Bhàsaich Bart
Chan eil mòran dhiubh ann a-nis dha na taighean mòra a bha uair a’ cunntadh. Bha dhà na thrì dhiubh anns a’ bhaile seo, le cairtearan is ceannaichean, ach chan eil sgeul orra, chan eil sgeul fiù ’s air na làraich aca.
Dheigheadh fios a chur air cuideigin, Siarach a choreigin, agus thigeadh an duine sin, e fhèin ’s fear eile, le digear agus làraidh, ’s mus sealladh tu riut fhèin, bhiodh an taigh mòr ri talamh ’s thigeadh earrainn: ‘Dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h-uile nithean.’ Agus dh’fhalbhadh tu, liugach, do làmhan na do phòcaidean, na Siaraich gha do choimhead, ’s iad dearg agus a’ gàireachdainn.
Bhiodh sinn ghan ionndrainn, na taighean mòra glas fuaraidh, le uinneagan agus similearan agus na mullaich air an tearradh cho dubh ris a’ bhith – bìth a bh’ ann, nach e? – a’ goil ann am prais thrì-chasach air teine mònach a-muigh. Duine le mapaid agus peile a’ dol suas àradh, ’s nuair a bhiodh e deiseil bhiodh na mullaich cho brèagha, ùr, a’ deàlradh ann an grian an t-samhraidh.
Dheigheadh a’ bhàthach a thughadh, an stàball agus taigh nan cearc. Rud as grabhail, glanadh taigh-chearc – grìs suas do shròin, do shùilean a’ sileadh.
“ ’N dèan thu rud dhomh?” dh’fhaighnicheadh Peigi.
“Dè?”
“An glan thu taigh nan cearc?”
“AAAA!”
“Gheibh thu tasdan.”
“Gheibh mi ’m bàs.”
Bha ’n òcrach ionmholta an taca ri siud. Bha ise, an òcrach, na cùis-iongnaidh aig ceann na bàthaich fon toll-innearach. Agus deanntagan a’ fàs ris a’ bhalla, coille dhiubh. Agus copagan, gun fhios nach deigheadh do losgadh le deanntagan. Nar briogaisean goirid, glùinean air an sgioladh no dubh leis a’ pholl, chan fhaigheadh sinn seach an cidsin.
“Suathaibh ur casan.”
Fàileadh nan sitigean dhinn.
“Faod sinn cluich as an iodhlainn agaibh?”
“Chan fhaod.”
“Faigh sinnlemonade?”
“Chan fhaigh. Gheibh sibh pìos is silidh ’s às dèidh sin theirigibh dhachaigh.”
Uaireannan gheibheadh a’ chlann-nighean suas tron taigh agus dh’innseadh iad dhuinn ma na mìorbhailean a bha shuas: “Bha creutair ann an leabaidh a’ leughadh,” thuirt Aleena. “Glainneachan gun spàgan air bàrr a sròin.”
“Pince - nez,” thuirt Flòraidh.
“ ’N e sinmonocle?”
“Agus an t-aodach aice … ” thuirt Aleena.
“Sìoda,” arsa Flòraidh. “Sìoda à Sìonaidh.”
Thia.
Agus an taigh mòr eile air an labhramaid: a-mach às a’ bhaile, shuas taobh a’ chladaich san Druim bho Thuath – Thia, an taigh sin. Chunna mi san dol seachad, air bus na maidne, digear a’ lùbadh a-steach thuige, duine cruinn dearg gha stiùireadh agus fear eile ann an làraidh air a chùlaibh, shaoileam gun deach an talamh gu lèir air chrith, sia air a’ Richter Scale.
“Dammit all, ”thuirt mi ris an duine a bha còmh’ rium, “feumaidh mi seo fhaicinn.”
’S chuir mi stad air a’ bhus as a’ leathad aig taigh Aonghais
Agus an duine bha còmh’ rium, Dòmhnall Thormoid Aonghais – cha robh esan air a dhòigh nas motha: “Och, an diabhal,” thuirt e, a’ copaigeadh an dràibheir chrabbit chac ’s a’ dol ris an dìg, bu mhath dha nach deach e far na h-amhaich no rudeigin diabhalt mar sin.
Cha chreid mi, ged a bha iad mar a bha iad, gur e ’n aon fheadhainn ’s a thàinig dhan bhaile againn a leagadh thaighean a bh’ unnta. Bha dungairidhe-bib air fear an digeir, am bucas Cut na phòcaid broillich. Cha do charaich an duine a bha san làraidh às an làraidh. Chunna mi e ag ith biast de chornedbeef sandwich – troibhle a thachdadh tu – agus a’ smocaigeadh man similear. Bha ceòl a’ dol aige cho àrd ’s a dheigheadh e, iongnadh nan iongnadh nach do sgàin uinneagan a’ chab – Scottish Dance Music,nas fheàrr co-dhiù na ’n ceòl Ceilteach na bids:
Haoi-daoi-diddle-i
Haoi-dil-diddle-diddle-i
Da-hiddle-diddle-daoi-dum
Daoi-dum-a- diddle i …
Dh’fhaodainn leantainn orm airson ochd duilleagan deug thar an trì fichead …
Di-hiddle-diddle daoi-dum
Haoi-dum-da-hiddle-di …
Ach an uair sin thigeadh an creutair seo, Agnes, gu mathfed -up,agus chanadh i, “Sguir dheth, a dhonais.”
“Ist,” thuirt an duine bha còmh’ rium, Dòmhnall. “Nas fheàrr,” ars esan, “no a’ ghleadhraich a th’ aig an duine sin as a’ chab.”
Ors esan.
An duine leis an digear, cha chluinneadh e diurra-mhig. Bha clogaidean ma chluasan, trang a’ sgàrdadh an taigh. Bha sinn a’ coimhead ris an taigh a’ dol na sgàrd.
“Bha gramafon aca,” thuirt mi. “Na daoine bha fuireachd ann. Chan eil fhios a’m cò bh’ unnta. Bha an tè seo – searbhant, tha mi creids – a’ coimhead às an dèidh agus leigeadh i steach sinn uaireannan. Agus an tè seo, lelipstick ,bhiodh i danns agus a’ seinn, ’s bhiodh duine a bhiodh a’ casdaich a’ cur air nan reacords, Scottish Dance Music, ’s a’ seinn eadar casdaich: ‘Here we come a-dancing … ’Agus sheinn mi sin dha Dòmhnall, na bh’ ann dheth na bhrollais na mo chuimhne:
“Here we come a-dancing,
Here we come a-dancing,
Toe and heel and heel an’ toe,
An’ up an’ down
An aa together;
Here we come a-dancing,
Here we come a-dancing,
Lads an’ lassies blithely
Tap a merry tune.
“Agus an uair sin,” orsa mise ris, aodann air a dhol manbeetrootagus sileadh na shùilean:
“Hand in hand,
Wi hearts a-beating high,
Step we gaily –
Never, O never say die;
Singing sweetly,
Bravely to and fro,
All together
On an’ on we go! ”
“Na MacFlannels,” thuirt mi ris.
Cha b’ urrainn dha bruidhinn.
“Siud mar a bhiodh na MacFlannels, a’ tòiseachadh air a’ wirelessoidhche Shathairn: ‘Here we come a-dancing”
“Tugainn dhachaigh,” thuirt e.
“Okay.”
Ghabh sinn an taobh a bhiodh sinn a’ gabhail nuair a dheigheadh sinn a dh’fhaighinn churra-mheadhagan. Sheall mi dha làrach taigh a bha shìos taobh a’ chladaich faisg air Bun a’ Ghàrraidh.
“Bha duine fuireachd ann an sin,” thuirt mi. “Thàinig e air an oidhch’ ’s bha feagal againn roimhe. ’S nuair a bhàsaich e, thàinig boireannach dhan taigh ’s bha feagal againn roimhpese cuideachd. Bha aodach dubh oirre ’s bhiodh i aig bàrr a’ chladaich a’ coimhead a-mach. Mar gum biodh i a’ feitheamh ri cuideigin. Latha ’s dèidh latha – ’s tron oidhch’, tha mi creids, cuideachd.”
“Seinn‘Here we come a-dancing’,” thuirt Dòmhnall Thormoid Aonghais.
“Tha mi feuchainn ri cuimhneachadh air feadhainn eile a bhiodh aca: ‘Why weep ye by the tide, ladie? ’ ’Eil fhios ai’d air an fhear sin?”
“Chan eil.”
Tha cuimhn’ a’m air m’ athair na dheise Shàboind. A’ cuimhneachadh a liath mo cheann.
“Cà’il dùil riutsa?” dh’fhaighnich cuideigin.
“Bhàsaich Bart,” ars esan.
“Cò?” dh’fhaighnich cuideigin eile.
title | Bhàsaich Bart |
internal date | 2015.0 |
display date | 2015 |
publication date | 2015 |
level | |
reference template | Caimbeul Sgeulachdan sa Chiaradh %p |
parent text | Sgeulachdan Sa Chiaradh |