[70]

An t-Eathar Ghiomach

Bha uair a bhithinn còmhla ri uaislean aig bòrd,
S corruairs e giomach a dhitheadh na seòid,
Agus thigeadh nam chuimhne na suinn ud nam òig
A bha togail an àil le ràmh agus seòl.

Bho bhàgh Bun an Uillt bhiodh sgoinn orrafalbh,
Ann an eathar gun dìon bho shiaban na fairg’;
Tric bhiodh i fuar, corruair bhiodh i balbh,
Ach goirid an dàil gus am fàsadh i garbh.

Bhiodh Pàdraig astiùireadh le cùram nach gann,
An sgòd gun a ceangal aig Iain gu teann,
Red agus Nònan gun bhonaid nan deann
Cho sàbhailt is siùbhlach cur slat ris achrann.

Chan fhàgadh iad còs sa BhoghMhòr gun fheuchainn,
Strùpair, Clach an Ròin, an Eòr is Gob Shiadair,
Laga Dubha, Clach an Rubhas à sin gu Sgeir Iomhair,
Ach an dèidh gailleann cha bhiodh sealladh air cliabh ac’.

Nuair a thilleadh na gillean cha robh cidhe san àit’ - ’S e saothair a shlaodadh am bàta gu tràigh;
Le dusan mar dhuais bhiodh uaill orrmu thràth,
Tighinn dhachaigh le buaidh mar uaislean à blàr.

An cosnadh cho cruaidh, bu shuarach na bhann,
Ach bha iad fhèin riaraichtnam biathadh en clann;
Cha robh ceannard gam buaireadh no uachdaran ann,
S tha sòlas dhen t-seòrsa san t-saoghal cho gann.

titleAn t-Eathar Ghiomach
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page