[84]

Riaghladh

Seallaibh air na rìoghachdan
Bho Sìona gu Peru,
Cumhachd aig gach lìogaire
S gun fìrean anns achriùth’;
An tuig sibh rud cho neònach,
Gu bheil daoine seòltan drast
Anns gach dùthaich deònach
Na dòlais bhith gu h-àrd?

Nach cianail agus nàr an rud
Geil gràisg sa h-uile tìr
Air an spiris àrd tha siud
S gach tàlann orra dhìth?
Gun nàirtha bhathais iarainn,
Ged tha casan crèadhair làr,
An clab aspùtadh bhreugan
S achogais shìos mu shàil.

M beil aon fhear idir ciallach
Na riaghladair an dràst
A choileanas a bhriathran
S a chumas rian air cach?
Gun adhaltranas a dhèanamh
No foill a riamh na dhàil,
Gun sgannal no an-diadhachd
Mu ghnìomh san robh e sàs?


[85]

Nach beag gu dearbh an t-iongnadh
O chian sa h-uile ceàrn
Geil daoinasireadh Tighearna
A riaghlas iad le bàidh;
Slànaighear bhios fialaidh,
Gun crìochan air a ghràs,
Agus nèamh le sòlas sìorraidh
Nach fhaigh iad shìos an dràst’?

Saoil sibh an e gnè an t-sluaigh
A chuir truaghain air an ceann?
N e sinne bhith cho suarach
A leig suas an sgùm a thann?
Nach tàinig fear an uair ud
Bha uasal anns gach ceum,
S nach do chroch sinn suas e,
S air cabar cruaidh gun cheus?

titleRiaghladh
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page