[38]

An Aithne Dhuibh ...?

1. Niall MacIlleDhuinn.


[39]

Cluinnear Niall MacIlleDhuinn far nach faicear e. Theireadh na seann daoine gum bu truagh an rud sin ann am fear a latha, ach anns an latha ’s am bheil sinne beò an diugh cha chuir duine sin as leth Neill.

Chan eil e fhathast ach gann fichead bliadhna. Mar sin, is urrainn a ràdha le cinnt ciamar a e ainm no beò-shlàint dha fhéin anns na làithean ri teachd? Ach tha aon rud cinnteach, is ann mar chraobh-sgaoiliche air an radio a tha Niall measail an diugh, agus chan eil tigh eadar Rubha Robhanais agus a’ Chrioch Shasunnaich anns nach cualar a ghuth uair no uaireiginn. é? Càit as é? Agus na tàlantan a bhuilicheadh air, a chuir ainm air bilean an t-sluaigh mar so?

B’i màthair Neill, Annag NicPhàil a Còrnaig an Tiriodha. B’e athair, Niall MacIlleDhuinn a Port Ghàidheil ann an Ile. Ach chunnaic Niall Og fhéin solus an latha an toiseach ann an Toronto, an Canada. Bha sin bho chionn fichead bliadhna, agus bha am balach beag sin corr agus bhliadhna a dh’aois mun do thill a phàrantan dhachaidh.

An uair a thill iadsan, rinn iad an dachaidh ann an Glaschu, agus mar sin, ged a bha a’ Ghàidhlig aca le chéile cha robh rian a cumail ri Niall fad an t-siubhail. Leis a sin, b’i a’ Bheurla a cheud chainnt.

Ach an uairsin thàinig an cogadh. Thainig ’na luib sgrios agus bomadh air Glaschu, agus chaidh Niall a chur air falbh mar a chaidh móran eile de a cho-aoisean. Bha e trì bliadhna ann an Tiriodha agus bliadhna ann an Ile, agus an uair a thill e do Ghlaschu bha a’ Ghàidhlig aige cho fileanta agus a bha i aig a phàrantan, agus dh’fhoghnadh sin. Bha i cho fileanta aige agus gun robh e comasach dha craobh-sgaoileadh Gàidhlig a dhèanamh ann an 1945, agus b’e sin toiseach tòiseachaidh.

Rinn Niall dhà no trì de chraobh-sgaoilidhean ann an Gàidhlig, ach cha robh cupan a shòlais làn gus an do chuireadh ann an Dealbh-chluich e. Tha sin ’san fhuil aige, agus gus an latha an diugh, chan iarr e ach a bhith mu choinneamh na microfon, co-dhiùbh is ann a’ cluiche leanaibh a tha e no a’ cluiche bodach cheithir fichead. Tha a’ bhuil ann. An diugh is e priomh actor na Gàidhlige, agus am priomh actor òg ann am Beurla, a bharrachd. Ach ged is e an radio a cheud ghaol, tha e pailt cho fileanta air a’ chlàr-deilbhe, agus sin cuideachd ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Rinn e a’ cheud nochdadh air a’ chlàr ann an aon de na Dealbh-chluichean aig Anna NicIlleathainn— “ Làn do fhear na bainnse”—agus tha e nise ’na aon de na priomh chluicheadairean aig an “Torch Theatre Group.”

a’ bhuaidh a thug an rath so air fear cho òg? Nan robh feadhainn eile air a bhith ’na àite, bha iad air sgoil agus eile a leigeil air chùl agus feuchainn ri beò-shlàint’s docha beò-shlaint na bochdainna dhèanamh air cluicheadaireachd fhéin. Ach chum Niall an fhearas-mhóra fo smachd. “An sgoil an toiseachtheireadh e daonnan, agus cha toireadh an tairgse bu bhriagha air falbh bho na leabhraichean e, ma bha deuchainn sgoile ’s an amharc. Ann an Sgoil Mhór Hyndlandsgoil cho math ’s a tha ann an Glaschudh’éirich Niall gu bhith ’na fhìor-chaiptean, agus ’na bhliadhna, cha robh ach aon duine os a chionn ann an sgoilearachd.

A rithist, nan robh feadhainn eile air a bhith ’na àite, bha iad air cùl a chur ri Gàidhlig an uair a thainig soirbheachadh anns a’ Bheurla. Ach chan e sin don fhear so e. Ged is i a’ Ghàidhlig an dara cànain dha, is i as dlùithe r’a chridhe.

Tha Niall MacIlleDhuinn a nise ann an Oil-thigh Ghlaschu a’ toirt a mach na dotaireachd agus chan eil teagamh nach dèan e sin le deagh chliù agus àrd urram. Bithidh sinn uile a’ guidhe gu math dha agus an dòchas nach caill e gu bràth a ghibht shonruichte a tha aigechan i gibht na cluicheadaireachd, ach gibht na ceud rudan a chumail air thoiseach. Cha bu chòir gun sgaradh an dotaireachd bhon chluicheadaireachd e, agus bithidh sinn an dòchas gun cuir e na mìltean móra fhathast ris an cheud craobh-sgaoileadh a tha aige air a chùlthaobh mar thà.

[40] [41] [42] [43] [44] [45] [46] [47] [48] [49]
[50]
titleAn Aithne Dhuibh ...?
writersFinlay John MacDonald, Derick Smith Thomson
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
notesNB. Cha robh ainm an ùghdair air fhoillseachadh san alt seo. Tha sinn a’ leantainn na sgrìobh Raghnall MacilleDhuibh gur e an co-dheasaiche Fionnlagh I. MacDhòmhnaill a sgrìobh an sreath ‘An Aithne Dhuibh...?’ air fad. (Gairm Index aig DASG)
parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page