Dùsgadh Anabaich
Ann an cogadh ’39- ’45 ’s ann a’ leagail bhomaichean air an nàmhaid a bha mi. Bhiodh sinn a’ suidhe ann an rùm mòr gus an tigeadh àm falbh, agus ’s e seo a’ chuimhne as làidir’ a tha agam air na làithean sin.
Fad’ bho thaigh m’ athar
Nam shuidhe ann an cathair,
Mo shùil air a’ chagailt
’S air lasair a’ ghuail,
Feitheamh an òrdugh
Dhol suas dha na sgòthan
Os cionn na Roinn-Eòrpa
San dorchadas fhuar.
Chan eil mi nam aonar
A-nochd anns an t-seòmar -
Nan cadal no ’còmhradh
Tha mòran eil’ ann:
Oigridh ghlan bhòidheach
Le gruaidhean gun chòinneach
Bho dhachaighean brònach
Is pàrantan fann.
Air sgèith tha mo smaoin
Thar cuan agus raoin
Gu cuideachd mo ghaoil
Agus m’ eòlais -
Gu m’ athair ’s mo mhàthair
An dràst’ ann an àmhghair
Gun càil ac’ an làthair
Ach dòchas.
Cha b’ ann dha mo dheòin
Thàinig cadal cho ciùin,
’S air eilean mo rùin
Ann an aisling bha mi;
Mar sgàthan am bàgh,
Geal-ghaineimh air tràigh,
Sàmhchair an àigh
Agus sìth.
B’ anabaich mo dhùsgadh
Nuair chuimhnich mi às ùr air
Na mìltean gunna spùtadh
Gar lèireadh;
Solais-lorg cho dìreach
Mar pheansailean a’ sgrìobhadh
Eachdraidhean gun bhrìgh
Air na speuran.
Bha tiotadh ann mar uairean,
Beatha ’s bàs air tuaiream,
Fuil is feòil is buadhan
Nan èiginn;
’S am fear nach fhac’ le shùil e,
Cha thuig e nis co-dhiù e - ’S e gòraich’ a bhith ’n dùil
Gum bi spèis aig’.
An dùsgadh ud gu h-àraidh,
Cha dhìochuimhnich gu bràth mi -
Bu dorr’ e dhomh na ’n gàbhadh
’S an lèireadh;
’S ann an siud bha ’n àmhghar
Nach lùiginn dha mo nàmhaid - ’S gann gun tuig an Sàtan
Gu lèir e.
title | Dùsgadh Anabaich |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |