Soraidh leis a’ Mhòine
Seachain orm an toirsgeir,
Mallachd oirr’ is meirgeadh,
Air a smeachan seargadh
Bha searbh dhan a’ bhàrd.
Fallas na mo shùilean
A’ rìochadh ’s a’ rùsgadh,
Freumhaichean cho diombach
Gun dhùisg mise ’m blàr.
Cur ceap air an ùrlar
’S a’ feuchainn ri stiùireadh,
Mus milleadh e a’ mhòinteach
Bha mùirneach aig càch.
Mnathan agus daoine
Am bàrr-fhàd àrd a’ sgaoileadh,
’S mus ruigeadh sinn an caoran,
Bu daor dhuinn am blàths.
Fad mo làithean-saora
Ri tiormachadh a’ chaorain,
Nuair a bhiodh mo smaointean
Air daoin’ eile a’ snàmh.
Soraidh leis a’ mhòine,
Mo mhallachd air an smùr aic’;
Chuir e dìosg nam shùilean -
Mo chùl ris gu bràth.
Nì cha do chòrd rium
Ach biadh anns a’ mhòintich,
Na càirdean cruinn còmhla,
Gun bhòrd ach am blàr.
’S tric a thig rim chuimhne
Na sgiobaidh bha cho coibhneil;
A’ mhòr-chuid cha chluinn mi -
Tha na suinn aig tàmh.
title | Soraidh leis a’ Mhòine |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |