonade?”

Gabhaidh,” thuirt Dodo.

Agus fhuair iadlemonadeagus slaidhse lof an duine le silidh deargtroibhle, mar a ghearradh Aonghas Goistidh, alof aige fo achlais.

Fuirichibh a-nis!” arsa Jessie Anne le iolach àrd. “My goodness! ”Agus leum cat glas sìos bho mhullach pris chun abhùird chun an làir agus thog esan iolach mar an ceudna, gha shuathadh fhèin ri a casan, a stiùir an-àirde.

Cluinn,” dhèigh Jessie Anne, “an aghaidh a dhiùlt an nàire! Alex, an dfhuair e bainne?” Bha Alex às dèidhbluebottlele tubhailt-shoithichean. Agus ann am meadhan na glòir a bha sin, chunnaic Uggy Beag an nighean acoimhead ris. Agus cha robh fios aige dhèanadh eno càite an deach eno cho fadas a bha e ann. Dìreach, nuair a thill e is deàrrsadh na aodann, gur e Màiri Magdalena le sùilean cruinn is gàire a bha gha choimhead.

Ooo!” thuirt i.

“Shut up,thusa,” thuirt Uggy Beag air a shocair gun fhios nach cluinneadh Jessie Anne e.


[22]

Thug Jessie Anne dhaibhtractsagus ghabh iad rathad na muilne air ais chun abhaile. Lùb càr a-steach aig ceann an rathaid agus bfheudar dhaibh a dhol dhan dìg. Humber Super Snipe.

Holy smoke, ”thuirt am Pablo. “ leig a-mach sibh?”

Aidh, Pablo.”

Aidh, Pablo.”

Why should Britain tremble? ”thuirt am Pablo, ’s leig e lachans chrath e cheanns dhfhalbh e.

il dùil risesan?” ars Uggy Beag.

Sgeamp na croich,” arsa Màiri Magdalena.

Holy smoke, ”thuirt Dodo.

* * *

Oidhche h-Aoine, an t-uisgadòrtadh, bha Uggy Beag air a dhòigh ag innse dhaibh man afilm seo a chunnaic e, The Cruel Sea, starring Jack Hawkins. Bha iadsanDodo, Angie agus Màiri Magdalenaro ògson film dhan t-seòrsud fhaicinn, thuirt na daoine mòra, thuirt Murchadh Chaluim agus Aonghas Sheumais agus an fheadhainn sin a bhanns an Nèibhi tìdachogaidh. Dhfhaodadh gun dèanadh e cron orra, gum biodh droch aislingean aca.

Robh droch aislingean agadsa, ma-tha?”

Agus thuirt Uggy Beag ann an guth trom: “Bha e gu math eagalach. Torpedoes.”

Bha duine ann an Tàbost,” thuirt Angie, “ ’s bha etorpedoedtrì triopan. An Giobarnach. Thuirt mathair nach gabhadh marbhadh air.”

AnCompass Rosean t-ainm a bhair an t-soitheachs cha robh duinaca a-riamh aig muir – lawyersagus rudan mar sin a bhunnta, daoine ann an oifisean, ’s bhad abruidhinn man an fheadhainn as a’ Sound Barrier … ‘I say, Number One’ .”

Oh, gosh, ”thuirt Angie.

Number One,sin a’ First Lieutenant. ’S bha an duine seo ann, First Lieutenant, ’s bha e smaoineachadh gu robh fios aige air a


[23] chula càils cha robh fios aigair càil idir. Agus dhfheumadh iadsira dhràdh ris agus aig abhiadhsosaideasshuidheadh e aig ceann abhùirds chanadh e: ‘Snorkers, good-o! ’Lùigeadh tu a thachdadh, am balgaire.”

Bastard, ”thuirt Angie.

Man am Pablo,” thuirt Dodo.

Co-dhiù, thàinig pian na mhionach – ulcera bhann, ’s dhfheumadh e dhol dhan ospadal, good riddance, ’s bha a chula càil mar bu chòir an uair sin – CaptainEricson, bhalaich ort, alorg naU -boats: ‘Bling! bling! ’aig ananti -submarine detector, ’s nam biodhsubmarinefaisg, dhèanadh eBling-a! bling-a! ’ … ”

Dhfhosgail an doras agus thàinig Annabella Ruairidh a-steach mar à leabhar J.D. : … cnuip àrd agusnylons .

Uggy ag innse dhuinn ma dheidhinn film,” thuirt Dodo. “The Cruel Sea. ”

Bha bràir mo sheanar-sa as amhuir thriop,” thuirt Angie. “AmMajestic ,sin air an robh e, chaidh a cur sìos. Torpedoed?’

Well,’ ars Uggy Beag, “nuair a chaidh anCompass Rosesìos, chitheadh tu iad aleum aiste dhan amhuir, daoine air am bàthadh, ag èigheachds asgreuchail, bha e eagalach … ”

Bha Màiri Magdalena air sgur a dhèisdeachd. Chan fhaigheadh i seachad air Annabella: còta geal oirre agusberetaguseau -de- Colognea h-antaidh Doilìna.

robh thu?”

robh mi!”

Spin … ”

“Spin !An creid thu seo? Thuirt e rium gun togadh e mi aig ochd aig garaids Jock Troop, a-null dhan abhaile, dhan aPhlayhouse film, ’s beag mfhios … ”

The Hound of the Baskervilles, ”thuirt Uggy Beag.

“ … fish supperan uair sin as achuaraidh ud ann am mòinteach Bharabhais. n còrr a dhiarradh tu? Well, ariabhach orms’, nach fhaca mi e atighinns a-mach leam chun arathaid, an t-uisgacur deann às an talamh. ’S an creideadh tu, would you believe it?


[24]

Ghabh mac achoin seachadbi-bìob aige suas seachad, thog e a làmh rium. Làn dhan arud nach can mi.”

Làn dhan achac,” thuirt Dodo.

Ma thubhairt thu e,” ars Annabella. “ ’S tha thu smaoineachadh a bha còmhla ris as an t-siota-toisich?”

Co?”

Little Goody-Two-Shoes. ”

tha sin?”

Lisa Maysin .”

Chaidh iad sàmhach.

An ceann greis, sheall Uggy Beag rithesgliùrach na croich, lenylons .Cab man deamhais tàilleir.

* * *

Làrna-mhàireach chunnaic Màiri Magdalena e agabhail a-steach an lot. Bha in dòchas nach robh e dol gha bhàthadh fhèin ann an Linne na Tràghad. Bha balach ann uaireigin, Niall a bhair, ’s bha e dol gha bhàthadh fhèin ann an Linne na Tràghad. “Mise dol gha mo bhàthadh fhìn,” thuirt Nialls e ri beucail. “A Nèill,” thuirt athair, “thoir a-mach am foghlam an toiseach.” Bhiodh iad agàireachdainn ag innse siud, an rud a thuirt athair ri Niall.

Bheireadh i gàire air.

Bha e na shuidhe aig Lighe MhòrAinIc Dhonnchaidh. Bha na h-eathraichean ceangailtair amholeathar Thurmad agus eathar aPhoilis; bha laighe air achuan.

Chan eil fhios nach tèid iad a-mach fhathast an-diugh,” thuirt i. “Bha mathair abiathadh lìon a-raoir.”

Shuidh i ri thaobh.

Cha do bhruidhinn iad airson ùine mhòr. Bha na faoileagan aglambar anns an tiùrr feamainn, agus na trilleachain, ’s bha na fulmairean agurraban san fheur os cionn nan geodhachan. A-muigh, sear air an Sgeir, othail air na sùlairean. Bhiodh iasg


[25] ann. Bhiodh e uabhasach nan tachradh càil dhas nach cluinneadh iad ma dheidhinn nam films tuilleadh – Stampedele nabuffaloes , Captain Horatio Hornblower – ’s nach cluinneadh iad ma na leabhraichean a bhiodh e aleughadh: Biggles in the OrientagusWorrell in the Wasteland – nighean a bhann a Worrell, h-abair tàmailt, ach, a Thia, nach do thionndaidh e mach gu robh i a cheart cho math ri Biggles agus Gimlet latha sam bith

Tha clann-nighean gu leòr eilann,” thuirt i.

“ ’Eil?”

Tha.”

Cha ghabh sin a bhith,” thuirt e.

Bha tìde diathad ann. Agabhail a-mach Cùl aBhaile, dhfhaighnich i dha, a h-anail na h-uchd, cuin a bha e adol ga bhàthadh fhèin.

titleUggy Beag
internal date2015.0
display date2015
publication date2015
level
reference template

Caimbeul Sgeulachdan sa Chiaradh %p

parent textSgeulachdan Sa Chiaradh
<< please select a word
<< please select a page