[65]

Danns an Rathaid

Bha mi aig danns nan uaislean,
Nam chluasan cànan cèin -
Tric dheigheadh maigne an uair sin
Thairis achuain air sgèith

Gu gealach abachaidh àlainn,
Oigridh an àite cruinn,
Gillean bha geurchuiseach làidir,
Clann-nighean bha càilear is grinn.

Ceann rathad Phabail ar pàileis,
Morghan ar làr airson danns,
Fuaim càirdeil na Gàidhlig -
Saoghal beag sàbhailta bhann.

Fear le aon chois anns an dìg,
Meileòidian binn air a ghlùin,
Gu minig fear eile le pìob,
Ach bìog cha robh air -rùn.

Chanadh èildear no dhà san sgìre,
“ ’S e peacadh dha-rìribh a thann” -
Bodaich acìreadh aBhìobaill
Son cìs a chur air achloinn.

Than saoghal ud air falbh gu bràth,
Chaidh e bàs le mhaths le dhona,
Ach a bheil cinnt an dràst
Gu bheil òigridh ar nas sona?

titleDanns an Rathaid
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page