An Sgeilp Leabhraichean
Scottish Verse 1851-1951, deas. le Douglas Young. Nelson, 18/-.
A Scots Anthology,deas. le John W. Oliver agus J. C. Smith. Oliver & Boyd, 20/-.
DUINE sam bith a tha airson eòlas a chur air bàrdachd ann an Scots, bho thùs gu éis, cha b’ urrainn da ni b’ fheàrr a dhèanamh na tòiseachadh leis an dà leabhar so. Tha an darna fear dhiubh, A Scots Anthology,a’ dèanamh taghadh farsuing as a’ bhàrdachd sin, bho’n trìtheamh linn deug gu ruig an linn againn fhéin, agus anns an leabhar eile tha Dubhghlas Mac Ill Oig a’ dèanamh taghadh nas mionaidiche a bàrdachd nan ceud bliadhna a chaidh seachad.
Chan eil aig a’ mhór-chuid againn, a tha an urra ris na théid innse dhuinn anns an sgoil ach beachd claon air litreachas na dùthcha againn fhéin, biodh e an Gàidhlig no an Scots. Ged a bheir sinn ionnsaigh air a’ bhàrdachd aig Burns, agus ged a thogas sinn criomag an sud ’s an so, bho’n bhardachd aig Dunbar, no Henryson, chan eil sinn, anns a’ chumantas, a’ toirt breith chothromach air an litreachas so, no a’ faicinn a leud agus a doimhne. Agus tha an dà chuid aice, leud agus doimhne, bho’n cheud tòiseachadh a rinn i leis a’ Bhrus aig Barbour, gu ruig bàrdachd Hugh Macdiarmid agus nas òige na e anns an linn againn fhéin. Chan eil an fhior ionmhas aice a tha aig bàrdachd na Beurla, ach tha snas oirre agus ioma-dhealbhachd, mar as fhurasda a thuigsinn ma bheir sinn sùil air rudan cho eadar-dhealaichte ri The Ballad of Kind Kyttok, The Testamant of Cresseid, Kilmeny, Cupid and Venus, Waly agus The Annuity.Tha móran de’n bhàrdachd so a’ gabhail eala ri nithean agus ri faireachdainnean a bhuineas gu dlùth do gach duine agus mar sin tha i gu minic a’ ruighinn a’ chridhe. Tha so fìor gu h-àraidh a thaobh móran de na dàin a tha gun ainm ùghdair riutha, agus gu h-iochd-àraidh a thaobh nam ballads. Tha an Dr. Oliver a’ toirt àite agus inbhe air leth dhaibh sin, agus tha e anns an dòigh sin a’ cur gu mór ri luach an leabhair.
Tha e do-sheachainte feumail do’n leughadair agus do’n sgoilear a tha a’ cladhach ann an litreachas na Gàidhlige sùil bhreithneachail a thoirt air an litreachas so. Tha an dara litreachas a’ leigeil soluis chun na té eile—gu h-àraidh, math dh’ fhaoidte, anns an earrann mu dheireadh a dh’ ainmich mi—agus tha prothaid ann a bhith a’ beachdachadh araon air an coltas agus air an ao-coltas ri chéile.
Chan eil an Dr. Oliver cho buileach saorsainneil anns an roinn mu dheireadh de’n leabhar. Tha bàrdachd an fhicheadaibh linn airidh air cliù eadhon nas motha na tha e a’ toirt dhith, ged nach eil e ag àicheadh gun tainig piseach oirre a tha aithnichte. Ach air cho déidheil ’s gum bi duine air an t-seòrsa bàrdachd a rinn Hugh Macdiarmid ann an toiseach a latha bu chòir aideachadh gun do chuir e nithean luachmhor ri litreachas Scots bho’n uair sin. Agus is cinnteach gu fuilingeadh a’ bhàrdachd aig Sydney Goodsir Smith tuilleadh dhith a nochdadh.
Ach chan eil an canran beag sin a’ milleadh luach an leabhair, agus gheibh sinn leasachadh air co-dhiùbh anns an leabhar eile a tha fo ar comhair. Tha Dubhghlas MacIll Oig fhéin ’na bhàrd ainmeil, ged nach eil e a’ toirt dhà fhéin na h-urraim as àirde, no eadhon an dara té as airde. Tha e ainmeil an dòighean eile cuideachd, agus araon air sgàth an eòlais a tha aige air litreachas nan ceud bliadhna chaidh seachad, agus air sgàth a’ bhreithneachaidh a tha aige anns na nithean sin, cha b’ urrainn fear-taghaidh no fear-deasachaidh ni b’ fheàrr fhaotainn airson an leabhair so. Uaireannan tha a theanga ’na phluic mar as minic a chunnacas i, agus chan eil e fhéin a’ cleith gum bheil rudan anns an leabhar so nach eil ’nam bàrdachd idir. Dìreach mar nach deach ach glé bheag de bhàrdachd a b’ fhiach an t-ainm a dhèanamh ann an Gàidhlig anns an naoidheamh linn deug, tha so fìor cuideachd a thaobh bàrdachd ann an Scots is ann am Beurla air taobh stigh crìochan na h-Albann. Ach tha e a’ toirt dhuinn deagh shealladh air bàrdachd an fhicheadaibh linn, agus a’ nochdadh dhuinn gun tainig ath-nuadhachadh iongantach air bàrdachd na dùthcha againn o chionn deich bliadhna fichead.
Tha e a’ toirt beagan àite cuideachd do bhàrdachd Ghàidhlig a bhuineas do’n linn so, ach bha dorus an sud a’ an so air a dhùnadh air, a chionn ’s nach robh e a’ togail bàrdachd Ghàidhlig sam bith nach robh eadar-theangachadh Beurla no Scots ’na chois. Ach tha e ag aideachadh gu soilleir—is cha bu mhisde na Gaidheil fhéin an aire a thoirt dhà so—gum buin bàrdachd Ghàidhlig do dh’ Albainn air fad, agus gum bheil i airidh air a h-àite a ghabhail ri taobh bàrdachd sam bith eile a bhuineas do’n dùthaich so. Bu chòir sin misneachd a thoirt dhuinne mar Ghaidheil gus nach rachadh sinn le ceum air ghàig no le boineid an dòrn, ann am fianuis co-luchd ar dùthcha.
The Scottish Scene.Deilbh le Alfred Furness, An teux le John L. Weir. George Allen & Unwin, 30/-.
’S e leabhar dhealbh tha so, ceud ’sa cóig dhiubh, is tha iad air na barraich. Shiubhail Alfred Furness fad is farsuing air feadh na h-Albann le a chamara, a’ glacadh siothchar air loch, sneachd air beinn, eala air linnidh agus caparaid air cabhsair, an iomadach àite air feadh na dùthcha. Chì sinn iomhaigh a’ chiùineis air an dealbh a thog e aig Drochaid Chluanaidh am Baile Chloichridh, smonbhar ceothadh agus craobh fo bhlàth an Dun-Eideann, gleadhraich is comhradh air a’ Bhroomielaw an Glaschu, seann chathair-eaglais Dun-chailleann fo ghrian an t-samhraidh, Gleann Comhann fo achmhasan an stoirm, tigh fàsaich an Tigh-an-droma, cala Obar-dheathain, clann-nighean Gaidhealach a’ dannsa, agus ceud dealbh eile nas fheàrr na chéile.
Bu mhór am beud nach do ràinig Alfred Furness oirthir an iarthuath, siorramachdan Rois agus Chataibh, agus na h-Eileanan. Cha bu mhisde an leabhar aige boillsgeadh de Loch MaRuibhe no de bheanntan Chataibh , no sealladh de’n Chuilthionn, no machraichean
Chan urrainn dhuinn a bhith cho riaraichte leis an earrann sin de’n leabhar a tha ann an sgrìobhadh. Tha an leabhar air a roinn ’na chóig earrannan, is tha beagan aig John L. Weir ri ràdh aig toiseach gach earrainn—mu thimchioll dùthaich Bhurns, Glaschu, agus Abhainn Chluaidh, dùthaich Scott, Dun-éideann, agus a’ Ghaidhealtachd. Tha e car sean-fhasanta ’na chainnt; tha blas linn Victoria oirre, is tha dreach an linn sin air pàirt de na smuaintean aige. Bheir iad barrachd riarachaidh do Shasunnaich agus do Ghoill eile do nach aithne Alba na bheir iad do luchd ar dùthcha-ne.
Tha an leabhar daor, ach tha e grinn air a chur ri chéile, is bheir e iomadach uair-a- thìde de thoileachas do’n t-sùil.
“America’s Man of Destiny, ”le Kevin McCann. Heinemann, 10/6.
Faodaidh gun can cuid nach eil cuid no gnothuich aig an leabhar so ri luchd leughaidh Gàidhlig. Ach chan ann mar sin a tha. Anns na duilleagan so, tha sinn am beachd iomradh a dheanamh air leabhraichean—Beurla no Gaidhlig no Greugais—a tha sinn an dùil a tha math agus gu feum d’ar luchd leughaidh. Agus co-dhiùbh, is e fuinne thana da-rìreabh a bhios aig luchd Gàidhlige mur a leugh iad ach na leabhraichean a tha a’ tighinn a mach ann an Gàidhlig an diugh.
Tha an leabhar mu dheidhinn an t-Sinealair Eisenhower—duine air an robh an saoghal an crochadh fad làithean cogaidh; duine air am bi an saoghal an crochadh fad iomadh bliadhna fhathast. So agaibh sgeulachd mu bhalach beag cumanta a dh’èirich gu bhith ’na aon de phrìomh fhir-stiùiridh an t-saoghail anns am bheil sinn beò.
Rugadh Eisenhower ann am baile beag Abilene ann an Ameiriga—mac phàrantan aig nach robh anns an t-saoghal ach na chumadh beò iad air éiginn. Chuir e e fhéin troimh an sgoil le bhith ag oibreachadh ann am bùtha bhainne air an oidhche agus aig a chuid leabhraichean troimh an latha. Cha b’e an taghadh no an roghainn, ach am fortan a chuir a Cholaisde Airm Westpoint e, agus ann an sin cha robh e ach mar fhear ’s an t-sreath. Ars’ e fhéin mu bhalach eile a bha còmhla ris—balach dìchiollach a fhuair air adhart—“Chan eil fios ciamar a chaidh leis cho math; bha cus eagail air riaghailt a bhriseadh.”
Tha an leabhar, ann an dòigh shìmplidh, thaitnich, a leantainn beatha Eisenhower a nuas chun an latha ’n diugh—gus an do dh’fhàg e an t-arm agus an do dh’aontaich e a dhol air adhart airson taghaidh mar Cheann-suidhe Ameiriga. Dh’aontaich e sin a dhèanamh, chan ann a chionn gum bheil e déidheil air féin-ghlòir ach a chionn agus gun do dhleas e e mar a dhleasdanas. Sin suaicheantas Eisenhower—dleasdanas. Agus so leabhar a chuireas an céill dhùibh ann an dòigh thaitnich mar a lean e cùrsa an dleasdanais fad a làithean.
[88] [89] [90] [91] [92] [93] [94] [95] [96] [97]title | An Sgeilp Leabhraichean |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Gairm 1 %p |
parent text | Gairm 1 |