Eathar Ghabhsainn
Bidh mi ag èisdeachd riutha, uaireannan. Chan eil mi cho math air èisdeachd ri mo phiuthar, Miss Boswell, ach uaireannan – chan ann tric – cluinnidh mi rudan aca a bheir orm stad. Mar a thachair an triop mu dheireadh a bha fear na sròin chrom a-staigh againn. ‘Ebenezer’ a th’ agam air na mo cheann. Cha ghabh mi orm air mo bheath’ a dh’ràdh a-mach, chan eil fhios dè dh’fhaodadh e a dhèanamh, an t-sùil a th’ ann, an t-sròin. An triop mu dheireadh seo, an t-uisge a’ dòrtadh, nochd e fhèin agus am balach aige, Seoc. Bidh Seoc a’ cluich còmhla ri mo bhràthair beag, am Bob. Bidh Seoc agus am Bob a’ coimhead a chèile, na h-aodainn aca a’ dol dearg, ’s an uair sin canaidh an dàrna fear“Haggis! ”agus thig spùtadh de ghàireachdainn bhuapa ’s canaidh am fear eile“Haggis!” , ’s thèid a’ ghàireachdainn nas àirde, na sùilean aca a’ sruthadh: “Haggis! Haggis! ”gu bràth gus an èirich fear na sròine le mothartaich is brollais còmhraidh a chluinneadh tu ann am Baile Glom: “Tha siud gu leòr – gu leòr, thuirt mi, na cluinneam an còrr; uisg’ ann no às, chun na sitig a-mach às mo shealladh. Neo marbhaidh mi sibh!”
Dè nì thu dheth? Ach canaidh m’ athair – ciùin, reusanta, mar as àbhaist: “Nì mi copan teatha.”
Co-dhiù, bha mi a’ leughadh an leabhair seo, Kidnapped ,le Robert Louis Stevenson, an duine a sgrìobhTreasure Island.Chan eilKidnappedcho buileach math: as a’ chiad dol a-mach
“Kidnapped, ”ars an t-Ebenezer eile. Tha mi smaoineachadh gun leugh esan a chula leabhar a th’ as an t-saoghal eadar seo is Càrlabhagh, a’ fliuchadh a chorraig chaoil ’s a’ tionndadh nan duilleag.
“Robh fios agaibhse,” ars esan rium fhìn ’s ri Miss B., “gum biodh iad a’ falbh le daoine às a seo cuideachd: gan togail bho na cladaichean ’s a’ falbh leotha a-null chun naWest Indiesagus Carolina, ’s gan creic ann an sin?”
Cha robh. Ach, arsa mise: “ ’S ann a Charolina a bha iad a’ dol le David Balfour, an Caiptean Hoseason.”
“Chan e sin seo!” ars Ebenezer.
“An cuala sibh a-riamh ma eathar Ghabhsainn?” dh’fhaighnich m’ athair.
Cha chuala, cionnas a chluinneadh?
“An cuala sibhse?” arsa Mac an t-Srònaich ris an dithis nach do mharbh e. Cha chuala. Cha mhotha na sin a chual’ iad esan ’s iad a-nis air an tàladh air falbh le Super Mario.
Ma dheireadh, às dèidh mòran strùpalais ann am mugannan teatha agus bragadaich airCream Crackersagus piocladh fhiaclan le Interdens, thòisich an aithris ma eathar Ghabhsainn.
Thachair na thachair uaireigin ro 1863, nuair a bha muinntir Ghabhsainn ann an Gabhsann – daoine man Dìord, a bhiodh na shean aois a’ durrghail leis fhèin shuas aig an teine; agus mo shean-shean-seanair, Cràisgean, cha b’ e b’ fheàrr. Ann an 1863, chaidh an sgapadh fad’ is farsaing, ’s thàinig cìobairean is geamairean nan àite: b’ olc an sgeul.
