Aithreachas
Far am faigh e grèim
Tha lighichean gun fheum,
’S chan eil truas na cheum
A’ còmhnaidh;
Aithreachas o chian
Son na thuirt am beul,
Gun duin’ a-nis air sgeul
Dhe na leòn e.
Thig e ort gun iarraidh,
Bidh cuimhn’ aig air do bhriathran,
Cha shlànaich e gu sìorraidh
Do bhòidean;
Seo aon lus a dh’fhàsas,
Thigeadh fuachd no blàths air,
Nach iarr uisg san fhàsach
Ach do dheòir-sa.
An dleasdanas a thrèig thu,
Do luchd gràidh a lèir thu,
’S d’ eòlaich bha cho spèiseil
Nan dòighean;
Chan fhaigh thu nis air innse
Am pian a tha nad inntinn,
Tha iadsan air an sìneadh
Fuar reòta.
Chan eil feum no stàth ann
Bhi guidhe no bhith rànail,
Cha dubh ’ad às càil dhut,
Cha bhàth ’ad bròn;
Ach dh’fhaodadh sinn an-dràsta
’N clàr aost’ a chur à fàire,
Cur duilleag ùr na àite
Fhad ’s a bhios sinn beò.
Gu tric ’s e mì-chùram
A dh’fhàgas gun diù sinn,
Agus aineòlas air stiùireadh
Nar n-òige;
’S truagh gur e ’n fhìrinn,
Nach eil air ais an tìm ann,
Oir cò nach dèanadh dìcheall
Son ceartachadh gòraich?
title | Aithreachas |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |