Feòil a’ Gheamhraidh
Bha e a’ miannachadh gun tàradh a’ chaora ás, agus gun deanadh i air-san, ’na sheasamh eadar tòin an taighe agus an gàradh. Ach bha an cù math, bha athair eòlach is a’ chaora a’ fàs sgìth. Sheasadh i, chuireadh i aghaidh air a’ chù, agus shaoileadh am balach gu robh i a’ cur eagail air, ach cha tigeadh stad an ceum Rex agus b’fheudar dhi a casan a thoirt leatha.
B’e latha soilleir geamhraidh a bh’ann, is beanntan an iar-dheas mar-thà a’ cnàmhadh na gréine. Cha robh gaoth ann ach uspagan nach teicheadh facal no fuaim ás an rathad. Ged a bha athair ceud slat air falbh chluinneadh e cho goirid ’s a bha anail; chluinneadh e farum casan a’ choin, is glugadaich na caora a’ ruith.
Cha thréigeadh a’ chaora an aon slighe. Fad a’ ghàraidh, timcheall taigh-nan-cearc agus air ais chun a’ ghàraidh.
Bha athair mar a b’àbhaist, ’na sheasamh le chasan sgèabte, a cheann roimhe agus a dhà ghàirdean làidir mar gheugan bho a chliathaich, mar gum biodh e a’ deanamh oidhirp gun dìreadh air gluasad.
“Te-ADD, a mhadaidh! Laigh-anna-sin! Sin thu, back there now. Mach á sin!”
Bha e iongantach, shaoil am balach, cho cruaidh ’s a bha athair air Rex a muigh, is cho rèidh ’s a bha iad a stigh ris an teine.
Cha mhór nach robh i air a mhuin mun do dh’fhidir e. Leum e thuice, agus ghreimich e ri a sliasaid. Bha an cù fliuch ri thaobh, agus am beathach ’ga dhraghadh.
“Faigh gréim oirre! Thig a seo, a choin! Sin thu, bhalaich.”
Chual e lachanaich athar nuair a thuit e. Ach cha do leig e ise ás. Bha e fhéin is a’ chaora a’ sprùillich air an talamh, agus i ro neartmhor dha, ’s na casan caol cruaidh a’ buiceil, ’ga bhualadh. Bhuail esan aon uair i le a dhòrn. Chaidh gath fuath troimhe. Lùig e a marbhadh le fhiaclan. Lùig e na sùilean a spìonadh aisde ...
Cha robh aige ’na ghréim ach sop clòimhe. Dh’fhosgail e a shùilean agus chunnaic e casan fada athar agus a nàmhaid glaicte mu chùl a h-amhaich le aon làmh mhór chomasach. Sheall e suas, is chunnaic e an t-aodann le gàire agus na sùilean gorma blàtha.
“Sin thu, bhalaich, éirich. ’S math gu robh thu ann.”
Dh’éirich e agus chuir athair a làmh air a ghualainn.
“Cuiridh sinn suas i. A, a bhalgair, cha shàraich thusa duine tuilleadh, mura bi d’fheòil righinn!”
Rinn an dithis gàire, ach bha fuath aige fhathast nuair a shealladh e rithe. ’Se bhiodh toilichte ’ga faicinn a’ strì agus a’ breabail nuair a bhiodh an sgian ri tighinn! Cha toireadh i buaidh air athair-san, ta, nas motha na bheireadh gin air fhéin nuair dh’fhàsadh e mór treun mar athair.
Air do athair am bann a cheangal mu chasan na caora, shuidh e sìos agus rinn e cigarette de thombaca a bh’aige ann am bucas faileasach. Shuidh esan air a bhuinn mu choinneamh.
“Bheil a h-uile càil againn? Mias, sgian, òrd—càil an t-òrd? Ruith suas air a thòir, Alasdair, a ’raidh.”
“Na marbh i gus an till mi, ma-tha.” Agus ruith e suas dhachaidh. Cha do shaoil athair gun robh e ach
air falbh nuair a thill e, an t-òrd aige, agus a shùil a’ sireadh na caora.
“O, tha i mar a dh’fhàg thu i,” ars athair le fiamh-gàire. “Well, ma-tha.”
Thog athair a’ chaora agus chuir e ’na sìneadh air a’ bhord i.
“Cumaidh mise stòld i!” dh’éigh am balach, ach cha robh sin iomchuidh. Laigh a’ chaora sàmhach, gun ghluasad, a sùilean balgach, cruinn ’gan coimhead.
Thilg athair a sheacaid agus lom e a ghàirdeanan gu uilinnean. Thug e an draghadh mu dheireadh ás an cigarette agus chuir e car dhith fo bhròg. Thog e an t-òrd. Thàinig e a-null chun a’ bhùird.
Bha am balach a’ coimhead na caora agus ag radh rithe—Gheibh thu a-nis e, gu-ta, is ’s math an airidh. Ach cha do dh’atharraich an t-sùil chruinn, aineolach, a bha ’ga leantainn, agus cha do charaich cas no ceann, ach ’na sìneadh mar chlosaich ged a bha a h-anail ’ga dubadh sìos is suas. B’fheàrr leis gun gluaiseadh i, gun deanadh i strì sam bith, gus an leumadh e oirre is gun tacadh e i!
“Tog, an dràsd. As a’ rathad, a ’raidh.”
Sheas athair ri a taobh, rug e air adhairc oirre, agus thog e a ceann gu a cùl. Bha esan ’na sheasamh mu coinneamh, geur, a’ sireadh faileas an eagail anns na sùilean. Ach cha do lorg.
“Well. Seall, dìreach an seo— —” agus bha corrag athar, leis na h-uilt chnapach, eadar dà shùil a’ bheathaich“ —— sin ’m bad am buail sinn i, agus cha bhi fios aic air càil.”
Chuir e dhà làmh ’na phòcaidean, agus chaidh iad ’nan dùirn bheaga gheala. Sheall e air a’ chaora a
rithist. Sheall a’ chaora air ais gu sèimh. Thog athair an t-òrd. Thréig an gamhlas na féithean, agus chaidh fhuil ’na uisge anns na cuislean—cha robh eagal air a’ chaora idir. Cha robh i a’ breabail no a’ feuchainn tabhairt ás. Gu grad bha an truas ’ga thacadh, agus dh’fhosgail e a bheul.
Cha do leig an t-òrd brag idir, ach fuaim mar uinneag a’ sgàineadh air cùl aodaich. Cha bu dùraig dha sealltainn ri athair, ach cha do dh’fhàg a shùil ceann na caora. Bha na sùilean bòcach maoth-ghlas fhathast ’ga choimhead seachad air gàirdean dubh athar. Cha do ghluais e.
Chuir athair sìos an t-òrd, sgioblaich e mias air an ùrlar, agus thagh e àite an amhach na caora. Chunnaic am balach na crògan móra neartmhor ag obair anns a’ chlòimh, agus an làmh dheas a’ togail na sgine. Cha robh inntinn aige ach na sùilean ’s na cluasan. Bha athair ri deanamh cagair fheadalaich gun fhonn ris fhéin, agus na làmhan eòlach a’ gluasad. Chaidh faobhar na sgine a-steach am measg na clòimhe.
“Bheil i marbh?”
“Tha gu dearbh,” ars athair, agus an sgian a nis a’ gearradh glan.
Thuit a’ cheud sruthan de bhoinneagan dearga le farum luath, agus thog athair a cheann.
“ ’Si tha. Robh dùil agad nach robh?” agus rinn e gàire.
Chunnaic esan a’ ghàire, is rinn e fhéin fiamh lag. Chunnaic e aig an aon àm an sgoltadh dearg ás a robh fuil a nis a’ sruthadh.
Cha do charaich e gus an robh athair deiseil air son falbh, nuair a bha a’ chlosach gun cheann, gun chlòimh,
gun chas is gun mhionach, crochaidhte bho na sailean. Chuir athair uime a sheacaid, agus rinn e cigarette eile, breac-dhearg.
Thug am balach aon dhearcadh gu oisean far an robh an ceann air an làr. Bha sgàile sgleòthach air na sùilean, ach bha iad maoth, socair.
“Thugainn, a ’raidh. Sud sud seachad.”
Chuir e a làmh mu ghualainn a mhic. Thug am balach sùil air an làimh. Agus choisich iad a-mach do’n fheasgar, a nis a’ fàs fuar.
title | Feòil a’ Gheamhraidh |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Moireach An Aghaidh Choimheach %p |
parent text | An Aghaidh Choimheach |