Briseadh Dùil
Moch sa mhadainn ’s mi nam aonar,
Coiseachd aotrom mar duin’ òg,
Tighinn nam chabhaig tro na craobhan,
Sireadh saors’ a’ chuain mhòir.
Bha ghrian a’ danns air sàl a’ bhàigh,
Bha eathar bheag mu thràth fo sheòl,
’S bha tè air acair ris an tràigh,
’S chaidh mi gun dàil ga cur air dòigh.
Chaidh mi air bòrd le mo chairt-iùil,
Is thug mi sùil air crann is seòl,
’S mar a b’ àbhaist ghabh mi ’n stiùir,
’S abair smùid agam air ceòl.
Dh’atharraich mi sin an cùrsa,
’S thàinig smùid na mara air bòrd,
Siud a’ mhionaid anns na dhùisg mi,
’S chaidh mo shùgradh-sa gu bròn.
Chuimhnich mi air làithean grianach,
’S i cur siaban às na tuinn,
Mus do rinn an aois mo chrìonadh,
Mus do thriall mo bhàta grinn.
title | Briseadh-Dùil |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |