Sòlas
Chan iarrainn san t-saoghal
Ach bàgh fo na craobhan,
Le fasgadh bho ghaothan
A sgaoileas bhon iar;
Mo dhachaigh rim thaobh ann,
M’ eòlaich ’s mo dhaoine,
Mi fhìn ’s mo bhean ghaolach,
Gus am faodadh sinn triall.
Bhiodh gaineamh is làthaich
Air iochdar mo bhàigh-sa,
Bhiodh m’eathar na tàmh ann,
’S a caball ga dìon;
Bhiodh geòl’ air an tràigh
Ann an cladhan beag sàbhailt’,
’S na ràimh air an càradh
Nan àite le iall.
Gu tric nuair a dh’èirinn
O thigeadh an Cèitean,
Fo dheàlradh na grèine
Sann rèidh bhiodh an cuan;
Bhiodh m’ eathar gun bheum
Air a h-acraichean fhèin,
’S a faileas cho sèimh
Ri mo chèile na suain.
Dh’fhalbhainn an uair sin
’Son aodach chur suas oirr’,
Nan sèideadh bho thuath
Gaoth fhuar na mo sheòl;
Bhithinn saor airson uairean,
Mo shòlas gun thruailleadh,
’S farmad cha bhuaireadh,
’S gun m’ uallach ro mhòr.
Fhuair mi mòr làithean
Dhen bheatha ro àghmhor,
’S nam chuimhne gu bràth
Cha bhi sgàil oirr’ no sgleò;
Ach mar aisling ro àlainn
As na dhùisgeadh car tràth mi,
Saoilidh mi ’n-dràsta
Gun bhàsaich i òg.
title | Sòlas |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |