A’ Chuthag
Fuath ort fhèin a chuthag ghorm
Led òran meallta milis -
Tha seirm do bheòil
Cuir fios gu eòin
G’eil àm a’ bhròin air tighinn.
Gùg, gùg an neoichiont na do bheul
’S do shùilean geur air innis
An nead bog blàth
A shaothraich càch -
Theid thus’ gun dàil ga mhilleadh.
Bidh dachaigh ghrinn aig d’ ugh ’s aig d’ àl -
Chan ann led àrach-s’ idir,
Gad chluiche fhèin
Bho ghèig gu gèig,
’S làn fèinealachd do chridhe.
Mus tig am fuachd thèid thus’ air chuairt
Thar chuain gu cluaintean tioram;
Nad chridhe cruaidh
Cha neadaich truas,
No smaoin aon uair air d’ isean.
Nàir’ ort fhèin, a bhradag ghorm,
Chan eil cho borb air spiris;
Bidh ortsa gràin
Gu faigh thu bàs,
Aig eòin gach blàir is innis.
’S mairg a bhiodh ag iarraidh d’ àit’,
Gun ghràdh air mac no nighinn - ’S ann mu do sheòrs’
Thuirt Solamh mòr
Nach ròst an leisgean sitheann.
title | A’ Chuthag |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |