M’ Athair
Bu tric mi ’g èirigh ro dheàlradh grèine
Gun stiall ach lèine le braidean neònach;
Bhiodh m’ athair gràdhach le fiamh a’ ghàire
Cur ormsa fàilte gu blàths na mònach;
Ceò ’s a’ phìob aig’ ’s e ga mo shlìobadh,
’S mi cagnadh mìrean dhen aran-eòrna - ’S e seo an còmhnaidh an dealbh tha còmh’ rium
’S am fàileadh cùbhraidh o ùillidh ’s bòtann.
Bha ’n giomach lìonmhor taobh muigh Sgeir Iomhair,
’S bha sgiobadh gnìomhach gu tric an tòir air -
Le seòl is ràmh ac’ is neart an làmhan,
’S e èirigh tràth a bha anns an òrdugh;
Nuair chrochte ’n t-aodach ’s a bhuaileadh gaoth i,
’S e Iain daonnan a bhiodh aig sgòd innt’
’N àm clèibh a bhiathadh ’s e làmhan chèangaileadh
Nuair bhiodh i fiadhaich le siantan reòthta.
Ghrian na h-àirde ’s am bàt’ a fàire,
B’ e àithn’ mo mhàthar, “Glèidh oirr’ do shùil,”
Ghaoth cho làidir ’s an cuan cho grànda,
Smùid an t-sàil falach bàrr an t-siùil;
Nuair bhiodh i sàbhailt bho spòg an nàmhaid,
Mach à gàbhadh bho mhuir is gaoth,
Faochadh àghmhor an sùil mo mhàthar,
’S cas-rùisgt’ thàrainn tro fheur is fraoch.
Gun choiseachd ceum ach nam ruith ’s nam leum
Gu ruiginn grèim chur air làmh an òlaich,
’S mi tighinn ri thaobh, ’n sin toirt dha mo smaointean,
’S e freagairt caomh ceistean faoin mo ghòraich’;
No còmhradh ciallach mu ghaisgich chiatach
Bha uair a’ riaghladh ar dùthaich fhìn;
Tha aon ni cinnteach, b’ e siud toil-inntinn
Nach ceannaich saidhbhreas ’s nach till an tìm.
Ach anns an àite bha sionnach grànda
’S ann dhan tràill a bha ’m bàta feumail;
Toirt pàigheadh suarach air saothair luachmhoir,
’S e na dhuin’ -uasal tro chruadal m’ eudail;
Mas fìor g’eil Dia ann le ainglean riaghladh
Thug cead dhan Diabhal air luchd an fhòirneirt,
Nach saoil sibh rèiste gur duais na bèist’ -s’
Bhith nis ga cheusadh an loch na dòrainn?
title | M’ Athair |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |