[17]

Sgrìobhadh Bhriain MhicUilleim

Tapadh leat airson do
sgrìobhaidh,
Faobhar geur a ghleus an fhìrinn,
Gonadh uaisleans àirde cìrean
Cealgaireachd is lochd;
S ag innse mar tha lagh na
rìoghachd
Dìteadh dhaoine bochd.

Soilleireachd a bhith gad
chluintinn,
Tha e dhomh na mhòr thoil-inntinn,
Do chath ri mèirlich oighreachd
Bheag is mhòr;
Tha iad uile, tha mi
cinnteach,
Ortsan tòir!

Tuilleadh cumhachd dha do
làmh,
Diùlt do luchd an fhòirneirt tàmh,
Seall dhuinn aingidheachd ar nàmh,
S dhutsabhuaidh;
Bidh thun aghaidh sruth
asnàmh
Gu bruach na h-uaigh.


[18]

Ach ann an dubhar sgleò
nach sgaoil,
Riaghladh borb gun ghràs gun ghaol,
Samh nam breug nach moch an t-aol
S ceartas marbh,
S fheàrr cainnean chur ri
coinneal chaol
Na crùbadh balbh.

titleSgrìobhadh Bhriain MhicUilleim
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page