[32]

Oraid aBhàta

Thusa, a bhodaich mu chladaich adabhdail,
Ag èisteachd ri càchs gam àicheadh gun abhsadh,
Bidh daithreachas buans do ghruaim cha theirig - ’N tèid thu dha duaigh acuartachadh sgeirean?
Sheòlainn an dràsta gu àiteachan thall thu,
Mo bhratach asmèideadhs thu fhèin aseinn amhran.

Canaidh do dhaoine gur faoin agus dall thu,
Gun dhfhàs thu cho gòrach o thòisich thu rabhdail;
Bidh deòlaich acànrans acàineadh co-dhiù,
Ach seòl an cuan mòrs cha chòrd riu ach thu,
Dfhàrdachs do chàirdean cuir ràidh air do chùl,
Fuadach do ghruaimeins cuir uaill na do shùil.

Gàgail an t-sàil afàgail mo shròin,
Gìosgail nan crann is srann aig gach ròp,
Siaban nan tonn le fonn anns an t-seòl,
Claisean cuain liaths gun sgeul air tìr-mòr;
S luachmhor, a luaidh, aon uair ann an glòir
Na fad beatha bhuan fo uallach bith-beò.

Seo agad bàta an dràstair a cùrs
A chuala mu chàch a bàbhaist o thùs
Na cuantan a shnàmh le ràimh agus siùil:
Birlinn nan tràillean le cràdh is cion-dùil;
Clippers à Sìona le anns gach cùil,
Iasgairean dòigheil bha eòlach air stiùir.


[33]

An fheadhainn bha measail, tha fios air an sgeòil,
Tha mòran san doimhne gun cuimhnair an seòrs’,
Tha tuilleadh air tìr than ìre mhath breòit’;
Bheatha thaig eathars an tha aig feòil,
Cha mhair i ach tiotadh mar iteig an eòin -
Tha mhionaid an làthairs do bhàta fo sheòl.

Giorraich mo sheòls mo sgòd-sa teannaich,
Ceangail thu fhèin mus leum fear greannach,
Coma leat buain is fuadaich Earraich;
Cala do mhiann fo ghrian no ghealaich,
N ear e non iar, cha chrìon mo ghealladh,
An tiotadh gu fìor bidhn tìr às do shealladh.

(Cha bann airson stuadh ach uair abhaile
Thill misam bàta gu bàgh is cala;
Rinn i sin fuaim nach cualas bho eathar.)
A ghealtaire thruaigh, nach suarach do leithid -
Bu lugha dhomh nàire mo bhàthadh an lòn
Na tòn chur ri tuinn nach taisich mo shròin.

Miarraidhs mo mhiann fear nach paisgeadh mo shiùil,
Gaisgeach na òige le eòlas air stiùir,
A shiùbhladh gu sìorraidh gun fiamh air a shùil.
(Fhreagair mi h-òraid le òrdachadh: èist!
Ma mi do mhiann-sa bidhn diathad gun fheum,
S mura till mi gun mhaille bidh chailleach na bèist!)

titleOraid a’ Bhàta
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page