Clann a’ Phrostain
Bha clann a’ Phrostain a’ còmhnaidh air mòinteach bhog, lèigeach; cha robh cho lèigeach eadar Starrabotar agus Ceann an Iar Loch Bhrèitheabhat, eadar a’ Mhaoim agus Feadan nan Cnàmh. Ach nach b’ e mòinteach dhan t-seòrsa sin – fallain, fàileadh a’ fhraoich, feadag air tom; cha b’ e sin an seòrsa suidheachaidh san robh Clann a’ Phrostain idir. Bha a’ chòis acasan ann an àite gu math mì-fhallain, fliuch, frasach, fàileadhach. Bha iad sàbhailt’ bhon àmhghair sin – man Nòah san Àirc – ach chluinneadh iad a’ stilleadaireachd ’s a’ stealladaireachd a bha a’ dol a-muigh ’s bhiodh e gam fàgail sgìth agus droch-nàdarrach agus gun chadal. Gu h-àraid rè ràithean dorch a’ gheamhraidh, bhiodh na sruthain nan leum, na boglaichean a’ lìonadh ’s a’ tràghadh agus an dìle-bhàthte ann fad nan oidhcheannan fada gun iochd gun abhsadh. Bhiodh clann a’ Phrostain air an claoidh:
“Tha seo mucail,” chanadh fear.
Chanadh fear: “Tha seo cac.”
Gu h-àraid mu àm na Nollaige agus gu seachd àraid aig àm na Bliadhn’ Ùir, bhiodh clann a’ Phrostain air an gonadh gu goirt. Cha robh tuiltean idir ann gu ’n uair sin: chluinneadh iad goil agus spùtadh agus smùideadh, agus às dèidh sin, fad’ às, cuideigin a’ seinn ‘A rìbhinn òg, ’eil cuimhn’ agad?’ agus ‘Chuirinn air a’ phìob e’ agus, a’ rabhlaigeadh ’s a’ ruidhligeadh, “Uisge nam beann/Sìos na shruth leis, hù-rù.” Bhiodh a’ ghlaodhraich sin a’ dol
Ach cadal cha robh ’n dàn dha clann a’ Phrostain: mus sealladh iad riutha fhèin – mìle marbhphaisg ’s guma h-anmoch! – thigeadh an steall, an ath bhailc.
Bha na bailcean sin a’ tighinn bhon taobh shuas dhiubh far an robh boglach nam boglach, na bu bhuige na Lèig Cuid-oidhch’, fada na bu lèigich na Loch Lèig ’ilTàdh. ’S tha sin ag ràdha rud. Bhiodh i a’ lionadh an-àirde, a’ bhoglach: dà fheadan gha biathadh, man Feadan nan Uan agus Feadan nan Cnàmh a’ sruthadh dhan Mhaoim, dìreach a-mach romhad bho Àirigh Alasdair an t-Sasannaich.
Bha an dà fheadan seo – aon gu ’n ear dhìot agus aon gu ’n iar – ag èirigh às dà bhlàr-uisge an druim an raoin. Bha iad dearg ri amharc orra, na blàir sin, coltach ri Blàr na Fala, ruiteach san fheasgar fhoghair os cionn Druim Lèineabhat. An t-uisge a bha falbh asta dhan bhoglach, cha b’ idir an deoch uasal rìomhach e, cha b’ idir deoch e. Òl siud ’s bhiodh tu sitrich ’son ceala-deug, grùig air d’ aodann agus do shùilean claon is sileadh ast’. An dearg phuinnsean, an fhìor mhùn, cumhachdach a’ cheò dheth às dèidh uisge-beatha, fìon dearg Frangach, galan lionna; cumhachdach agus buadhmhor an smùid dheth às dèidh feòil reamhar caora cheann-dubh Leòdhasach.
Chluinnte osnaich na gaoithe mòire; chluinnte an sruth bras a’ teàrnadh sìos seachad ’s a’ dol tro dhrèana chaol ’s a-mach tro stealladair ris an cante An t-Srùp. Thigeadh faochadh. Thigeadh fèath. Bu mhath nam maireadh.
Agus ann an còis a’ Phrostain, bhiodh clann a’ Phrostain air an sàrachadh:
“Spùtail na bids,” chanadh fear.
Chanadh fear: “Spùtail na galla.”
Agus sheinneadh na Spotan Dubh, ’s iad ag èisdeachd ris an tuil:
“Into each life some rain must fall,
but too much is falling in mine. ”
Bu tiamhaidh an t-seinn.
* * *
’Eil thu ann an afoinn fhathast? Suas gud ugannan as na slugaidean aig na bha siud de dh’fheadanan, blàir is boglaichean? Feuchaidh mi ri chur nas sìmplidh. Ann an aithghearrachd, a’ dol bho tuath gu deas:
dà bhlàr dhearg
dà shruthan a’ falbh asta
gu boglach
gu drèana
gu srùp.
Bha clann a’ Phrostain fo sgàile na boglaich, air chùl na drèana, sgìth ag èisdeachd ris a’ stilleadaireachd a bha muigh. Ach an dèidh sin ’s dha aindeoin, chùm iad gu gaisgeil a’ dol an ceann an gnothaich fhèin.
Gus an gnothaich àraid sin a chur an cèill, rachamaid a-nis sìos an drèana gu ruige an t-Srùp.
A! An t-Srùp, prìomhaideach agus saor-chlèireach, cha bu taitneach an sealladh air an latha b’ fheàrr. Co-dhiù no co-idir, crochaichte rithe ann an caidreachas bha dà chlogan air an robh Na Cloganan. Chanadh cuid Am Magairlean ris an àite seo, cuid eile Magairlean a’ Chlaimhein. Cha do chòrd seo ris a’ Chlaimhean agus b’ fheudar dha ma dheireadh a dhol air a chasan.
“An ath dhuine,” ars esan, gu math troimh-a- chèile, “an ath dhuine a chanas sin, brisidh mi ’n amhaich aige.” ’S dhèanadh e sin, an colas a bh’ air. ’S bha duin’ eile ann, am Bìogais, a bha gu math troimh-a- chèile cuideachd aig man a bha daoine an-còmhnaidh
“An ath dhuine,” thuirt am Bìogais, air chrith leis an fhearg, “mo ghealladh dhut,” ars am Bìogais, “brisidh mi ’n amhaich aige.”
Carson Ubhal a’ Bhìogais? Na faighnich dhòmhsa. Mura b’ e sin an cnap a chitheadh tu eadar casan a bhriogaisgaberdinenuair a lùbadh e a thogail èibhleag – ’s e sin ri ràdh, “yowlag” – cha chuala mi riamh an seo, ann an tìr an t-Soisgeil, Ubhal a’ Bhìogais ga thoirt air magairlean, an Claimhean ann no às.
Biodh sin mar a bhitheas – air ais chun nan Cloganan agus clann a’ Phrostain, ar cuspair ’s ar ceann-còmhraidh.
Ciamar a-nis a thèid mi a dhèanamh luaidh air na Cloganan? Ding, dong – aom rium do chluais. An toiseach, chan eil uisge nam beann a’ tighinn nan àrainn. No gaoithtean mòra brochan na Sàboind gan luasgadh a-null no nall. Bho ionad nan Cloganan, bho àm gu àm, èiridh driùchd. ’S chan e driùchd glan cùbhraidh moch-mhadainn Chèitein e, smeòrach air gèig. ’S e tha seo ach drùis dhrùidhteach a’ sgaoileadh fallasach ’s gach àite; silteach a bheir fàs air fionnadh, a chuireas spionnadh anns gach cnàmh is fèith.
’S tha an dealbh seo agam dha Suibhne – Sweeney Erect – làn dhith ’s e às a chiall, gun stiall aodaich, a’ sgèith sìos on ghiuthas a b’ àirde agus mnathan Thìr Chonaill a’ falachd an cìochan ’s le sgreuchail a’ toirt an casan leotha.
Cha b’ e teine sa ghobhal a ghluais clann a’ Phrostain, ge-tà, no dad sam bith molach, macho .Ach gluasad, a ghràidh, gun d’ rinn iad. Leis gach dòs dhan t-silteach thàinig beothachadh às ùr unnta; às dèidh nam bliadhnachan dòrainneach thàinig ùrachadh, hi-iùraibh o! trompaidean gan sèideadh, pìoban gan gleusadh, meileòidian ga sheinn:
‘Gabhaidh Sinn an Rathad Mòr’.
‘A Mhaighdeannan a’ Ghlinne Duibh’.
‘O Merrily Danced the Quaker’s Wife’ – glòir na còis ud!
Ged nach robh gin a mhaighdeann ann no bean Quaker no guth orra, bha clann a’ Phrostain air togail orra, colas an fhir-mhillidh air gach donas duin’ aca. ’S bha uimhir dhiubh ann ’s gun rùnaich cuid dhiubh seòladh air falbh, an dachaigh fhàgail ’s am bith-beò a dhèanamh, O mhic an duine, ann an Tir nan Cnàmh. Bha beag no mòr a chianalas orra a’ fàgail, deòir is òrain:
“Gur sinn tha brònach a’ dol a sheòladh
O còis ar n-òige sam b’ eòlach sinn … ”
Eagalach cianail – sùghadh sròine, tachdadh san amhaich. Cha do mhair sin fada ’s iad a’ nochdadh ri talamh nuadh.
Bha gu h-àraid àite ris an cante a’ Chruachainn a Deas gan tarraing gu dian: litrichean gan sgrìobhadh dhachaigh leis an fheadhainn aig an robh sgrìobhadh, air an leughadh sa chòis leis an fheadhainn aig an robh leughadh:
“ … Is e seo gu cinnteach Tìr a’ Gheallaidh, a chàirdean! Thigibh agus faicibh agus blaisibh!” Agus briathran eile dhan t-seòrsa sin, bu mhaith agus bu mhilis. Cha b’ e ruith ach leum leis an fheadhainn a leumadh an àirde fhèin.
“Sheòl mi ’n-uiridh,” sheinn Siarach, “òr gam fhuran,” ’s iad a’ cur cùrsa air a’ Chruachainn.
“Cruachan Beann,” sheinn fear fionnach, “ ’s mòr mo thlachd dhìot!”
Cha deach iad gu lèir dhan Chruachainn. Rinn feadhainn dhiubh, nach robh idir anns an t-sreath ’s nach iarradh a bhith ann an sreath sam bith, an t-slighe gu tuath, a’ seachnadh a’ Ghad-droma ’s a’ dèanamh dachaigh dhaib’ fhèin anns na Reanganan. Chaidh duine na dhithis dhan Charraig-Uchd.
“Mo charraig is mo dhaingneachd,” arsa fear gionach, ag iarraidh gu ruamhar is reubadh. Obair gun chrìoch aca a’ trainnsigeadh ’s ag àiteach anns na h-àiteachan cnàmhach sin, an dàrna h-uair
“Mac a’ choin,” chanadh fear, “seallaidh sinne dha.”
“Mac a’ Riabhaich, a tha gu h-àrd oirnn a’ riaghladh,” chanadh fear.
“Tha seo thuige.”
“Gar bith cò e.”
Ach mar bu tric bha iad glè thoilichte len crannchur: gu dripeil an ceann an gairm, gu fonnmhor sunndach – a’ mhor-chuid dhiubh co-dhiù – gus an dàinig na droch làithean agus a dhruid na sgàilean dubh-dorcha mun cuairt orra.
Seo mar a thachair san Dùbhlachd aognaidh ud – cò smaoinicheadh gur h-ann mar siud a bhitheadh? Gu dearbha cha do smaoinich clann a’ Phrostain, ’s iad a-nis air leudachadh ann an sult is saidhbhreas, agus a’ chòis, a bha na dachaigh dhaibh uile, cuideachd a’ dol am meud. Bu shuarach leotha gu robh a’ bhoglach a bha a-muigh, boglach nam boglach, gu brais a’ bòcadh, gu robh an drèana a bha a’ falbh aist’ chun na Strùp air a fàsgadh ’s air a stopadh cho mòr ’s nach robh de dh’uisge a’ sileadh troimhpe na lìonadh copan-uighe. Ma dheireadh cha robh fiù ’s sin fhèin ann, agus ann am marbhanachd na h-oidhche aon oidhche, ’s a’ ghaoth aig a h-àirde, chluinnte, air a’ ghaoith, glaodh an fhir-fraoich air a chiùrradh agus air a chlaoidh gu goirt:
“Thighearna mhòir … ao-ao-ao … AO-AO-AOBH … Thia … Thia, glèidh mi … dè tha seo?” Clann a’ Phrostain ag èisdeachd: “Cluinn air an dìol-dèirig,” arsa fear. Arsa fear, “An dìle-bhàthte ’s na hò-ro èileadh.” Agus seach gu robh an Nollaig am fagas, sheinn iad ‘Noel, Noel!’ Ach cha do mhùch sin an àmhghair ’s cha do bhàth e a’ chràidh ’s an èiginn. ’S cha dàinig driog.
“AOBH … Thighearna … ”, agus an uair sin, “Seo an deireadh … ” Mar a thuirt Aonghas Mòr Sheumais an cùl na bhana a chaidh bhon rathad ’s a thug a’ mhòinteach oirre tarsainn phollan-dubh is bhruganan gus an deach i air a cliathaich le brag ann an achlais bruthaich. “Seo an deireadh,” chualas aig Aonghas Mòr san
Ach cha b’ e ’n deireadh a bh’ ann. Ni mò na sin deireadh na sgeòil dha stealladair nan monaidhean. Thàinig cobhair air an fheasgar an ath latha.
Ann an saoghal nam boglaichean seo, saoghal nan sruthan ’s nan lòn, tha daoine ann nach iarradh a shùgradh ach a bhith suas gu ’n uilnean agus suas gu ceann am bòtannan ann an uillt a tha ag iarraidh an cartadh – spionnadh an Fhir Dhuibh a’ tighinn unnta ’s iad a’ spìonadh feur is fianach, a’ glanadh a-mach lìonairich, lèig is poll, gu bràth gus am faic iad – le aoibhneas! le buaidh! – an t-uisge àlainn a’ sruthadh air falbh.
Am b’ ann dhan mhuinntir sin am fear a thàinig le cobhair? Chan eil càil a dh’fhios, ach gu robh fios aig’ air a ghnothaich. ’S an dèidh beachdachadh gu luath air staid na boglaich, a bha a-nis an impis spreadhadh, chaidh e as spot chun na Srùp, ’s gun dàil sam bith, gunhumnohaw ,suas an drèana gun shàth e pìob rubair a ghreimich ris a’ bhoglach air dhòigh ’s gun dhòirt na h-uisgeachan mar Eas Niagara sìos an ànradh pìob gu poca gu tap, ’s às dèidh sin a-mach à sealladh gu cladach Geodh a’ Ghàrraidh.
O buidheachas!
Bràighe Loch Iall! Brochan coirc!
Am fear a rinn cobhair air a dhòigh: “Nuair a lìonas am poc, leig an tap.”
Am fear a chaidh fheuchainn chun an smior ag iarraidh seinn: ‘Noel! Noel!’
‘In the Bleak Midwinter. ’
Cha b’ e sin e dhan t-Srùp, ge-tà. Aw, thì … a thì, a thì, an t-Srùp … a’ crùbadh ’s a’ crìonadh air falbh le nàire agus aithreachas … man luchag – cha b’ ann na bu lugha na sin … man feàrlagan, le pìob na gob …
“Manprune,” thuirt tè às Na Hearadh.
’S cha b’ e sin e a bharrachd dha clann a’ Phrostain:
“ ’N cuala sibh siud?” arsa fear.
“Plumaireachd.”
“Chan eil e ceart.”
“Chan eil e nàdarrach.”
Agus seachdain às dèidh sin, suas Bealach a’ Mhàis Mhòir, thàinig meur ann an còmhdach rubair gorm, mantorpedo ,a-steach dhan chòis agus, mar nach robh a’ chùis a’ còrdadh rithe, a-mach air ais cho luath ’s a ghabhadh luath a bhith, fùdar-odhar agus fuich.
“Faca sibh siud?” arsa fear.
“Missile.”
“ Missilemo thòin.”
’S chaidh iad troimh-a- chèile ’s a-mach air a chèile. Gu h-àraid nuair a thachair an aon rud a-rithist, ged nach b’ e ’n aon seòrsa urchair a bh’ ann, ach rubair gorm an dèidh sin, fo stiùireadh sàr lannsair, a ghairm cogadh nan aghaidh.
Cha robh fios no for ac’ air aig an àm gun deach cogadh èigheachd, ach bha fios aca gu robh rudeigin fa-near dhaibh ’s nach b’ e an rud a b’ fheàrr.
À, nam biodh iad air an lasgair ud fhaicinn, an t-abharsair, an t-àrd-nàmhaid. Chuimsich e an toiseach, anns a’ chiad dol a-steach, air na Cloganan. Gu fortanach, cha deach an gearradh às glan bhuileach, bunan et al, le bugair de spaid. Gu fàbharach, cha deach an gearradh às idir le diabhal de chlìobhar. Ach le gràineanan beaga geala chuireadh an driùchd a dh’èireadh asta – an t-silteach dhrùidhteach moch-mhadainn Chèitein – air bheag-fheum, a’ call a beirm ’s a neairt ’s a h-àilleachd. Mar chopan de mhac-na-braiche air a bhàthadh le bùrn. Thàinig gruaim air gach gnùis sa chòis; an-shocair sa Chruachainn a Deas; mì-shaorsainn sna Reanganan.
“Tha ’n deoch seo loibht,” chanadh fear.
Chanadh fear: “Bu cho math leam mùn na bà.”
’S cha robh maitheanas ann dhaibh, iochd mo truas: an ath rud – eadhon ’s mar a thuirt pìobaire Chàrlabhaigh a thachradh – chaidh
“Dh’fhalbh mo shunnd,” thuirt fear sa Chruachainn, “dh’fhalbh mo cheòl-gàire.”
“Èiridh mi,” arsa fear, “ ’s thèid mi chèilidh air mo chàirdean sa Charraig-Uchd.” Cha do dh’èirich.
“ ’N dàinig guth bhon taigh? ’Eil iad beò no marbh?”
“ ’Eil fhios an dàinig siud orra?”
Thàinig. Agus na bu mhiosa.
* * *
Bha sìneadh a’ tighinn dhan latha a-nis, ach fuachd is uisge a’ gheamhraidh a’ leantainn fada dhan Mhàrt. Bha a’ mhòinteach glas, fuar agus uaigneach, an t-uisge a’ frasadh oirre, fras bho fhras, air a sguabadh leis a’ ghaoith, na h-uillt agus na h-aibhnichean nan leum. ’S bha steall fhathast ri chluinntinn fo chòis clann a’ Phrostain, sìos pìob ’s a-mach tap. Cha b’ ann gun thrioblaidean: làithean, sileadh fala, aon uair iomagaineach, glasadh a-rithist, ach ghabh e seachad. Agus shuas an druim an raoin bha am blàr an iar air a dhol am meud, agus dh’fheumte sin, uair no uaireigin, a chartadh ’s am feadan a bha falbh às a chur air dòigh le stiallag phlastaig ghorm a’ ruith troimhe on bhlàr sìos chun na boglaich.
