An t-Eadar-Dhealachadh
Le sùil air mo chùl dè chì mi?
Airgead dha-rìribh bha gann,
Ach gun teagamh bha lànachd san tìr seo
’S bha ’n nàbachd ro phrìseil do chlann.
Thig iasgach nan sgeirean nam chuimhne,
Dubhan air loidhne le biathadh maoth,
Sìos creagan àrda gu doimhne -
Gobhar beag-suim thèid nan gaoth.
Tilleadh le eallach de shaoidhein
Gun uachdaran fhaighneachd, gun chìs,
Cho pròiseil ri prionnsa le oighreachd
’S le cridhe làn aoibhneis gun phrìs.
Spealadh a’ choirc’, spìonadh an eòrna,
Cruinneachadh mòine le bara no cliabh,
Tional nan òisgean, tiormachadh clòbhair,
Nàbachd dhòigheil aig bail’ agus sliabh.
Gach oidhche leughadh m’ athair an Fhìrinn,
Urnaigh shìmplidh chuireadh e suas,
Ghuidheadh e tròcair, gràs is sìth dhuinn,
’S gu sealladh an Rìgh oirnn uile le truas.
Fòirneart borb tha nise mun cuairt
Chan fhacas aon uair air sràid -
Bann ar nàbachd bho shinnsearachd shuairc
An lagh bu chruaidh’ anns an àit’.
Tha ’n saoghal a-nis gun iochd gun nàbachd,
Eagal ro nàmhaid oirnn air gach taobh;
Staigh no muigh chan fhairich sinn sàbhailt’,
Gun nì air fhàgail idir tha naomh.
Biadh is bùrn is àile an t-saoghail,
Sgudal a’ sgaoileadh orr’ anns gach tìr,
Sgrios gach bàrr is beath’ air an taom e,
Creachadh ar saothair ’s ar dòchais an tìm.
Creideamh a’ sgaradh gach fin’ agus treubh
Le nàimhdeas gun fheum gun stàth;
Gach buidheann ag èigheachd g’eil Dia leotha fhèin
’S g’eil an Diabhal a’ riaghladh aig càch.
’S mathaid fhathast gu faighear ùr-eòlas
A chaisgeas a’ ghòraich’ tha ’m fàire,
Ach tha e glè dhuilich bhith cuidhteas eu-dòchas
Do bhodaich bha òg air an àirigh.
title | An t-Eadar-Dhealachadh |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |