NA BOTHANAN NISEACH
le Coinneach Mac a’ Ghobhainn (Glaschu)
“Ho ro ’se ’m bothan, ho ri ’se ’m bothan,
Am faca sibh ’m bothan a rinn sinn,
Na faca sibh ’m bothan a rinn sinn a thogail,
Anns a bheil dùil againn caitheamh a’ gheamhraidh.”
Tha mu leth-cheud bliadhna bho chaidh a’ bhàrdachd sin a chur ri chéile, ri moladh a’ chìad bothan a thogadh ann a Sgìre Nis. Ach ’s beag a shaoil na gillean a bha cho dìcheallach agus cho co-aonaichte dha thogail, agus na bothanan eile a thainig ’na dhéidh, gum biodh cliù agus mì-chliù nam bothanan air a sgaoileadh fada agus farsaing air feadh na tìr, eadhon gu iad a bhith air an dìteadh ann an Cùirt an t-Siorraidh an Steòrnabhagh, agus gum biodh am facal ‘bothan’ air a ghabhail a-steach do’n a’ chànain Bheurla gu bhith ri ciallachadh àite mì-laghail, mì-rianach, agus mì-thlachdmhor, anns a bheil daoine ri reic agus ri ’g òl deoch làidir, mar a chaidh a facal Eireannach ‘shebeen’ roimhe.
Ach anns an tuil bhriathran a thaom a-mach mu dheidhinn nam bothanan bho chionn ghreis air ais, agus gu sònraichte air a’ bhliadhna a chaidh seachad, tha aon nì dha ràdh gu tric a tha cèarr agus a tha feumach air a cheartachadh. Tha a’ mhór-chuid ri toirt fainear gun deach na bothanan a-mhàin a thogail gu bhi ag òl deoch làidir annta. Ach cha deach. Thog na gillean na bothanan airson iad a bhi ’na àite céilidh agus cruinneachaidh. Gun teagamh, bhidh casga leann dha òl annta an dràsda agus a-rithist aig amannan sònraichte, mar banais no bliadhna-ùr, mar a b’àbhaist a bhith dhan òl anns na saibhlean roimhe. Cha ruigeadh pòcaid móran fhear air nas motha na sinn a cheannachd anns na làithean ud.
Mu àm na bliadhna 1930 bha a’ bhochdainn a bhuail a Rìoghachd le còmhstri agus dìth obair buileach nochta air a’ Ghaidhealdachd, agus gu sònraichte anns na Eileanan an Iar, far nach robh obair cosnaidh ach tearc. Bha an sluagh ann a sin an inneadh air na bheireadh iad do bhiadh as an talamh, air a chuideachadh le beagan
Thog matà na gillean na bothanan mar a thubhairt am bàrd:
“Aig toiseach an earraich gun do thòisich na balaich,
Ri cruinneachadh geinnean is geimhlean,
’S a’ togail nan clachan, ’s cha robh iad glé fhada,
Bhon bha iad uile a dh’aon inntinn.”
Thog na balaich na bothanan agus goirid ’na dhéidh thog iad orra do’n a’ Chogadh mhór. Thug iad còrr air cóig bliadhna fo’n an daorsa, ri cathachadh an aghaidh an nàmhaid anns gach ceàrnaidh do’n t-saoghal. Air dhaibh a saor-chomas fhaotainn agus pilleadh dhachaidh, le beagan airgid bho shaor-thiodhlac a’ Chogaidh, agus bha cuid nach do phill — mas e ’s gun rinn iad subhachas anns na bothanan le searrag de dheoch làidir, có a chuireadh umhail orra.
Ach an déidh a’ chogaidh thainig oibrichean cosnaidh, le airgead agus saidhbhreas nach fhacas riamh roimhe a leithid; agus seach gum bheil e an dàn do chuid an t-airgead agus an t-òl a bhith co-cheangailte, ’se an duilgheadas gum bheil an subhachas ri dol air adhart fhathast.
title | Na Bothannan Niseach |
internal date | 1978.0 |
display date | 1978 |
publication date | 1978 |
level | |
reference template | Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 103 %p |
parent text | Gairm 103 |