Ionndrain
Gach seòl a bha ann aig àirde nan crann,
’S na ròpan cho teann ’s a bha feumail,
B’ aoibhneach am fonn a lìonadh mo cheann,
’S mo bhàta na deann anns a’ Chèitean.
Am baile le chùram bhiodh fad’ air mo chùlaibh,
’S an cuan fo mo ghnùis chun nan speura;,
’S tric bhiodh mo shùil air bòcadh nan siùil,
’S bhiodh beò anns an stiùir nam ghrèim oirr’!
Chuirinn seachad mo thìd’ ann an saoghal leam fhìn,
Ri mo bhàta geal grinn ag èisteachd,
’S i sgoltadh le druim an uisge ’s nan tuinn,
’S gam frasadh gun sùim às mo dhèidh-sa.
Nuair a sheòlainn do bhàgh chuirinn m’ acair an sàs,
Bhiodh gaineamh no làthaich cho rèidh ann;
Bhiodh a faileas fo màs ann an sàmhchair an àit’,
’S dh’òlainn deoch-shlàint’ a deagh bheusan.
Ach bho dhìobair mo shlàint’ ’s an aois air mo chràdh,
’S e seachnadh a’ bhàt’ a dh’fheumainn,
’S nuair a chì mi càch an-diugh air an t-sàl,
Tha ionndrain a’ dàil nam cheum-sa.
title | Ionndrain |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |