[56]

An Oiteag

Thòisich o chian anns aGhàidhlig
Crìonadh is cnàmh is èiginn,
Ar còmhradh ri uchd abhàis,
Gun ghràdh, gun spèis, gun èisteachd.

Nis tha oiteag an saoghal ar cànain,
Gaoth nach bàbhaist bhith sèideadh;
Chan fhada gu fàs i làidir,
S thig oiteag fhathast gu gèile.

Feadhainn nach canadh achCiamar a tha?”
Nise gach ga leughadh,
Tadhal nan clasan an iomadach àit
Son ionnsachadh cànan aGhàidheil.

Riaghladh a dhfheuch ri mùchadh gu bràth
Atuigsinn nach cnàmhs nach eug i,
Gach pàrtaidh agealladh nach leig iad gu làr
An còmhradh bhaig Adhamh ri Eubha.

Clann nach cuali riamh aig pàrant
Bruidhinn sa Ghàidhlig ri chèile,
Feadhainn a dhfhuadaich cainnt am màthar
Nise làn nàire gun thrèig iad.

Thig misneachd ùr am fàire,
An àite sgàilean bidh lèirsinn;
Ionnsaichidh milleanan Gàidhlig
S measar an cànan a rèir sin.


[57]

Leumaidh i thairis gach gàrradh,
Fàgaidh i làr an taigh-chèilidh,
S cluinnidh sibhCiamar a tha?”
Aig uaislean àrd Dhùn Eideann.

Iadsan a dhìon i on nàmhaid,
Moladh gu bràth dhan treubh ud -
Sheas iad gu dìleas sa bhlàr
Nuair a bha càch agèilleadh.

titleAn Oiteag
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page