AIR BRUAICHEAN NA RHEIN
le Fionnlagh MacSuain
Aig deireadh na bliadhna ’n uiridh fhuair còisir na sgoil againn (Sgoil Abair-pheallaidh) cuireadh a dhol a sheinn ann an cuid de sgoiltean agus eaglaisean na Gearmailt. A chionn gun do smaoinich sinn gum biodh seo ’na bhuannachd mhór dhuinn, rinn sinn ullachadh air feadh a’ gheamhraidh agus a-nis, ann a bhith a’ toirt sùil air ais, bu mhath leinn a ràdh gum b’e turas air leth sònraichte a bh’againn, turas a dh’fhàg làrach domhainn oirnn agus a bhitheas ’na chloich mhìle dhuinn fad ar beatha. Ann an iomradh mar seo, chan eil e comasach ach boillsgeadh beag a thoirt seachad air ar cuairt, na h-àiteachan anns an robh sinn, na daoine ris an do choinnich sinn, gus na beachdan a ghabh sinn air an dùthaich gu léir.
B’e bana-Ghearmailteach, Frau L. Haberecht á Cologne, a thug dhuinn an cuireadh an toiseach. Tha greis a-nis bho thòisich i a’ tighinn do dh’Alba agus tha i air ùidh mhór a ghabhail anns a’ Ghaidhealtachd agus anns a’ Ghàidhlig. An déidh dhith móran rannsachaidh a dheanamh air eachdraidh nan Ceilteach agus a daoine fhéin, thàinig i gu ciallach chun a’ cho-dhùnaidh gu robh luach mór ann an cultur nan Gaidheal ’s gu foghlumadh Gearmailtich, aosda agus òg, móran bhuaipe. Leis a sin, ghabh i os làimh gu còisir Albannach fhàilteachadh a-steach ’na dúthaich agus lorg i mach teaghlaichean bha deiseil gu gillean agus caileagan na sgoil againn ghabhail fo’n cùram airson aona latha deug. Na b’fhaisg air làimh, aig an dearbh àm, bha fear ciùil na sgoile, Maighstir Seumas Scott a’ cur na còisir air ghleus agus a’ toirt gach ball air adhart ann am pongan ciùil de gach seòsa. Mun do dh’fhalbh sinn air a’chiad de’n Ghiblinn, chùm a’ chòisir cuirm anns an sgoil airson sgillinnean a chruinneachadh ’on cosgais a chumail sìos.
Ged a bha sinn anabarrach sgìth a’ ruighinn ar ceann-uidhe, chuir cridhealas is coibhneas nan Gearmailteach spionnadh ùr annainn agus bha fhios againn, anns a’ bhad, gu robh làithean grianach air thoiseach oirnn. Air a’ chiad latha Sàbaid sheinn a’ chòisir ann am
[Dealbh]
Còisir na sgoile
Bonn, ceann bhaile na Gearmailt, ann an eaglais Pròstanach, far an robh móran san éisdeachd. Mun do dh’fhàg sinn am baile brèagha seo, chùm sinn aona chuirm chulturach. An déidh ruaig air feadh a’ bhaile chaidh sinn na b’fhaide tuath gu Cologne agus gu baile Bergheim a tha suidhichte faisg air aon de na mèinean guail as motha san Roinn Eòrpa air fad agus a tha a’ cumail an treas cuid de’n chonnadh ris a’ Ghearmailt. An sin chunnaic sinn an crann cladhaich as truime san Roinn Eòrpa, agus mura b’e mheud ’se dheanadh an obair latha am buain na mònadh sna h-Eileanan. Ann am meadhon na seachdain, sheinn a’ chòisir ann an àrd sgoil Bhergheim agus bha e ’na annas do dh’òganaich an sin sgoilearan fhaicinn ann an deise sgoile, a’ seinn bho chuimhne, cleachdadh nach eil idir ri fhaighinn sa’ cheàrnaidh ud de’n Ghearmailt, dh’aindeoin cliù an ceòl. Air latha eile rinn companaidh T.V. prógram de na caileagan agus na gillean a’ seinn air lianaig air beulaibh a’ chaisteil Paffendorf. Mun do ruith an t-seachdain gu a ceann bha a’ mhórchuid againn air a dhol air feadh Chologne agus air lorg a-mach na h-àitean annasach agus na rudan inntinneach tha dol air adhart annta. B’aon de na h-àitean sin musaem Ròmanach far a faca sinn goireasan tighe tha còrr is dà mhìle bliadhna dh’aois. Air an dara Sàbaid bha a’ chòisir a’ gabhail pàirt ann an seirbheis ann an eaglais an Köln-Klettenberg ’sa mhadainn agus feasgar fhuair sinn an t-urram seinn anns an eaglais Ghothic as motha air an t-saoghal, CologneCathedral, togalach shnasail tha fìor tharraingeach ’na cruth ’s ’na dealbh, ’s a tha nochdadh inntinn agus dealas air leth. An sin bha móran sluaigh ag éisdeachd, an cuide ri mac-talla as làidire a chuala sinn riamh. Air Di-luain, latha deireannach na féille, sheinn a’ chòisir aig seirbheis Càisge air iomallaibh a’ bhaile.
Ré ar cuairt, bha móran ann thug bhuainn ar suim. (1) Cho coibhneil ’s a bha na Gearmailtich ruinn oir ged a bha sinn sgapte bho chéile ann an dachaidhean fa leth, fhuair sinn uile di-beatha bha air leth gasda. Ged nach robh Gearmailtis againn, cha robh dìth na cainnte sin ’na bhacadh air seanachas oir tha na Gearmailtich, am bitheantas, ealanta ann an iomadh cànain, bharrachd air Beurla. Cuin a ruigeas sinne an ìre sin ? (2) Bha e duilich dhuinn a chreidsinn gu robh an dà rìoghachd an sàs ’na chéile dà fhichead bliadhna air ais. Ri linn an dara cogaidh bha Cologne air a bhombadh gu dona agus b’e an Eaglais Mhór fhéin an aon thogalach a ghléidh a
[Dealbh]
Cuid de’n chòisir còmhla ris a’ Mhaor Iakobs, a thug dhuinn aoidheachd a’ bhaile ann an Cologne. Agus rud annasach: tha a’ chòisir ’nan seasamh air brat-ùrlar a thug Hitler seachad mar thiodhlaic an uair a ghabh e Vienna le lamhachas làidir, agus bha e math ar casan a shuathadh air.
bhunaitean. Bh’aig a’ Ghearmaílt tòiseachadh ás ùr agus le dìcheall agus luchd riaghlaidh thoinisgeil thog i a-rìs air làraich lom. Ann an iomadh seagh, b’i an rìoghachd a bhuannaich an cogadh oir tha beartas agus dòighealachd innte nach eil ann am Breatainn an diugh. (3) Bha móran, gu h-àraidh na feadhainn bu shine a’ bruidhinn gu fosgailte air a’ chogadh, Hitler, na Ruiseanaich agus na prìosain campa. Choinnich sinn feadhainn bha an gréim aig Sasunnaich agus Ameiriceanaich agus leis a sin bha duilleag neo dhà de dh’eachdraidh na Roinn Eòrpa air a toirt beò dhuinn. (4) Air sgàth gu robh sinn a’ fuireach còmhla ri teaghlaichean eadar-dhealaichte, fhuair sinn a-steach na bu dlùithe air cridhe na Gearmailt: na daoine fhéin, an dòigh beatha agus mar a bha iad a’ riaghladh gach latha. Tha fhios againn a-nis carson a tha iad cho làidir, fallain. An seo tha sinn ag ithe am biadh ceàrr. (5) Nochdadh dhuinn cuideachd an ùidh th’aig Gearmailitch ann an Alba agus am féin-cheasnachadh tha dol air adhart innte an dràsda. Tha cuid a’ faicinn ceangal eadar an droch dhiol chaidh dheanamh air Gaidheil agus am fulangas a lean droch riaghladh anns a’ Ghearmailt fhéin. Tha ùidh aca anns an éileadh, a’ phìob-mhór, ceòl agus bàrdachd na Gáidhlig, agus gun robh cuid againn co-dhiù a bhuineadh do phàirt de rìoghachd nach tàinig riamh fo smàig Impireachd na Ròimh.
Sa’ chrìochnachadh feumar aideachadh gu bheil ar bana-charaid, Frau Haberecht, ag iarraidh greasad air an latha anns a faic i barrachd bhuidhnean mar seo a’ tighinn á Alba do’n Ghearmailt agus an rathad eile. Cha leigeadh na buidhnean seo a leas a bhi ealanta ann an rud sam bith ach dìreach làmh a shìneadh ann an coibhneas ri coigrich aig a bheil dualchas eadar-dhealaichte riutha fhéin. Troimh eòlas air dùthchannan eile, théid ar n-eòlas air ar dùthaich fhéin a chothromachadh agus a dhoimhneachadh. Cuideachd, théid ar n-inntinn fhosgladh agus cha bu mhisde dhuinn ged a choimheadamaid air ar suidheachadh o bheinn nas àirde, uair neo uaireigin. Bu mhath gu dearbh gu robh barrachd dha seòrsa ma chuairt.
A dh’aithghear, tha sinn a’ sùileachadh còisir às a’ Ghearmailt a thighinn far a bheil sinne, agus bidh sinn an dòchas gu faigh iad
uimhir a thoileachadh ’s a fhuair sinn fhéin. Do sgoileirean Ard Sgoil Bhraghaid Albann chaidh féin-fhiosrachadh a mheudachadh gu mór agus tha mi làn chreidsinn gu fuirich an turas seo beò ’nan cuimhne agus blàth ’nan cridhe, an uair a bhitheas eòlas an cuid leabhraichean air crìonadh air falbh.
title | Air Bruaichean na Rhein |
internal date | 1977.0 |
display date | 1977 |
publication date | 1977 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacSuain in Gairm 101 %p |
parent text | Gairm 101 |