Ron àmhghair sin co-dhiù, bha dà eathar aca ann an Gabhsann, ag iasgach a’ Chuain a Siar le lìon-beag agus lìon-mòr – cunnart nan cunnartan, ’s na sruthan ud a-muigh man na h-aibhnichean, cho làidir, bras. Na thlachd, ge-tà, ri tìde mhath samhraidh, foghar geal grianach; dh’fhuireadh iad a-muigh fad oidhche. ’S mar bu tric san àm sin, bheireadh iad leotha balach a bhiodh ri faire fhad ’s a bhiodh iad fhèin a’ faighinn beag no mòr a chadal. Agus an triop a bha seo, murt agus mo chreach, nach do chaidil am balach a bh’ aca air tè dha na h-eathraichean: càch nan suain, dh’fhaillich air a shùilean a chumail fosgailte. Chaill e an Tòbha Mòr ’s chaidh Sgeir Dhail na sgleò sa chiaradh air. Agus chaidil e.
Bha e fada fada dhan a’ mhadainn nuair a dhùisg iad. ’S nuair a sheall iad, cha robh sgeul air an eathar eile.
Cheasnaich iad an cnapanach: “Mus do chaidil thu, ’ille chnapaich, càite dìreach an robh i?”
Dh’innis e dhaibh.
“ ’S dè ’n cùrsa bh’ aice?”
Dh’innis e. ’S a rèir na h-aithris, tha colach an uair sin gun duirt seann mharaiche ann am briathran sòlamaite: “Fhearaibh an fhàsaich,” ars esan, “mas e sin taobh a ghabh i, is nì fìor e nach fhaicear an seo i gu bràth tuilleadh.”
Ach chunnaic.
Thill an eathar. Agus bha na ràimh air am pasgadh innte, a h-uidheam gu lèir an òrdugh ’s gun duine beò no marbh na broinn. Thàinig i a-steach gu dìreach rèidh air cladach Dhail a Thuath.
“Geodh ’ille Raghnaill, nach ann?” arsa m’ athair.
“Cha b’ ann,” ars am fear eile. “Geodha Sheneca.”
“ ’Eil thu cinnteach?”
“Tha.”
O, tà … hum-haw.
“Nach e Ròmanach a bh’ as an duine sin, Seneca?”
“Cha b’ ann pioc à Dail a Thuath a bha e.”
“Agus Cladach Shuineica shuas an seo. Nach e Seneca Suineica ann an Gàidhlig Dhail a Dheas – an aon ainm?”
“Dè fios a th’ agams’ !”
“Well, thus’ a rinn Laideann,” arsa m’ athair, “aigBill Soft. Veni, vidi, vitchi!Mar a thuirt an t-Ìmpire Suineica nuair a chunnaic e Asmaigearraidh ’s a’ ghràisg a bh’ aig Crois a’ Mhargaidh.”
“Vici .Chan e‘Vitchi’.”
O … taigh na bids.
Thàinig an eathar a-steach a Gheodh ’ille Raghnaill ’s cha robh duine beò innte. ’S bha bròn agus dubhachas anns an ait’ ’s chaidh taighean-faire a chumail ann an Gabhsann agus anns a’ Bhail’ Àrd agus ann an Dail a Thuath cuideachd. Bha fear dha na chailleadh – esan às Bail’ Àrd Bhuirgh – pòsd aig te à Dail a Thuath, tè ris an cante ‘A’ Chamlabhaid.’
Sheall Seoc agus am Bob ri chèile. A’ Chamlabhaid.
Rinn iad bìogail.
Rinn iad sitrich.
Rinn fear na sròine durrghan ’s chaidh an sgeulachd air fìaradh a bha fèar iongantach.
“Nach b’ iongantach fhèin,” arsa m’ athair, “mar a bhiodh muinntir Dhail a Thuath a’ toirt faramairean air na boireannaich.”
Thug iad greis sàmhach. Mus dàinig … an tuil:
“A’ Bhiugalach,” arsa fear na sròine cromagaich.
“A’ Bhogalail,” arsa m’ athair.
“An aon chreutair.”
“An e?”
“ ’S e. Bhiodh i na seasamh as an doras, a’ lìonadh an dorais.”
“Can tèile.”
“AnTwins ,piuthar-chèile na Biugalaich.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Research .Can thusa tè.”
“A’ Bhlaighdeach, piuthar Mhurchaidh Bhuidhe, an duine geur.”
“An t-Seadag,” ars am fear eile, “piuthar AnTwins.”
“Iadsan a-rithist! Okay .A’ Woman ,bean a’ Bhèiceir.”
“Màrdanan, màthair Alasdair Màrdanan.”
“A’ Chràg. Cuimhn’ agad oirrese? A’ facal a bh’ aca: ‘Cho aost ris a’ Chràg.”
“Dè ’n aois?”
“Bha i 102.”
“Bha i 107.”
“No 104.”
“Bha i 107. Dùin do chab a-nis ’s can tèile.”
“A’ Village.”
“Right .An Topag, màthair Beileag na Topaig.”
“Dèibheag, màthair Iain Louis.”
“F-yab. Hah! Siuthad a-nis.”
“An Tubaltarry.”
“Cò?”
“An Tubaltarry. Bha mac crost aice – mharbh e tunnag le muinntir a’ Bhèiceir le gràp!”
“Dè an seòrsa ainm a tha sin – Tubaltarry?”
“Dè ’n diofar? A’ Chiorsaid.”
“Conag.”
“Speansag.”
“Hoidseag.”
“A’ Bhuaic!”
“F-yab!”
“Thubhairt thu i!”
“An dubhairt?”
“Thubhairt, dammit all!”
“Agus a’ Chamlabhaid, am boireannach bòidheach, a bha pòsd aig fear a’ Bhail’ Àird a bh’ as an eathar.”
Cha do chailleadh iad, cha deach am bàthadh idir. ’S e thachair ach gun deach an togail ’s an toirt tarsainn chun naWest Indies ’s an creic mar thràillean ri uachdarain aig an robh raointean mòra cotain. Agus a rèir colais, bha na h-uachdarain sin a’ toirt prìs mhath air Gàidheil; agus a rèir colais, bha gu leòr Ghàidheal ann: “Gabh thusa beachd,” ars Ebenezer, “air a liuthad Caimbeulach ionmholta a bhuineas dhan àite sin, gun luaidh air Dòmhnallaich, Stiùbhartaich, Granndaich, Clann MhicPhàrlain, Clann MhicShimidh – clann gun àireamh, a chàirdean. Ar càirdean.”
Sheas iad ma choinneamh nan ceannaichean, an cinn an-àirde,
Chunnaic fear a’ Bhail’ Àird am boireannach ga choimhead. Uachdaran a bh’ innte agus dh’aithnich e gu robh i gha iarraidh, ’s gu dearbha cha b’ ann airson spìonadh cotain.
Bha i cinnteach aiste fhèin, an leadaidh ud; ’s gun a dhol taobh seach taobh, gun dàil sam bith, thuirt i ris: “Ma phòsas tu mise, gheibh thu do shaorsa.”
Agus gun dàil sam bith, gu dearbha fhèin, is esan gum pòsadh. Thàinig seanfhacail thuige: “Nach ann dhomh a rug an cat an cuilean” agus “Chan ann a h-uile latha a bhios fèill aig Mac an Tòisich.” ’S ged nach b’ e cailleach bheag odhar i ann an doras a sabhail fhèin, ’s ged a bha a h-aodann mar aodann eich, an dèidh sin ’s an dèidh sin … b’ fhada cian thar chuantan mòr am Bail’ Àrd, Gabhsann agus Dail a Thuath.
Ach cha robh latha a’ dol seachad nach biodh e a’ cuimhneachadh orra, agus, an dèidh mòran bhliadhnachan – colas an airgid ’s an tombac – rùnaich e tilleadh a-rithist aon uair eile gu a dhachaigh ann an Eilean Leòdhais, tìr nan lasgair ’s nan cruachan-mònach.
