[89]

Galar aChruidh

Ministear an Tòraidh nach e bha gòrach
Air cùlaibh nan eòlach afalach,
Ithibh ur leòr dhith,” ars esan mun fheòil ud,
“ ’Se Làbors an dòighean tha salach!”

Chan eil galar nam na chunnart cho mòr
A rèir mar tha eòlaich ag innse,
Cha chreid an Roinn Eòrpa briathran mo bheòil-sa,
S iad na dòlais as dorra dhomh fhìn.”

Tha nise deich bliadhna bho nochd abhiast-sa
S cha do dhfheuch an riaghladh ri lèirsgrios,
Tha grèim aicen-dràstair sgòrnan aghràisg,
A tha dabhdails adàil gun lèirsinn.

rèist an t-iongnadh nach fhaighad na dhiarrad?
Than Eòrpair a liathadh len èigheachd,
Bho thàinig an t-aonadh tha iad nan aonar
An aghaidh gach saothair ageumnaich.

Nach e sannt co-dhiù a thaig freumhan na cùis?
S i maoin a tha mùirneach is ainmeil,
S gann gu bheil diù do àile no brùid,
Cho fadas a thiùrras an t-airgead.

Tha e soilleir gu leòr ghànraich an fheòil,
Mar tha fios aig eòlach is leanaban,
S e biadh fallain na am feurs am buntàt’,
Chan e gaorr is cnàmhan a seanmhar.

titleGalar a’ Chruidh
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page