Amhran a’ Chlachain
’S ann air bàrr Chuidhe ’n Dìob a dheothail mi fhìn a’ chìoch,
An dèidh cogadh mòr nach fhacas a sheòrs’ a-riamh;
Am bàthadh nan seòid, Iolair na dòrainn chaidh sìos -
Bha dubhar a’ bhròin mar sgòth air clachan is sliabh.
Sna creagan àrd ciar bu mhiann le balaich bhith strì,
Gan dìreadh gun bhròig, gun bhacan le ròp no nì;
As t-samhradh a’ snàmh air tràigh na gaineimh ghlain, mhìn,
’N àm cur ’s an àm buain bu shuarach againn an sgìths.
Na fir a bha uasal, duineil is stuam’ is stòld’,
Na mnathan bha suairc, fialaidh is truasail nan dòigh;
Nan tigeadh an t-aoigh, ged ’s gann bha ’n cuibhreann de stòr,
Bu chridheil am fàilt’ ’s bhiodh àite dha aig a’ bhòrd.
Chan aithne dhomh ceàrn air thalamh a b’ fheàrr do chlann -
Feans no gàrradh cha robh gànrachadh bàgh no gleann;
Fìorghlan bha ’n t-àile, na lochan, an sàl ’s an t-allt,
’S gun duin’ air an t-sràid a’ cleachdadh cànan nan Gall.
Bha sàmhchair sa bhàgh nach fhaighear an dràst’ san tìr,
An càirdeas ’s am blàths, cha tig iad am dhàil an tìm;
Cha robh eagal do phàist’ air cabhsair, sràid no sligh’,
Bha nàbachas slàn ’s bha àbhachd taigh-cèilidh gun phrìs.
Seo raon-chluiche m’ òig’, bàghan an t-sòlais dhomh fhìn -
Chan fhaigh mi ann sìos tro aois is siataig is sgìths;
Ach bidh iad nam chuimhne gus an tig oidhche mo thìm,
’S nam shuain air an Aoidh bidh mo thaibhs am bàgh Chuidhe ’n Dìob.
title | Amhran a’ Chlachain |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |