Gaol na h-Oige
Dè ’s fheàrr san t-saoghal
Na bhith saor agus òg,
Trom ann an gaol
Agus aotrom gun ghò,
Gun smaoin air an aois
Le daorsa ’s le bròn,
An samhradh ann daonnan
Gun ghaoth is gun sgòth?
Càit ’eil an saidhbhreas
Nì aoibhneas a’ ghaoil?
Càit ’eil an oighreachd
Làn shaibhlean ri thaobh?
An gaol sa nach fhaighnich
Mu chuibhreann no maoin,
A dhìreas gach beinn,
Cumhachd binn agus naomh.
An gràdh-sa le neoichiont
Le shochair ’s le bhòidean,
Cho dall ri na clachan,
Mar lachan na h-òige;
Cho uaine ri fochann
Aig toiseach an Og-mhìos,
Sa chaisteal sa chlachan,
Clach-oisein an t-sòlais.
Air saoghal tha fuar,
Air cruas is air bròn,
Air deuchainnean cruaidh
Tha ’n dual ar bith-beò,
Air mealladh is fuath,
Air buaireas is lèon
Cha smaoinich aon uair
Gaol buadhmhor na h-òig’.
Nì e tulchuis cho faoin,
Nì e caoch anns a’ cheann,
Nì e ’m pulaidh cho caoin
’S tha aodann gun ghreann -
Mar naoidhean a shòlas
Nuair dheòth’leas e chìoch,
Ach seargaidh e ’n còmhnaidh
Nuair thig eòlas is ciall.
title | Gaol na h-Oige |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |