An Dà Latha
Nigh e e fhéin gu faiceallach, tràth, a’ mhaduinn ud. Nigh e a cheann, is ghabh e dha leis an tubhailt, mar a bhiodh athair a deanamh o chionn fhada, gus an robh a chraiceann goirt. Nigh e aodann le bùrn fuar, agus nigh e a chasan. Ghlan e fo ìnean le bruis bheag chruaidh. Ghlan e an uairsin a’ mhias, agus mar a b’àbhaist, nuair a bha na tapaichean a’ dol mar sud air maduinn dhe’n t-seòrsa ud, thàinig a mhùn thuige. An donas. Dh’fheumadh e nise a làmhan a nighe a rithist. Rinn e sin is thill e do a rùm fhéin.
Bha fios aige gum biodh e na b’fhasa dha e fhéin a bhogadh san amar, ach bha eagal air fheuchainn. Nam biodh frasair ann—ach cha robh. Cha robh aige ach aon rùm, agus cucair beag ann an cùil, agus cothrom air an t-seòmar ionnlaid, mar a bh’aig na ceathrar eile a bha fuireachd fo’n aon thughadh ris. Càil a bu lugha air, e bhi ’na shuidhe le bhriogais mu chasan, a’ smaoineachadh, agus gun tigeadh ceumannan chun an doruis is gu feuchadh cuideigin an dorus fhosgladh. Shuidheadh e reòidhte. Dé nam biodh e air dìochuimhneachadh an dorus a ghlasadh? Dé nam b’e meàirleach a bhiodh ann? Is gum briseadh e an dorus? Dé dheanadh esan ’na aghaidh. Is gum fàgadh e fuar, marbh anns an t-suidheachadh ud e, is an dorus air a’ chlab? Masladh, daoine ’ga lorg rag marbh air a’ phoit. Nam biodh deò anail air fhàgail aige an déidh na buille, dh’fheumadh e am plug a phutadh is oidhirp
a thoirt air a bhriogais a thrusadh. Bedsitters na mallachd. Ach cha robh airgead aige air son a’ chòrr. Cóig bliadhna deug bho dh’fhàg e Leodhas le deich notaichean is deis ùr is prìne-banaltrum air a’ phòcaid-a- stigh far an robh seachd de na notaichean. Cóig bliadhna deug ag obair—greiseag ann an gàradh air Cluaidh, is an còrr ri clàircearachd—ach ag obair, co-dhiùbh, agus cha robh seachd notaichean aige ’na phòcaid an diugh. No Di-Sathurn sam bith.
Dh’fheuch e a phòcaidean. Bha airgead ann an trì dhiubh, buinn leth-cheud agus dòrlach sgillinnean. A raoir, ’na chuis-mhagaidh, a’ briseadh notaichean. Agus a’ toirt fiach gloine do’n bhàrman gach turas, ag ìnnse dha gun robh fios aige-san, ’ille, co-ris a bha e coltach a bhi ris an obair sin, gun chuir e fhéin seachad speil ris. Na breugan. Cha robh fios fo ghrian carson a bhiodh a’ bhreug ud aige ris a h-uile bàrman. Is cha robh fios dé liuthad breug eile a sgap e air feadh a’ bhaile, breugan beaga grinn le fàileadh na deoch dhiubh. Cia mheud duine de a luchd-eòlais aig an robh ’na chuimhne breug leis-san? Nan cuimhnicheadh iad, cruinn còmhladh aig an aon àm orra ... o Dhia. Feumaidh mi smachd a chumail air mo theanga, thubhairt e ris fhéin, tha mo theanga is m’inntinn a’ gabhail brath orm.
Phaisg e aodach-oidhche is chàraich e a leabaidh. Chuir e aodach glan uime, agus shaoil leis gun tug sin ùine. Dh’fhosgail e an uinneag gus an ruagadh a’ ghaoth samh na h-oidhche ás an t-seòmar. Sgioblaich e an rùm. Chuir e na leabhraichean còmhladh gu snasail air an làr fo’n uinneig. Mhothaich e gun robh Teach Yourself Letter-writing—leabhar a cheannaich
e nuair a chaochail caraid dha, air son gun cuireadh e litir gu phàrantan—ri taobh bàrdachd Yeats, agus chuir e Long Day’s Journey into Night eatorra. Yeats bochd, ars esan, air a thàmailteachadh.
Mu dheireadh, thug e cìr ás a phòcaid is ghabh e a-null chun an sgàthain. Chrom e sìos mun do ràinig e e, agus chrùb e fodha, mu choinneamh. Thog e an uairsin a cheann an àirde air a shocair, beag air bheag, gus am bu léir dha fhalt anns a’ ghloine, agus stad e, le a dhruim dìreach is a ghlùinean lùbte. Chìr e a cheann cho luath ’s a b’urrainn dha, is chrom e sìos a rithist is ghabh e air falbh bho’n sgàthan. Cha robh e air son a shùilean fhéin fhaicinn, no a leth-cheann le feusag latha is oidhche.
Shuidh e. Is sheas e. Dé dheanadh e, cho tràth air a’ mhaduinn? An déidheadh e a-mach? Sheall e a-mach. Maduinn bhrèagha shamhraidh, a’ ghrian a’ deàlradh air sglèatan fliuch nan togalaichean mu choinneamh a shùilean. Bha na sglèatan mar lannan éisg, smaoinich e. Abair éisg, is esan ’nam measg. Abair grunnd mara. Glaschu air maduinn shamhraidh, oiseanan is cinn-simileir is sràidean odhar. Ach, maduinn mhath, an déidh sin. Dh’fheumadh e smaoineachadh.
Shuidh e. Cha robh a cheann goirt idir. Cha robh dad a’ tighinn ris mar sin. Ach cha robh e comhfhurtail. Bha a chridhe rudeigin cabhagach, agus bha a chraiceann tana. Shaoil leis gun robh a uile bhith dìreach air cùl a chraicinn, agus nam briseadh e air a chraiceann gun tòireadh a bhith ás troimh’n toll agus gum faiceadh e i ri thaobh mar a chitheadh lamp Aladdin an genie a thàinig ás an t-srùp. An dùil dé am beachd a bh’aig an lamp air Aladdin? Shuath e a bhroilleach fhéin,
is e a’ leigeil air gum b’e Aladdin is a lampa a bh’ann. Dh’fhosgail e a bheul, mór, agus, le glé bheag strì, leig e brùchd. Rinn e dealbh de’n spiorad a thàinig a-mach agus a bha gu h-iriosal, umhail anns an adhar eadar e fhéin is a’ chiste-dràirichean.
Yes, massa, ars an spiorad, ars esan ann an guth àrd. Chuir e roimhe gum b’fheàrr dha fhéin an dà ghuth a dheanamh, agus bruidhinn a-mach. Cha chluinneadh duine e co-dhiùbh.
Yes, massa, ars an spiorad.
Dé ’n t-ainm a th’ort? dh’fhaighnich esan.
Genie.
Och, Genie do thòin. Dé mu dheidhinn Domhnall Hob?
Yes, massa.
Agus bruidhinn Gaidhlig.
Ceart gu leòir.
Is mise do mhaighstir. Gar bith dé dh’iarras mis ort, bithidh freagairt agad, no nì thu e. Tha thu firionn, cho geur ri Tiresias is cho aosd ri cladach Leodhais, agus gabhaidh tu comhairl’.
Seadh.
Innis dhòmhsa ma-tha, dé rinn mis an dé?
Sguir thu a dh’obair— ——
Tead, tha fios ’am air a sin. Gabh romhad gu seachd uairean. Is na fàg càil ás. A choin. Cùl mo chois. Siuthad, a Dhomhnaill Hob! Get cracking.
Ghabh thu a-steach am baile le pasgan beag notaichean, agus seachduinn fhalamh eile ’nad eachdraidh. Chaidh thu an toiseach gu bàr beag grod, far an robh daoine a’ tilgeadh cnapan fhaclan air a chéile, daoine le seiceidean ùra is seann bhrògan rocach liath a’ dìon Rangers bho Dhi-Sathurn a chaidh, is ’gam brosnachadh
gu cath làrna-mhàireach. Bha eagal ort. Ghabh thu dà ghloine uisge-bheath an àite pinnt seach gu bheil sin nas fhasa òl ann an cabhaig. Is thug thu ás. Agus chaidh thu do bhàr Harry—dhan a’ lounge, còmhla ri daoine nas coltaich riut fhéin, mas fhìor—agus cha robh cuimhn’ agad nach fhaigheadh tu pinnt ann. Cheannaich thu uisge-beath is chuir thu sòda ann, oir tha Harry bochd gun fhios da ’ga do chumail ris a’ bhreug a dh’innis thu o chionn sia bliadhna—tha cuimhn’ agad. Cheannaich thu dhà eile is aon dha Harry, “No just now, Bill, but I’ll put it by for after, thanks. ”
Stad. Fuirich gus an leig mi ’na mo shìneadh an seo. Ceart. Nis, innis—na ghabh Harry gloine an déidh dha am bàr a dhùnadh, no na chuir e ’n t-airgead ’na phòcaid?
Chan eil fhios ’am. Chan eil fhios agams ach dé rinn thu fhéin ... Bha thu air blàthachadh gu seo is tu a’ lorg duine ris am bruidhneadh tu. Ceannaiche—dé an t-ainm a bh’air? —co-dhiùbh, bha sruth còmhraidh aige. Mar a bha esan air feadh Alba—an Steòrnabhagh—boireannaich. Agus thusa a’ gàireachdainn, is làn aithreachais gun thagh thu clabaire nach leigeadh dhut facal a radh.
Bha e ’na thosd greiseag, is an sgleò a’ falbh bho chuimhne. Carson a cheannaich e deoch dhan a’ bhalgair? ’Gan toirt dha mar a dh’òladh e iad, Highland hospitality—esan a’ riochdachadh nan Gaidheal, a’ sealltainn cho còir, cho fialaidh ’s a bha iad, is mar a dh’òladh iad. Smaoinich e air Leodhas, air a phàrantan is a nàbaidhean aig an taigh.
Nach bu mhi an damh na croich, ars esan.
Agus chuir thu gloine air a bheulaibh nuair a dh’fhalbh
thu. Agus, fuirich, rug thu air làimh air, agus nach do dh’innis thu dha d’ainm is càite robh thu a’ fuireach? Co-dhiùbh dh’fhalbh thu is ràinig thu bàr far am bi iad a’ seinn amhrain Ghaidhlig agus a’ deanamh còmhstri de òl. Chunna tu Murchadh Sheònaid is rinn thu air is thug thu dhà? —trì? —gloineachan dhàsan, agus dh’innis thu dha cho làidir ’s a bha Ailean, bràthair d’athar, agus—
O dé math dhut, a ghloidhc? An e sin an taobh a ghabh mi a raoir? Neart is dóruinn—ai, ai—an ginealach a thriall, an sìol-cura a thuit dhan a’ mhuir ás an Iolaire. ’Siad a tha feumach air mise bhi ’gam moladh. Féithean cruaidh is cridhe maoth. Na Gaidheil mar uibhean, agus a’ Ghalldachd mar phraidh-pan. Dhéidheadh Murchadh Sheònaid dhachaidh gu bhean air a dhalladh le deoch is air a mhealladh leis na briathran agamsa, mar a chaidh feadhainn eile roimhe. Agus fhad’s a bha ise a’ slaiseadh air, bhiodh esan ’ga fhaicinn fhéin mar Spiorad a’ Ghaidheil, cho cruaidh is cho bog is gun cuireadh e car dha amhaich a sheanar is e a’ seinn Fàili, Fàili, Fàili Oro ’s a’ gal. Clàirc beag sgròbanach an oifis factoraidh spanairean. Mo dheagh charaid a raoir, an e? Gu sealladh Freasdal orm. Gabh romhad mionaid. Bi daoine ag éirigh is feumaidh tu dhol air ais dhan uaigh a dh’aithghearr.
Dh’fhalbh Murchadh dhachaidh, is chaidh thu a bhruidhinn ri bàrman. Tha fios agad dé thubhairt thu? Agus cheannaich—Bha, thu gu math dona. Is bha thu a’ faireachdainn eu-dòchas nan Gaidheal ag éirigh annad. Thòisich thu a’ seinn, “Tha tighinn fodham eu-dòchas,” agus thubhairt duine riut gun cuireadh e flat fuar thu mur a sguradh tu. Seòldair, air tilleadh
bho bhòids sia mìosan, is fàileadh after-shave dheth. Dh’fhaighnich thu a robh e aig acair aig Grianaig o chionn ghoirid, is fhreagair esan gu robh— ——
Thòisich e ri lachanaich air a leabaidh.
— —— is dh’innis thu dha gun robh glasadh air do chaolan o chionn fhada, is gun ghabh thu trì Beechams aon latha, agus dh’fhaighnich thu na thurchair dha mothachadh càil annasach a’ seòladh seachad air cùrs a dh’Ameireagaidh. Bhuail e thu, agus tha do bheul goirt an diugh. Agus chaidh an dithis a thilgeadh a-mach— ——
Stad. A Dhomhnaill Hob, tha sin gu leòir. Dhùisg thu barrachd air na lùiginn. Abracadabra sa’ Ghaidhlig. Steach dhan uaigh leat!
Bha sud gu leòir. Bha fallus air is e a’ cuimhneachadh. Bha cuimhne aige air fhéin ’s an seòldair ag òl á leth-bhotull, a’ seinn an tilleadh iad a chaoidh do na glinn san robh iad òg? agus esan a’ gal air a ghlùinean os cionn a’ ghutair, ’s an seòldair ag radh ris gun robh e alright, sguir, an diabhal, dé tha ceàrr?
Agus cha robh cuimhne aige air a’ chòrr.
Dh’éirich e gu chasan. Ciamar a fhuair e dhachaidh? No cuin? Is e seo an rud a bha uamhasach, ged a bha an còrr eagalach. Có a bha a’ blaoghdaireachd air feadh sràidean Ghlaschu ’na choluinn-sa, nuair a bha an inntinn air leigeil roimhe? Sheas e, a’ feuchainn cuimhneachadh, a’ rannsachadh am measg nan dealbhan camaiceach. Cha robh theat a dh’fhios aige. Tharraing e anail is leig e a-mach air a shocair i. Dh’fheumadh e a dhol a-mach. Is e bha seo ach maduinn Di-Sathurn, is bha e beò fhathast. A-mach, a-mach dhan fhionnarachd.
Choisich e uair a thìde air na sràidean fada, a’ coimhead ri innealan air son nighe shoithichean is cameras is àirneis eile ann an uinneagan nam bùithtean. A’ cumail inntinn fo smachd. A’ toirt oirr’ a bhi a’ taghadh rud ás gach uinneig, no a’ toirt beachd air bùithtean. Ach ruitheadh inntinn roimhe is dheanadh i dealbh air bùth undertaker, le cisdeachan-laighe air am foillseachadh gu buaireasach, le sanasan-reice is prìsean is cuirp-fhuadain mar a bha a’ seasamh an uinneag an tàilleir.
Cheannaich e pàipear-naidheachd, chaidh e a-steach ann an café, is leugh e am pàipear air fad, fiù’s naidheachdan an Stock Exchange nach do thuig e a riamh. Agus dh’òl e dà chopan cofaidh. ’Sann an uair a bha e letheach air an dàrna copan a dh’fhairich e sùilean chuideigin a’ sgrùdadh cùl a chinn. Chuir e a shùilean fhéin cho fada clì is gun robh iad goirt, feuch an dearcadh e air có bh’ann, ach chan fhaiceadh e. Dh’fhidir e fallus as spot. Bha e cinnteach a nis gun robh duin’ -eigin feathar air a chùlaibh, ag òl agus ’ga choimhead-san. Cha bu dùraig dha tionndadh, gun fhios dé chitheadh e. Thòisich e a’ leughadh a’ phàipeir a rithist, a’ cur a theanga mu na facail, slaodach, is ag radh ris fhéin deanamh air a shocair, gur e bh’ann ach a mhac-meanmna, gu faodadh e cofaidh eile a ghabhail is gu falbhadh an duine. Dh’òrdaich e cofaidh eile nuair a thàinig an nighean a bha a’ frithealadh nam bòrd timcheall. Agus leugh e a rithist mu phoilitics is mu dheidhinn an t-saoghail mhóir anns an robh esan a’ falbh mar chuileig anns an adhar.
Detective! Cha shealladh duine eile cho dian cho fada.
Thòisich e a’ rùraich anns a’ phàipear, a’ lorg an deach duine a mhort an Glaschu a raoir. Where were you between 10 p.m. and midnight?A Dhia, nach cluinneadh e iad. No idea? Did you walk home? When?Sreath pholais, srutan cheisdean, agus esan a’ faighinn a-mach gun do mharbh e cuideigin a raoir. Murchadh Sheònaid ’na fhianuis, a’ cantainn gun bhruidhinn e ris-san air neart is marbhadh, agus an seòldair—ach cha bhiodh rian aige air, chuireadh an seòldair fuar e. Bhuail cleas e, gu h-obann. Leig e ás duilleag de’n phàipear chun an làir, agus chaidh e ’na dhà lùban air a chéile air son a togail. Fhad’s a bha e shìos, thug e sùil fo’n bhòrd. Cha robh dad ri fhaicinn. Cha robh duine ann!
Cha mhór nach do leum e le toileachas. Dh’fhàg e a phàipear is a chofaidh. Phàidh e an nighean, is dh’fhalbh e a-mach a’ feadalaich, agus choisich e sìos gu Dumbarton Road is a-steach Sauchiehall Street a’ feadalaich. Chuir e roimhe gun déidheadh e a-mach ás a bhaile, gu na beanntan. Choisicheadh e suas na sléibhtean, agus bhiodh na h-eòin ri seinn. Gheibheadh e saorsa agus cha robh fios nach sgrìobhadh e rudeigin. Cheannaicheadh e bapaichean is feòil is bainne an dràsda fhéin.
Sheas e air a’ chabhsair. Bha am baile a nis air èaladh le creutairean de gach dath, seanganan le ultaich a-steach ’s a-mach á dorsan. Busaichean buidhe-is-uaine agus càraichean ’nan deann, sròinean an earbaill a chéile. Agus gaoth uspagach a’ sguabadh dust is bileagan pàipeir leis. Fuaim innealan, is fuaim an trafaic.
Càite faigheadh e aran is feòil is bainne?
Ghabh e ceum sunndach a-mach air an t-sràid.
Dh’fhidir e càr, dùdaich. Ruith e is leum e, agus ràinig e an taobh eile le bragadaich a chridhe agus ràn chonacag ’na chluais. A chlobha tha thu ann, carson a rinn thu sud? Bha e air chrith. Thòisich e a’ coiseachd, aig astar, a’ suathadh seachad air daoine, a léirsinn ceangailte ri rathad a lorg dha fhéin. Dh’fheumadh e sgur de chuid òl, no dhéidheadh e ás a chiall. Cha robh e ás a chiall an dràsda—an robh? Chunnaic e fear ag obair le dril a’ gearradh uachdar na sràide pìos roimhe. Rinn e air. Bha srann is gliogadaich eagalach, iutharnal aig an dril. Duine beag le sròin caol fada agus gàirdeanan cho cruaidh ri fàdan. A ghualainnean a’ buiceil agus a ghéillean air chrith. Phriob an duine air nuair a thug e an aire dha. Chaidh esan a-null ri thaobh. Dh’éigh e ris an robh glòir an inneil ’ga bhódhradh, agud b’fheudar dha a radh a rithist, ’s a bheul gu math faisg air cluas an duine. Chunnaic e beagan salachair ann an cluas an duine, ann an camadh na cluais. Thubhairt an duine, “Get use tay it! ”agus cha robh coltas gun robh tuilleadh còmhraidh aige. Dh’fhàg e e, agus fios aige gun robh miann pinnt air. Cha ghabhadh.
Ach ghabh, dhà. Agus air na sràidean a rithist, a’ cagnadh chewing gum, thachair e ri dà ghille òg a bha ag obair anns an oifis. Taing dhan t-sealbh, dh’fhuireadh e ’nan luib is chòrdadh an latha ris. Taigh na croiche dha na beanntan, ’s na bapaichean, is am bainne. Càite robh iad a’ dol? A dh’fhaicinn film Laurel and Hardy, an ann? Is Mickey Mouse? Mà-ruibhe bha, e air son a dhol ann.
An tìde a’ dol seachad luath, car luath, a’ lachanaich aig cleasan Mickey Mouse, agus cha b’urrainn dha sgur
a ghàireachdainn nuair a thòisich Laurel-and-Hardy. Anns an dorchadas, anns a’ cheò, ’na shuidhe a’ lachanaich gun sgur. Thionndaidh cailleach is sheall i ris. Bha Laurel cho brònach is cho éibhinn—bodach ás an t-seann ghinealach.
Latha a’ fàs sgìth air Argyle Street is fàileadh sgìos dheth. Na gillean a’ fàs an-fhoiseil, ag iarraidh a bhi clior ’s e. Mar sin leibh fhéin, ma-tha, chì, Di-Luain, seadh, cheery ... Cheery.
An trìtheamh pinnt, is fhathast gun fhios air domhain ciamar a fhuair e dhachaidh a raoir. Cha robh fios aig Domhnall Hob, ach bha fios aig cuideigin. Pinnt eile, is smaoinich air Mickey Mouse. Slàint Mickey. Leann a’ dol sìos gu sleamhainn. Daoine a’ tighinn a-steach. Luchd-eòlais. Iain, nach math sin, Iain. Iain ciamar a fhuair mi dhachaidh a raoir? O nach robh, gàire, o bha, bha i mór mas do sguir sinn. An gabh thu té bheag leis? Bheil fhios agad—putadh air—cà’ robh mise an diugh? Seo na breugan, sguir, na bi ag ìnnse bhreugan. Bha mi a muigh anns na beanntan, a bhalaich. O cha b’ann, an fhìrinn onorach . . . . . .
Leig e srian dha theanga is e a’ smaoineachadh seo mi a rithist, air a’ chuibhle a rithist, Iain gun seadh, carson a tha e cho modhail? —— Cha b’e Iain a bh’ann tuilleadh, bith cà’n deach e, ach dithis. Slàint, ag òl, an e esan a cheannaich sud? Chuir e làmh ’na phòcaid. Cha robh móran air fhàgail, bheireadh e troimh’n oidhche e, mur a ceannaicheadh e ach dha fhéin. Bha fear de’n phaidhear ag ìnnse dha mu dheidhinn leabhar a leugh e, is dh’fheumadh esan leigeil air gun robh e ag éisdeachd. Rinn e sin. Bha ainm aige a bhi math air leabhraichean—cliù, a charaid ...
Leansa dlùth ri cliù ar sinn-seann-sheanamhar, nighean Thormoid Riabhaich, nach maireann. Bruidhinn riutha, ma-tha. Gaill is iad cho gallda, innis dhaibh rudeigin a nì saoghal nan Gaidheal follaiseach dhaibh. Clò, seòladh—mo ghéillean goirt—briseadh cheann. Do sheanair. Mo sheanair, duine iongantach, ged nach robh sgoil aige. Cha robh cothrom—not a chance—agus air ais chun a’ Mhetagama ’s am Marloch is an Talamh Fhuair is a’ Choille. Gabhaidh, pinnt heavy. An ùine a’ ruith a-mach. Slàinte, slàinte. Dhia gléidh mi, na leig dhomh sgrath a thogail bho’n t-sloc. Deòir ’na shùilean ag ìnnse mar a b’fheudar do na fògarraich am buntàta-cura a thogail ás na sreathan leis an acras. Nach cuala? Sin a’ saoghal againne, a chàirdean, cruadhs, fulangas, is strì. Sin a dh’fhàg sinn mar a tha sinn. Leugh mi Camus, bha, math. An cuala sibh a riamh iomradh air am Megantic Outlaw? Leodhasach. Loisgeadh e an dà ghunna is ghearradh e troigh—give or take—á feansa wèidhir ... Cha b’e an nochd a bh’ann, dh’innis e seo mar tha, ’se bh’ann ach a raoir, pàrtaidh—flat ann a’ Hyndland. Mas e raoir a bh’ann, càite robh e an diugh? Dé latha a th’ann? Dé ’n oidhche? Cearcaill dhearga, mar bhuaileagan mu phuist-sholuis, a’ tighinn roimhe. Sguir e de’n chòmhradh, cha robh fios dé bha e ag radh co-dhiùbh. Agus chunnaic e iad ’ga choimhead, mar a chitheadh iasg iasgairean, is onaghail ’na cheann. An dril. An dùil an robh an duine bodhar? Có am pàrtaidh a bha seo? Dé am pàrtaidh! O, a choin, na toir na casan bhuam. Smaoinich air rudeigin á leabhar. I-saw-this-morning-morning’s- minion, I will show you fear in a handful of dust.Dust, cha robh ann ach dust. Dust
air crùisgean Aladdin. Tha mise dol chun na beanntan! Tha mi ag éigheachd, tha fios ’am gu bheil mi ag éigheachd, leig ás mi, no— ——
A’ gal ann an dorus Hepworth. Agus ag éigheachd, eachdraidh nan Gaidheal, is cnap dhaoine ’ga choimhead, is fear a’ toirt dha pìosan fish supper, ’gan dìogadh ’na bheul le chorraig. Duine a’ gal ach e fhéin.
Cha robh fios aige tuilleadh dé bha e a’ cluinntinn. Chrath e a cheann. Bha dithis air an staran. Bha iad a’ gàireachdainn, a’ brunndail, agus dh’aithnich e an cnàmhan eanchainn gun robh iad air son esan a phronnadh. Chrom e agus lorg e clachan air an ùrlar fo chasan. Bha bleideagan móra sneachda a’ tuiteam.
Clioraig a-mach á seo, dh’éigh e, ’s thilg e a’ chlach bheag orra. Nuair a bha e òg, sheasadh e leth Sàboinn air bòrd an locha ’s bhiodh na clachan a’ leum dusan uair mun déidheadh iad fodha. Ach dh’fhalbh a’ chlach air a socair leis a’ ghaoith am measg nam bleideag. Na shad e bleideag?
Chluinneadh e iad air a chùlaibh a’ gluasad cho tioram ri nathair, agus chluinneadh e sneachd ri leaghadh air a mhaoil. An tilleadh e a-steach? Carson nach robh duine a’ tighinn a dh’fhaicinn dé bha ceàrr air?
Dh’fhosgail e a bheul a’ dol a dh’éigheachd ach bha mol cruinn eadar fhiaclan ri toirt sgread air teudan a shùilean. Ri tacadh. Leig e sgreuch, ’na cheann. Iadsan a’ siotaraich, a’ magadh. Bha clach mhór ’na dhòrn, clach mhór ghorm. Chuala e cù a’ comhartaich, cù a bha fios aige a bha marbh.
Bha e cinnteach gum b’e seo an cothrom mu dheireadh. Aodann gus sracadh, cho fosgailte ’s a bha a bheul, is a shùilean ri leum. Morghan ’na sgòrnan.
Thug e leum ás thuca, chun na nathraichean a bha seinn ’s a’ fanaid. Cha robh freasgairt ann. Bha ite aige ’na dhòrn.
Thilg e an ite.
Shiubhail an ite gu slaodach, trom, dìreach. Uine nan creach. Na bleideagan cruaidhe dubha a’ cur million gath ann, spriotagan deighe a’ siubhal troimh eanchainn.
Chunnaic e an it a’ dol seachad os cionn bòrd. Daoine ag òl ’s a’ bruidhinn air-san, agus esan ’na luairean a’ tuiteam chun a’ làir, lomnochd. Ag éirigh a rithist ’s a’ tuiteam sìos ás an adhar mar shneachda, a theanga ri leum a-mach nuair a bhuaileadh e làr. Iadsan a’ feadalaich, a’ conaltradh.
Chuala e mu dheireadh thall gliong agus spleangadaich ghloine, agus bha fios aige gun bhrist e uinneag bùtha. Sheall e suas ris an toll. Bha toll mór oiseanach mar leth rionnaig anns na speuran, agus chunnaic e aodann dearg, dà shùil a’ bruidhinn agus ’ga choimhead-san ri dol fodha mar chaora anns a’ chuidhe shneachda.
Am polas mór dubh. Gaidheal, air a chòmhradh, có an dólas a chuir a seo thu? Feuch air. Is am polas a’ falbh leis, is buaireadh anns an stéisean is na polais ’ga bhualadh air a mhionach is air a làimh. Beò, an robh? Teach Yourself Letter-Writing,cà’ bheil thu? Bha a cheann mìorbhaileach goirt, agus a sgamhanan. Bha fios aige gun robh cop ri bheul, ’s e ag éigheachd.
Nuair a thàinig an duine leis a’ chòta-gheal a-steach, dh’aithnich e gur e psychiatrist a bh’ann. Bha e ceangailte ris an leabaidh. Cha déidheadh aige air gluasad. Thilg e smugaid suas, is thill an smugaid,
is laigh i air a’ chuibhrig. Bha an duine a’ faighneachd rudeigin. Na can smid gus am faic thu fear-lagha.
Dé an t-ainm a th’ort?
Dé an t-ainm a th’ort?
Dé an t-ainm a th’ort? Feumaidh tu ìnnse.
Thòisich e a’ gàireachdainn, is e smaoineachadh cho brèagha ’s a bha na ballachan geala, cho glan.
Domhnull. Domhnull Hob.
title | An Dà Latha |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Moireach An Aghaidh Choimheach %p |
parent text | An Aghaidh Choimheach |