[104]

An Uair Ud

Sa mhadainn an-còmhnaidh
A thigeadh an t-òrdugh,
S dheigheadh liostair abhòrd
Le bha dol ann;
Thigeadh iomnaidh mar sgòthan
Amhùchadh gach sòlais,
Bhiodh feitheamh gar leònadh
Le dòrainn nach gann.

Bhiodh an saoghal na shuain
Nuair a dhìreadh sinn suas
Os cionn aChuain Tuath
Don fhuachds aghailleann;
Thigeadh losgadh an nàmhaid
Gun abhsadh an-àirde,
Bhiodh an t-adhar dheth làn
Gun àitairson falach.

Spreadhadh tric gar n-iathadh,
Sgailc aig air gach cliathaich,
Atolladhs areubadh
Na h-iarmailt nar sealladh;
Nar cuinnlean neo-chùbhraidh
Bhiodh fàileadh an fhùdair,
Solais-lorg atighinn dlùth,
S ar sùilean dhan dalladh.


[105]

Mo smuaintean an tràth sin,
Nam faighinn às sàbhailt
Gu dùthaich mo mhàthar
S a sàmhchair bith-bhuan;
Gun caithinn mo làithean
Nam shìneadh air tràighean,
Ag èisteachd neo-shàraicht
Ri gàirich achuain.

Their eòlaich is càirdean,
Ge boillteil an gàbhadh,
S ge boil leis an nàmhaid
Nach do thàrr thusàs?”
Chan e peilear a bhuail orm
Than-diugh ga mo bhuaireadh,
Chan eil on uair ud,
Nach robh nuair ud air ais.

titleAn Uair Ud
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page