Ar Saorsa
’S e ’s dorra leam fhìn
Mar tha daoine mo thìr air fàs,
Gun smaoin ac’ no luaidh
Air ar suidheachadh cruaidh an dràst’:
Aig Sasainn fo chìs
An ìnean spìocach gun àgh,
Dèanamh tàir air ar strì,
Am maighstir a’ dìmeas a thràill.
Tha mòran dhen t-sluagh
Air an ceannach gu buan mar thà -
Am pròis anns an uaigh,
Chan iarr iad ach uaisleachd na h-àit’;
Mar mhucan aig amar
Riaraicht’ bhith reamhar gu bàs,
Am fèin-mheas air crìonadh,
’N gràdh-dùthcha gu siorraidh ri làr.
Cuid eile tha truagh
Tro bhochdainn is cruas an àit’,
Air an tàladh nan suain
Le breugan nan uachdaran àrd,
Tha ’g adhradh dhan òr
’S ag imleach bhrògan gun tàmh,
Sireadh tiotal is glòir
Gun smaoin air an dòrainn aig càch.
Chailleach tha riaghladh an dràsta
Le teachdaireachd làidir is cruas,
Tha i dèanamh dìcheall gu h-àraid
Alb’ a chàradh san uaigh,
Adhlaicht’ na cuibhreann de Shasainn,
Gach òirleach fo casan gu buan,
Aon cheannard, aon chultar, aon chànan,
Ar cleachdaidhean àghmhor nan luath.
Ach dùisgidh fhathast ar dùthaich,
Tha gaoth às ùr a’ sèideadh,
Ar bratach thèid a sgaoileadh,
’S gach taod a rinn ar lèireadh;
Trèigidh sinn a’ choille
’S duibhre doire na h-èiginn,
Fàsaidh an dorchadas soilleir,
’S far an robh doille bidh lèirsinn.
title | Ar Saorsa |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |