Nàimhdean ar Cànain
Seall ar cànan is ar ceòl,
Nach neònach na tha nàimhdean ac’,
Bho Shasannaich chan iarr thu an còrr,
Gun eòlas air ar cainntearachd.
Bha eagal air a’ Ghall o thùs
Ro lùth-laimh ar n-aithrichean,
Do Ghàidhlig chan eil aige diù,
’S ann a lùigeadh e nach maireadh i.
Thig a-nis nas fhaide tuath,
Tha sluagh an sin le aithne ac’ oirr’,
Ach ’s mòr a th’ ann tha toirt dhi fuath,
’S tha uaislean ann tha fanaid oirr’.
Ach ’s ann tha mhìorbhail ann dhomh fhìn
Nuair chì mi anns a’ bhaile againn,
Na ceudan nach can dùrd no bìog
San dìleab dh’fhàg an aithrichean.
Nan robh ’ad fad an dùthaich chèin,
Bhiodh spèis aca dhan chànan sin,
Nach neònach g’ eil ’ad dall gu lèir
Don fheum a th’ anns a’ Ghàidhlig dhuinn.
title | Nàimhdean Ar Cànain |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |