[51]

Leabhar-Latha Mhgr. Ailein Domhnallaich

Maighstir Ailean Dòmhnullach, anns abhliadhna 1898.

Sgrìobh Mgr. Ailean Domhnullach nach maireann an leabhar-latha so fad lathaichean aMhàirt, anns abhliadhna 1898, ann an Eirisgeidh. Bha saoghal eile ann an uair sin, agus chì sinn a rithist e nuair a leughas sinn na briathran so.

Se Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaidh, a dheasaich an leabhar-latha air son achlò. ’Sann leis an Ro-urramach Mngr. Canan MacMhaighstir a tha an leabhar-latha an diugh, agus tha Fear Chanaidh air son a ràdh gum bheil e fadana chomain air son cead a thoirt seachad a chur an clò. Bu mhath leinn-ne an cianda a ràdh, agus bu mhath leinn taing a thoirt do Fhear Chanaidh air son a shaothrach-san, chan ann a mhàin ann an deasachadh an leabhar-latha, ach cuideachd a chionn is gun do sgrìobh e beagan dhuinn mu bheatha is mu obair Mhgr. Ailein fhéin.

Bheir sinn am follais an leabhar-latha ann an grunn earrannan.

FIR-DEASACHAIDH.

titleLeabhar-Latha Mhgr. Ailein Domhnallaich
writersDerick Smith Thomson, Finlay John MacDonald
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page