[81]

Cion na Beurla

le MAIREAD UILLEAM CHALUIM

MAR a tha mise air mo léireadh le muinntir an àite so! Chan e gum bheil cothrom aca air. Chan eil anns an aimideas, anns an aineolas agus ann an cion an fhoghlum ach rudan a tha anns an fhuil co-dhiùbh. Achs e a tha ann an cion na Beurla rud eile!

Tha e math gu leòr don Chomunn Ghaidhealach a bhigliogadaichs aglagadaich mu dheidhinn na Gàidhlige. Tha mi a làn chreidsinn nach biodh duine ach lapach as a h-aonais anns abhaile mhór far am bheil uiread de chéilidheans de chuirmean Gàidhlig aca. Ach chan ionnan sin an so. Chan eil anns aGhàidhlig dhuinne ach rud air nach eil cothrom againnrud a tha againn co-dhiùbh, mar a tha droch bheul aig Sibealag Chaluim Bhig. ’S e a tha dhìth air abhaile soBeurla! Agus tha mise taingeil don Fhortan gun do chuir mi seachad bhliadhna ann am Port-rìgh, an uair a bha mi òg; mar sin, fhuair mi de Bheurla na ni an gnothach dhomh.

Ach tha eagal orm gum bheil mo theanga agabhail làmh an uachdair orm! ’S ann a bha midol a dhinnseadh dhuibh mar a chaidh mo mhaslachadh an latha roimherud nach do thachair dhomhsa bhon a dhfhàg mi badain Sheòrais Bhig air an sgaoiltich air Diardaoin na traisg.

Air an t-seachduinn so chaidhs ann a bhann. Bha mi na mo shuidhe leam fhein afeitheamh achoire an uair a dhfhosgail an dorus agus a bhrùchd Mairi Anna Lachlainn a steach. ( ’S e cho tomadach a than ud afàs! ’S daor acheannach a thaice air falbh nan tighean). Ach a dhinnse na fìrinns ann a rinn mi seòrsa de thoileachadh rithe an latha udchan fhaigh mi blas no tlachd ann an cupa tea an uair a tha mi leam fhéin.

Sid thu, Mhairi Annaarsa mi fhéin, “thigs buail fodhad i.”

Cha tigarsise, “chan e sin turus air am bheil mi. Ach tilg thusa do chòta mu do cheann agus thugainn sìos chun an tighe còmhla riumsa, ach am faic thun rud a thagam.”

Cha robh mi fhein buileach cinnteach bha iciallachadh, ach bhon nach ann a h-uile latha a gheibh duine fiathachadh chun an tighe ud, thilg mi seacaid na bàthcha aig Iain mu mo ghuailnean agus dhfhalbh mi còmhla rithe.

a tha ceàrr, a Mhairi Anna?” arsa mise an uair a fhuair sinn sìos chun an rathaid. “Chan e bhó a thabreith, an i?”

Gu dearbha chan i,” arsise, “ach tha fear adol a thadhal orm an ceart-uair agus tha mi airson gum faic thu e.”

DhiaDhia! An ann mar so a tha! Bha dùil agam-sa nach sealladh tu air fear gu bràth tuilleadh bhon a chaidh Calum Seasaig an taobh a chaidh e leis an Ghallda.”

Thug in t-sùil mhi-chiatach ud orm. “Calum Seasaig! Cha togainn-sa Calum Seasaig far an torr-innearach an latha a bfheàrr a bha e. Ach bhon a dhfheumas tu a h-uile dad a chluinntinn (Huh!


[82]S en a bhabruidhinn!) innsidh mise dhut a thann. Bha mi shuas air achnoc an ceart-uair agus chunnaic min seabhaltach mór dubh ud afalbh nan dorsan le bocsa aige air a dhruim. Cha deanainn stem air an toiseach agus an uair sin bhuail e orm. Fear areic aodaichean! Agus mo mhionnan gum bi eallach a chroite de nylons aige. Bithidh e aig an tigh an ceart-uair agus bha mi airson gum bitheadh tu còmhla rium an uair a ruigeadh e.”

Cha robh fios agam a chanainn! Nylons!

Nylons ort-sa, a Mhairi Anna,” arsa mise rium fhéin, “dheanadh muilchinn muslin acheart uiread a dhfheum! ach cha do leig mi bìg orm.

Co-dhiùbh, chaidh sinn a steach agus thòisich Mairi Anna asguideilearachd ri cupa tea. Chan eil an tea aig Mairi Anna ach mar a tha i, agus cha robh mi fhéin duilich an uair a chuala mi sgiamh air agheata agus a chunnaic min duine mór eireachdail ud atighinn a nuas an ceum.

A Dhia, a Mhairi Annaarsa mise“ ’s ann dubh a bha iad roimhn achogadh, achs e tha so duine cho snogs a chunnaic thu riamh.”

An ,” arsise, ’s i cho tàireil, “chuala mise am ministear ag ràdh gun robh feadhainn de na daoine dubha cho geal ruinn fhéinagus mun do lorg mise mo theanga bha i aig an dorus mhór.

An sin thòisich achainnt, aguss ann a thug mo smeagaid brag air mo bhrollach an uair a chuala mi faclan Gàidhlig. Chuir mi mo chluas ris an ursainn a dhéisdeachd agus an uair sin thuig min cleas. ’S e bha aig an fhear mhór ach GàidhligAlasdair agus Georgeagus cha deanadh Mairi Anna sgot oirre. Ach ma bhaGhàidhlig aige-san air mhàgarans e bha lapach buileach aBheurla aice-se. Mu dheireadh thall rinn Mairi Anna seòrsa de fhiathachadh a steach air; thug mise roid chun na beinge agus bha mi air cùl an Stornoway Gazette an uair a nochd iad.

Chan eil blèiream aig abh . . . . so,” arsa Mairi Anna, agus an t-aodann aice air at cho deargs ged a bhiodh i air a bhith fon chliabh fad na maidne. “Chan eil Gàidhlig no Beurla aige.” Cha do leig mi fhéin dad orm, ach thionndaidh mi ris achoigreach agus thuirt mi ris: “Fine day.Nam faiceadh sibhse an toileachadh a rinn an truaghan ri cuideiginn aig an robh foghlum.

Foighnich dheth bheil nylons aigearsa Mairi Anna, agus rinn mise sin. Dhfhosgail e bheul agus stad ega mo choimhead; an uair sin rinn e snodha mór gàire. Shaoil mi fhéin gur ann air a bha an dearg aghaidh ach cha do leig mi dad orm gus an do sguir e lasganaich. An uair sin, mun dfhuair mi mo bheul fhosgladh, thòisich e air bruidhinn, agus ma thòisich, thòisich an fhuil air tighinn gu maodann-sa. An uair a bha e ullamh, thionndaidh mi ris an òinnsich mhóir a bhana seasamh ris an uinneig.

“ ’S e tha so, a Mhairi Annaarsa mise, ’s micumail srian air mo theangaidh, “fear a tha acruinneachadh òran agus tha e afoighneachd a bheil gin agad.” Ghrìos ise! “Orain! Abair ris gu bheil na chumadh adol gu maduinn e.”

Cha robh fiosam a theirinn. Bha mi seulaichte nach robh


[83] aice ach ultach bhreug ach cha burrainn dhomh sin a radha rithe an clàr an aodainn agus am fear eilegam éisdeachd.

Thuirt mi ris gun robh Mairi Anna asmaoineachadh gun robh òran no dhà aice, aguss gann a bham facal as mo bheul an uair a thug e mach an rud a bhaigerud mór dubh coltach ri gramofon, le bhiorna air, agus ribinn asuaineadh bhon dara fear chun an fhir eile. Stop en uair sin seòrsa de chanastair air ceann biorain mu choinneamh Mairi Anna agus dhiarr e oirre tòiseachadh air seinn.

Foghnaidh na dhfhoghnasarsa mise rium fhéin agus dhéirich mi gu falbh. Ach ma dhéirich, chaidh Màiri Annana boil. “Na caraich as a so air do bheatha,” arsise, “ ’s na fàg mise leam fhéin comhla ris an t-sàtan rud so.”

“ ’S mi fhéin a dhfhàgas,” fhreagair mis midèanamh air an dorus. “Thu fhéins do chuid òrain! Chan eil mise adol a chall achomanachaidh air sgàth na chuala mi riamh de dhòrain.” Ach feuchadh sibhse am faighinn-sa a mach as a sud. Rug Mairi Anna air ghàirdean orms rug am fear dubh orm mun achorsaids chuir iad air an t-sorochan Hiortach mi. Thòisich an uair sin an t-uamhas! Thòisich Mairi Anna air seinn.

Thug i acheud tac air òran nach cuala mise riamhfear a bhatoiseachadh le:

Biodh e falbh, biodh etarruing
Chan e caraid dhomh a thann . . .”

Chaidh fear abhocsana bhoil. Dhfhoighnich e do Mhairi Anna càitan cuala i an t-òran, agus thuirt i gun cuala i aig a seanmhair an uair nach robh a seanmhair ach glé òg. (Smaoinicheadh sibhse!) Arsesan an uair sin: “ ’S fhiach an t-òran sin an saoghal bràth. Bha dùil aig a h-uile duine gur e òran ùr Beurla a bhann. Cuiridh so gu mór ri eòlas ar litreachais.” (Mairi Anna Lachlainn acur ri eòlas litreachais! Huh!) Uill, cha ghabhadh stad cur air abheisd boirionnaich an uair sin. Ghabh iBùthDhòmhnuillIc Leoid,” “Tiugainn leamagus Port-a- beul sgreamhail a chuala i aig a h-athair oidhches an daorach air. (Ghabh i iad, an dthubhairt mi? Cha tug an guth aice càil na mo chuimhne ach traon a bhasan arbhar aig Seocan Iomhair an uiridh.) Thug i an uair sin sgrìob airTiugainn do ScalpaidhagusGog, gog, gog” ’s i asìor mhionnachadh gun cuala i a h-uile gin aca aig cailleachan a baithne dhith bho linn nan creach. Agus chreid an truaghan eile a h-uile diorraid gus an do leig Mairi Anna fhéin an cat am measg nan rollag. Leis abharrachd nach ann a stiall i airLaoidh na Rìoghachdagus thuig mi fhéin gun robhm fear eile afàs amharasach, agus cha bfhada gus an do chuir e clos air gogail Màiri chòir.

Bha dùil agamsa gun robh a h-uile dad seachad, ach nach ann a thionndaidh an trusdar duine orm-sa agus thòisich e gam fhaochnadh gus rann beag air choireiginn a ghabhail. Thuirt mise gun gabhadh fhads nach cuireadh e air abhocsa iads cha do shaoil mise an còrr agus stiall mi orm.

A nise, na mo dhòigh fhéin, tha mise coltach ri cuid de na seinneadairean móra; cha dean mi stem air seinn gun mo shùilean


[84] a bhith dùinte. Mar sin, cha tug min aire gun do ghluais an trusdar an canastair grannda a nall an taobh a bha mi.

Cha robh mise adol a dheanamh glaoic dhiom fhéin le òrain bhaotha mar a rinn an téile agus chùm mi ri laoidhean Phàdruig Ghrannd agus Iain Ghobha. (’S mi a thug an sadadh airTha duinòg is seann duinagam. ”) Mar a tha fios agaibh-se, cha bhiodh e coltach do bhean chomanachaidh a dhol ri òrain agus mar sin lean mise ris na laoidheanlean gus an tàinig an tubaisde.

Bha iad acòrdadh glan ri fear abhocsabhas ri Mairi Anna cuideachd ged nach leigeadh i sin oirre. ’S ann a bha isena suidhe ann an sid agus dreun oirres mu dheireadh thall dhéirich is thug i ceann shios an tighe oirre. Sin an uair a dhéirich an tubaisde dhomhsa.

Chuir am fear dubh stad orm ann an teis meadhonAirc aChoimh-cheangailagus thòisich egam fhaochnadh gus aon òran beag a ghabhail. ’S en droch fhear fhéin a chuir a steach orm esin agus fios a bhith agam nach tuigeadh am fear eile Gàidhligaguss ann a thòisich mi airBarabal Phàdruig.” Bha mi cho cinnteach asam fhéin agus gur ann a ghabh mi a h-uile ceathramh bu mhì-choltaiche na cheilesuas ri fichead aca, agus an uair a bha mi ullamh dhéirich mi agus dhfhalbh mi air eagals gum bristeadh air mo ghàire.

Bha sin, a ghalghadan, bho chionn mhios agus cha do chuimhnich mise air achùis riamh tuilleadh gus an raoir fhéin.

Bha mi aig achoinneamh ùrnuigh mar a bàbhaist, agus bha mi air an rathad a mach aisde, cho dòigheil, an uair a dhéigh Dòmhnull Ruadh an t-Eildear orm. ’S ann a bha dùil agam an toiseach gur e droch naidheachd a bhaige leis cho gruamachs a bha e. An uair a chuir mifeasgar mathair, cha do leig e air gun cuale mi. “An cuala tuarsesan, “an céilidh Ghàidhlig as Ameiriga a bha air an radio an raoir?” Cha chuala, fhreagair mise cho bragail, “cha be céilidh Ghàidhlig agus faoineas de leithid a bu chòir a bhith air aire maideachaidh.” Thug en t-sùil bhiorach ud orm a rithist. “Cha be, no idir a bhiseinn òrain sgreamhail oirre.” Stad mis mo bheul fosgailte; thuig mi anns an spot mar a bha agus dhatharraich mi na dathan. Smaoinich mi air mo mhàthairair mo bhràthair a thana mhinistear air tir-mórair amhinistear againn fhéiniad-san uile agus an saoghal mór, ag éisdeachd rium-sa agabhailBarabal Phàdruig.” Gann a chuala mi Dòmhnull Ruadh ag radhaThan seisean airson dfhaicinn Di-luain. (Cha do chaill boirionnach anns abhaile so an comanachadh riamh ach a mhàin airson an aon rud agus saoileam gur e sin fhéin fada a bfheàrr).

Tha mise ann an so mata afeitheamh ri Di-luain, agus be sin an fheitheamh fhadalach dhomh-sa. Tha e math gu leòir dhuibh-se a radha gur e mo choire fhéin a bhann, ach tha mise seulaichte nach be. Aineolas agus cion Beurla Mairi Annasin na rudan a bu choireach. Mur a be ise a bhith mar a tha igun de Bheurla aice na bheireadh an coire far an teinebha mise air a bhith ceart gu leòir. Cha leiginn leas a bhith air a dhol sios a dheadar-theangachadh dhith, agus bha mi fhathast air a bhith aig na bùird gun fhios aig duine gun cuala miBarabal Phàdruigriamh. Beurla! Sin an rud a thadhìth oirnne. ’S iomadh maslachadh a chuireadh i seachad oirnn.

title‘Cion na Beurla’
writers ??
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Mairead Uilleam Chaluim in Gairm 1 %p

parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page