[14]

Caileag an Dubh-Chuailein

Seinnidh mise duanag mu chaileig an dubh-chuailein,
Nan sùilean gormgrianach gun mhòrchuis,
Iomhaigh gun ghruaimean, ’s ròsan na gruaidhean,
S an guth as binne chualas le òran.

Nuair a leag mi oirrmo shùilean na naoidhean lom mùirneach,
Lìon i mo shaoghal le sòlas;
Ghuidh mi ris an Tighearna gum biodh i slàn tèarainte,
S a cheart cho maths a dhiarrainn na dòighean.

Nuair bhiodh i rium còmhla o thàinig thuice còmhradh,
Dhinnseadh i gaol dhomh cho dòigheil,
S be dhòmhsa sin a chluinntinn lànachd mo thoil-inntinn,
S aoibhneas nach ceannaicheadh an t-òr dhomh.

Tha nise fichead bliadhna bho ghuidh mi ris an Tighearna - ’S ann acur tha h-uile bliadhna ri bòidhche;
Sa cheann tha fon achuailean tha geur-chùis is stuamachd -
n t-athair nach biodh uaill air le seòrsa?

Tha feasgar dhòmhsa ciaradhs na ciabhagan air liathadh,
Saidhbhreas cha riaraich no stòras;
N aon tha mig iarraidh, gu faicinn i mun triall mi
Sealbhachadh nas fhiach i de shòlas.

Chan eil air an t-saoghal a chuirinn ro mo ghaol oirr’,
Nach caochail gu sìnear fon fhòd mi,
S ged bu ghnothach searbh e nam feumainn sin a dhearbhadh,
Cha dhiùltainn màite fhìn ann an Glòir dhi.

titleCaileag an Dubh-Chuailein
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page