Am Bomair Lancaster
Air dhomh a faicinn ann an taigh-tasgaidh
’S cuimhne leam an là bha fèill ort,
Là bha d’ ainm sa h-uile pàipear;
Là bha nàmhaid gar lèireadh,
’S tu fhèin a rinn an riasladh.
Nise san taigh-tasgaidh sàbhailt’,
Bidh do smaointean air na làithean
Nuair bha sìobhaltachd gach àite
An cunnart bàis aig biastan.
’S iomadh oidhche gharbh is fhuar
A chaidh thu tarsainn a’ chuain tuath,
Tron an lèirsgrios shìos is shuas
Gam bualadh anns an iarmailt.
Bidh cuimhn’ agad air gillean òg’
Bha gad stiùireadh tro na neòil,
Tron an losgadh, tron a’ cheò,
Nach tuig ach seòid a liath e.
Bha ceudan dhe do sheòrsa fhèin
Air an oidhch’ a’ tolladh speur,
’S sibhse bha nar cadal sèimh
Cha phàigh gu lèir na fiachan.
Sna h-itealain a th’ ann an-diugh
Tha innleachdan nach b’ aithne dhut,
Ach an cruadal mòr a dh’fhuiling thus’
Cha thachair riu gu sìorraidh.
’S ma chanas cuid le sealladh cùil
Nach d’ rinn thu fhèin cho math ’s bha dùil,
’S iomadh dìmeas tha nar cùrs’
A bhios na chliù aig Dia dhuinn.
title | Am Bomair Lancaster |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |