Tòmas Morton
Nàmhaid na Gàidhig (Scotsman , An Cèitean, 1994)
Tha Tòmas na sgrìobhaiche ainmeil,
Tha ainm san Albanach tric,
Ge bith cia às a bha sheanmhair,
Chan eil a shearmon mun chànan-sa glic.
Am bruidhinn am bodach ar cànan?
An cual’ e ar dàin nach eil gann?
Ma chuala ’s cinnteach g’ eil nàir’ air;
Bheil a chluas cho tàireil ri cheann?
’S lìonmhor nàimhdean na Gàidhlig
Gu h-àraidh an tìr nam beann,
Fir brathaidh sa h-uile ceàrnan,
’S tràillean mar Tòmas le pheann.
Ged a choisneadh e ’n duais as àirde,
Agus moladh bho chàirdean gu lèir,
Mar neoni e an sùilean a’ bhàird-sa,
Mar Iùdas grànda, gun spèis.
San uaigh bith Tòmas a’ cnàmh,
’S mallachd nan àl na dhèidh;
Ach bidh Gàidheil a’ seinn sa Ghàidhlig,
Ri gàgail Thòmais chan èist.
’S iomadh cat a rinn oirre tàire,
Eadar piseagan gràineil is tòmais,
Ach bidh Gàidhlig beò a’s an àite,
Fada ’n dèidh bàs nan dòlais.
title | Tòmas Morton |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |