[52]

Truailleadh Edein

S cuimhne leam làithean
Bha bàigh aChuain Sgìth
Fìorghlan is sàbhailt’,
Gun sgàig orm ro .

Nis tha fuar-dhealt gu h-àrd
Ann an àile gach tìr
Atuiteam gu làr
Mar phlàigh uisge-mìn

Air maoth-mheasan àlainn,
Amhil tha sa chìr,
Air lusan aghàrraidh
Is àiteach gach glìob;

An gràn thig thar sàile,
Buntàta san sgrìob,
Feòil chaoraich bhàna,
Bainne agus ìm;

An t-iasg a tha snàmh
Sna bàigh againn fhìn -
Tham puinnseans gach àit
Agus pàighear aphrìs.

Tro dhìmeas air nàdar
Tro thàirair ar dìleab,
Thruaill sinn uisgagus àile
Agus ghànraich sinn Eden.


[53]

Cha bhin tìr sàbhailt
Gum bi nàmhaid fo chìs -
Sannt dhaoine gu h-àraidh,
Tha en nàdar ar sìl.

Chogais e sàmhach,
S e Sàtan a rìgh,
Dall fareil àmhghar,
Agus sàsaichtcha bhi.

titleTruailleadh Edein
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page