Ann an Steòrnabhagh mòr a’ chaisteil fhuair e each agus gige a bheireadh tarsainn na mòintich e, agus sìos seachad bailtean an Taobh Siar bho Bharabhas gu ruige Gabhsann bu mhòr a’ bhochdainn: na taighean-dubha, stàbaill is bàthaichean; lòin is lèigean is òpar is òcraichean. Bha e air dìochuimhneachadh cho cianail bochd ’s a bha iad, cho piullach salach ’s a bha aost is òg gha choimhead a’ dol sìos seachad. Agus thog e a làmh riutha, mhol e an latha dhaibh, ach cha do stad e idir.
Cha do stad e gus na ràinig e Dail a Thuath, far am fac’ e còmhlan bhodach ri cruaich ’s iad a’ beachdachadh mar bu dual air aimsir is àiteach, ceum-sìos, ceum-suas, ’s iad a’ dalladh air an tombac.
Chrom e bhon ghige agus chaidh e nan còmhradh. Cha do
Bha e toilichte cuideachd gu robh iad nan seasamh faisg dhan taigh san d’ fhuair e uaireigin an tè a bh’ aige pòsda.
Agus chunnaic e i!
Chunnaic e i ’s i mar an t-òr, a’ tighinn mu cheann an taigh. ’S thug a chridhe leum às, dh’fhairich e a lùths ga thrèigsinn agus dh’aithnich e gu robh esan a-nis mu dheireadh thall air tilleadh gu cinnteach dhachaigh. Air èiginn a b’ urrainn dha bruidhinn: “Cò,” ars esan, “an tè a tha sin?”
Agus chaidh innse dha cò bh’ innte: bha i uair pòsd aig fear dhan fheadhainn a chaidh a chall an eathar Ghabhsainn – dè seo a chanadh iad ris? Às a’ Bhail’ Àrd – co-dhiù, b’ fhad’ on uair sin: bha i pòsd a-nis aig fear eile …
Agus shaoil leis gun dàinig tosd air an domhan gu lèir, ga lìonadh balbh le bròn.
Gun facal a dh’ràdh thionndaidh e ’n t-each ’s an gige agus ghabh e an rathad air an t-slighe air ais, mìltean nam mìltean, gu a cheann-uidhe anns naWest Indies – taigh mòr nan uinneag agus am boireannach sgafanta.
“Agus siud agaibh,” arsa m’ athair, “mar a chuala mis’ e bho Iain Dìord, mac Mòr Chràisgein, piuthar ar sean-seanmhar.”
“ ’S a bheil e ceart?” dh’fhaighnich Miss Boswell, deòir na sùilean.
“Faodaidh tu bhith cinnteach,” ars esan, “nach eil.”
“A-tà!” deir Ebenezer, a’ sìneadh amhaich, “nach dàinig boireannach às naWest Indiesleis an naidheachd uaireigin ma thoiseach na linn. Nighean ministeir a bha thall an sin aig an àm – Maighstir Mac ’ille Raghnaill, nach e?”
“Maighstir Uilleam, a ghi-how!”
Thàinig uspairtich bho naSuper Marios.
“Dè tha ceàrr oirbhse!”
Bha na h-aodainn aca a’ dol dearg. Bha mi a’ feitheamh ri“Haggis! ”ach dè thàinig ach “Hoidseag!”
“Hoigh-oigh,” arsa m’ athair, “thoiribh an aire mus cluinn iad an
Chuala mi gu leòr.
Chaidh mi suas dhan an rùm agam fhìn a thoirt a chreids gur e Ailean Breac Stiùbhart a bh’ annam: “Am I no a bonny fighter” – le a chlaidheamh rùisgte a’ cur a nàimhdean gu bàs.
title | Eathar Ghabhsainn |
internal date | 2015.0 |
display date | 2015 |
publication date | 2015 |
level | |
reference template | Caimbeul Sgeulachdan sa Chiaradh %p |
parent text | Sgeulachdan Sa Chiaradh |