Air Acair
Thoir dhòmh-sa là grianach,
Gaoth bho ’n iar- ’as fann,
Gun sgòth anns an iarmailt
’S gun stiall air mo chrann;
Sàmhchar ga m’ iadhadh
’S creagan ciar os mo chionn,
Gun imridh gun fhiamh
A liathas mo cheann.
Mo bhàt’ anns a’ bhàgh
Fad o shràidean le fuaim,
Muir làn mar an sgàthan
Gaineamh àlainn mun cuairt;
An acair an sàs innt’
Air càball trì dual,
Lìon mo ghlainne gu bàrr,
Air do shlàinte-sa luaidh.
Chan eil àmhghar a-riamh
A chur sgian na mo chrè,
Nach fhuilinginn fad bliadhn’
Air son mìos an seo fhèin;
Bidh mi taingeil gu sìorraidh
Son gach brèagh’ là sèimh,
A chaith mi cho riaraicht’
An dìonachd Sea Jay.
title | Air Acair |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |