Nuair a Lìonas ’ad M’ Uaigh
Dha Joan
Nuair a lìonas ’ad m’ uaigh
Tiormaich do ghruaidhean a ghràidh,
’S na smaoinich aon uair
Cuir cuimhneachan suas no clàr,
Ag innse dhan t-sluagh
Far an laigh mi gu buan nam thàmh;
Chan fhaighear ’s cha d’ fhuair
Sa bheatha seo duais nas àird
Na ’n gaol thàinig uat,
Toil-inntinn gun thruaill a’ bhàird;
’S mo ghràdh ort a luaidh
A shamhail cha shuath riut gu bràth,
Ach nuair a lìonas ’ad m’ uaigh
Tiormaich do ghruaidhean gun dàil.
title | Nuair a Lìonas Iad M’ Uaigh |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |