Mgr. Ailein Domhnallach
le FEAR CHANAIDH
RUGADH Mgr. Ailein anns a’ bhliadhna 1859, anns a’ Ghearasdan. ’S e Abrach a bh’ann, do Chlann Domhnall na Ceapach. Fhuair e fòghlum na sagartachd ann am Blairs agus ann an Valladolid. Nuair a thill e a dh’Alba, bha e dà bhliadhna ’san Oban comhla ri Easbuig Earraghaidheal ’s nan Eileinean, an ro-urramach Aonghas Domhnallach.
’S a’ bhliadhna 1884 chuireadh a dh’Uibhist e, a pharraiste Dhalabrog. Bha Eirisgeidh ceangailte ris a’ pharraiste sin an uair sin, agus bha barrachd air dà mhile dhaoine ’sa’ pharraiste uile gu léir. Cha tuig daoine an latha an diu cho cruaidh ’s a bha saoghal nan croiteirean ’s nan iasgairean Uibhisteach is Eirisgeach an uair sin. Is glé bheag a chothrom an t-saoghail a bha aig daoine bochda an uair sin, ’s gu seachd àraid aig croiteirean nan Innse Gall.
Bha obair mhór aig Maighstir Ailein r’a dianamh eadar Dhalabrog is Eirisgeidh, agus ghabh e rithe gu dìchiollach. Chuala mise duine a bha eòlach air( ’s nach eil ’na Chaitligeach) ag ràdh nach robh pears’ eaglais riamh an Uibhist na b’fheàrr na Mgr. Ailein, ’s gun d’rinn e obair ceathrar shagart an latha an diu. Cha robh càraichean ann an latha sin, is cha robh Mgr. Ailein deònach air marcrachd a dhianamh; ’s e coiseachd a bhiodh e dianamh daonnan, agus astar mór aige r’a dhol iomadach uair.
Bha ùidh mhór aige anns a’ Ghàidhlig, agus cha robh e ùine mhór an Uibhist mun do thòisich e air na sgialachdan agus air na h-òrain ’s air gach beul-aithris a bhiodh e cluinntinn (agus bha gu leòir dhiu ann) a sgrìobhadh. Bha deagh-chothrom aige is e am measg nan sgialaichean a b’fheàrr ’san Roinn Eòrpa, ach is ainneamh a chuireadh ùidh anns na rudan sin aig an ám ud, no a rachadh gu dragh g’an sgrìobhadh mar a rinn esan. Bha e ri dianamh laoidhean Gàidhlig, is ri ’n eadar-theangachadh bho Laidinn is bho’n Bheurla cuideachd. Sgrìobh e an Aifrionn ann am meadarachd Gàidhlig agus chuir e sud ’s feadhainn dhe na laoidhean an clò ’sa’ bhliadhna 1889, is a rithist anns a’ bhliadhna 1893.
Ach ghabh e tuilleadh ’s a’ chòir de dh’obair air fhéin, is chaidh a shlàinte a bhristeadh anns a’ bhliadhna 1892. Rinn an t-Easbuig an uair sin Eirisgeidh a sgaradh bho Pharraiste Dhalabrog, agus chuireadh Mgr. Ailein ann, air chor ’s nach biodh an obair cho trom air. Bha barrachd ùine aige an sin gu sgrìobhadh a dhianamh, agus tha Miss Amy Murray ag innse gun do lìon e deich leabhraichean móra le beul-aithris de gach seòrsa, ach gu mì-fhortanach tha pàirt dhiu air chall a nis.
Bhiodh e fhéin a’ dianamh òran, cuideachd, ged nach deach ach a h-aon dhiu a chlò-bhualadh, ’s e sin, Eilean na h-Oige. Ach rinn e feadhainn eile bha ceart cho math ris, gu h-àraid Marbhrann do Mhgr. Seòras Rigg, agus òran do’n Eòintean, agus Laoidhean Nollaig air fuinn seann-òran luadhaidh.
’S e Mgr. Ailein a thog an eaglais ùr a tha an Eirisgeidh an diu, agus tha e air a ràdh gun do chreic e an cruinneachadh a rinn e do bheul aithris is gun do chuir e an t-airgead gu feum na h-eaglaise ùire. Cha robh e riamh gu math ’na shlàinte an déidh na bliadhna 1892, agus chaochail e anns a’ bhliadhna 1905, nuair nach robh e ach dà fhichead ’s a sia a dh’aois. B’e pneumonia agus an droch-chridhe a bh’aige bho chionn 1892 bu choireach.
Rinn Mgr. Ailein obair mhór ag cruinneachadh gach uile seòrsa beul-aithris a thigeadh ’na rathad, ach cha d’fhuair e riamh an creideas a thoill e. Rinn feadhainn eile feum de’n chruinneachadh aige nach bu bheag, gu h-àraid Miss Goodrich Freer agus Seòras Mac Eanruig, agus feadhainn eile. Is gann a sgrìobhadh Miss FreerThe OuterIsles as aonais na fhuair i bho na leabhraichean-laimhsgrìobhte aig Mgr. Ailein. Nuair a dh’eug i fhéin, bha moladh mór ’ga dhianamh oirre ann am Folklore air shàilibh a’ bheul-aithris a chruinnich i ’sna h-Innse Gall, ach cha robh a bheag no mhór a dh’iomradh air Mgr. Ailein a thug dhith-se a h-uile sian riamh a chuir i an clò mu dheidhinn beul-aithris Uibhist is Eirisgeidh. Bha Mrs. Kennedy Fraser agus Miss Amy Murray ’na chomain cuideachd, agus ’ga mholadh air a h-uile dòigh. Faodaidh mi ràdh, nam biodh duine sam bith ag iarraidh fiosrachadh air beul-aithris no faclaireachd na Gàidhlig, bhiodh e cur litir do Mhgr. Ailein ag iarraidh na bha dhìth air.
Tha mi an dòchas gun téid na sgrìobh Mgr. Ailein a chur an clò fhathast. Dh’fhàg e cruinneadhadh de chruaidh-fhaclan a tha anabarrach feumail do luchd-leughaidh na Gàidhlig, agus thatar ’ga dheasachadh an dràsd air son a chur an clò. Bu chòir na h-òrain ’s na laoidhean a rinn e fhéin a bhith air an cur a mach cuideachd; cha ghabhadh cuimhneachan na b’fheàrr na sin dianamh air.
title | Mgr. Ailein Domhnallach |
writers | John Lorne Campbell |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Fear Chanaidh in Gairm 1 %p |
parent text | Gairm 1 |