An t-urram aig plastaig! Agus plastair! Agus rubair agus gorm! Bha an t-abharsair geal o mhullach a chinn gu bonn a chois: bonaid geal, còta geal, bòtannan geal. Bha aodann donn ’s na sùilean donn. Bha na sùilean a’ priobadaich le toileachas, ’s e ullamh gu milleadh is sgrios. Còmhla ris bha tè bu bhòidhche snuadh – fìnealt’, deas dìreach – agus ise cuideachd na h-èideadh geal deiseil gu creach is spùinneadh.
An dithis aca, ’s an dealbh seo na mo cheann: bha iad as an t-Sruthan Bheag, a’ dol an comhair an cùil, ’s iad ga leigeil bho
Agus ann an còis a’ Phrostain bha iad gu lèir ann an iomagain agus fo imcheist mhòr. An nì sin ron robh eagal aca, feuch, thachair e: thàinig am bior, mar sleagh, suas an drèana an aghaidh an t-sruth, a’ briseadh a-steach dìreach gu fìor chridhe na fàrdaich. Fad uair a thìde chaidh riasladh is reubadh a dheanamh a chuir an dachaigh ’s na bha innte bun-os-cionn agus budar-a- sging.
“An dachaigh a bha caomh is blàth,” arsa fear gu cràiteach.
“Far an cluinnte na h-òrain agus gleadhraich nan còrn,” arsa fear gu dubhach.
A-nis gun mhacnas, gun mhùirn, gun fiù ’s poit-teatha.
Agus mheòraich iad gu dubhach, cràiteach air an staid; ’s mar a thuit na cumhachdaich; ’s mar a shuidh iad aig sruthaibh coimheach Bhàbiloin, a’ gul gu goirt ’s a’ cuimhneachadh air an fheadhainn nach robh ann agus an fheadhainn a bha ann air am fuadach thall ’s a-bhos.
Shuas aig tuath anns na Reanganan bha pàirt dhiubh fhathast nach robh air gèilleadh gu tur. Bha an sùil air a’ Ghad-Droma.
“ ’N diabhal,” arsa fear ris fhèin, “nam faighinn grèim-cois ann … ”
Mar Hiortach aig Stac an Àrmainn, Niseach aig Stac Hanndaidh.
Bha an Gad-Droma ri toirt dùbhlan dha.
“Nam faighinn-s’ ach aon ghrèim-cois oirre,” ars esan ris fhèin. “Mac na galla, sheallainn-s’ dha an uair sin.”
Bha iad nàimhdeil droch-chainnteach anns na Reanganan. Eucoraich gun nàire, a thoill an spoth.
Cha b’ e sin e dhan choitheanal a bh’ anns a’ Chruachainn a Deas.
Fo bhròn ’s fo mhulad iadsan.
Fo phràmh.
Fo leòn.
An-dràsta ’s a-rithist, thogadh iad fonn. Cha b’ e port aotrom, mar bu nòs. Cha b’ e ‘Dòmhnall Beag an t-Siùcair’ no ‘Ruidhleadh an Gille Cam’. Cha chluinneadh tu‘Dem Bones’aca ged a bhiodh tu feitheamh gu màireach.
Ach, nan èisdeadh tu gu furachail stòlda, do làmhan paisgte ’s do shùilean dùint’, chluinneadh tu an-dràsta ’s a-rithist, na bhriseadh-cridhe, air fonnMartyrdom :
“Dèan tròcair oirnn, a Dhia nan gràs … ”
Fann, eu-dòchasach.
Fead na gaoith tro tholl na h-iuchrach.
title | Clann a’ Phrostain |
internal date | 2015.0 |
display date | 2015 |
publication date | 2015 |
level | |
reference template | Caimbeul Sgeulachdan sa Chiaradh %p |
parent text | Sgeulachdan Sa Chiaradh |