[i] [ii] [1] [2] [3] [4] [5] [6] [7] [8] [9] [10] [11] [12]
[13]

Gairm

112 BATH STREET GLASCHU, C.2.

Tel. Douglas 6137.

Aireamh 1. Am Foghar, 1952.

THA suas ri bliadhna a-nis bhon a choinnich sinn ’nar dithis ann an Glaschu, agus a sheulaich sinnRàitheachanGàidhlig a stéidheachadh. Aig an ám, cha robh sinn fhéin cinnteach am b’e an t-aineolas no an dànadas a bu mhotha a bh’oirrn, oir an uair a thug sinn sùil air ais thar eachdraidh leabhraichean eile de’n t-seòrsa, bha ar misneachd corr uair ’gar tréigsinn. Bha leabhraichean air a bhith annbha agus gu leòir dhuibhach thàinig fear an déidh fir dhiubh gu ìre agus shìolaidh iad air falbh.

Ach bha sinn cinnteach as gun leugh daoine leabhraichean ma lorgas iad rud-egin inntinneach annta, agus cuideachd, mura leugh daoine leabhraichean ’nan cànain fhéin, gun téid a’ chànain leis an t-sruth ann an ùine nach bi fada.

Thuige so, chuireadh a mach móran de leabhraichean mall-bhriathrach, oileanach, a bha gu ùidh gu leòir do sgoilearan agus do luchd-dreuchd de gach seòrsa; ach tha na tha beò de’n Ghàidhlig an diugh, beò air bilean nan daoine cumanta air a’ Ghaidhealtachdna croitearan agus na h-iasgairean agus na mnathan-tighe. An uair a thréigeas iad sin a’ Ghàidhlig, bithidh a’ Ghàidhlig a cheana marbh, agus cha chum na sgoilearan deò innte ach deò mu-laimh. Mar sin, is ann chun nan trì buidhnean sin gu sònraichte, a tha Gairm a’ dol a mach le ar beannachd.

Bha sinn cinnteach as aon rud eilenach robh rian no rathad againne air gach cosgais a tha co-cheangailte ri oidhirp de’n t-seòrsa so a ghiùlain sinn fhéin. Agus co-dhiùbh, bha agus tha sinn de’n bheachd nach e gnothach a bhuineas do chomhlan beag a tha anns a’ Ghàidhlig an diugh, ach gnothach gach mac-màthar a tha a’ gabhail ùidh ann an cànain is ann an gnathasan na Gaidhealtachd. Chan e deas-bhriathrachd ach deas-sheirbheis a tha dhìth oirnn. Chuir sinn fios a mach thall ’sa bhos, airson cuideachaidh, agus air duilleig eile chì sibh mar a ghabh daoine ri ar n-iarrtas, is tha sinn a’ cur tainge chridheil thuca airson an cuid fialaidheachd. Leis a sin, tha Gairm sàbhailte airson bhliadhna co-dhiùbh.

So dhuibh e, mata! Tha sinn an dòchas gun còrd e ruibh. Ma chòrdas e ri fear no an sud is an soma thogas e fiamh gàire is ma dhùisgeas e smuain, bithidh sinne riaraichte.

RUARAIDH MACTHOMAIS, FIONNLAGH DOMHNULLACH, Fir-Deasachaidh.


[14]
titleAs a’ chathair
writersDerick Smith Thomson, Finlay John MacDonald
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Gairm 1 %p

parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page