Mo Nighean
’S tu fàth mo shaothair
Mo mhaoin agus m’ àgh,
Cuspair mo smaointean
’S gu daonnan mo ghràdh;
Mo shaoghal as d’ aonais
Nach b’ aognaidh e ’n-dràst’,
Agus inbhe measg dhaoine
Nach b’ fhaoineas nad àit’?
O chunnaic mi d’ ìomhaigh
Tha grian na mo speur,
Blàths a’s an iarmailt
Is fèath ann dha rèir;
Chan eil sealbh ann nach iarrainn
Dha d’ chiall is dha d’ chrè,
’S tu ’s prìseil nam fhianais
Tha ìosal fo nèamh
’S e mo ghuidhe ’s mo dhùrachd
Mus dùinear mo rèis,
Faicinn le m’ shùilean
Do chùisean tighinn rèidh;
Do làmh air an stiùir
’S cairt-iùil agad fhèin,
Agus lànachd mo dhùil
A’ tighinn dlùth air do cheum.
title | Mo Nighean |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |