[325]

CO-CHOMUNN NIS

le Dòmhnall Moireasdan

An t-inneal buanna

Nuair a chuala am fear-deasachaidh gu robh mi dol cuairt a Nis as t-samhradh, dhiarr e orm tadhal air Anna NicDhòmhnaill, a tha os cionn obair Van Leer an sin, agus rudeigin a sgrìobhadh do Ghairm mun cho-chomunn a thathas astéidheachadh anns an sgìre. Gu -fhortanach, bha Anna i fhéin air chuairt aig an àm (anns na Stàitean Aonaichte) agus le sin chan fhaca mi idir i; ach chaidh mi chéilidh air Dief SeidslighSasannach Gàidhealach a tha teagasg an Sgoil Lìonailagus chuir esan air mo dhòigh mi, agussann dha thigeadh. Bha facal agam cuideachd ri Iain MacIomhair á Sgeadharstaigh, a bhana chabhaig atarraing na mònach mus fhalbhadh e a chur seachad a làithean-saora air àirighean Chàrlabhaigh.


[326]

Ann a bhith beachdachadh air Co-chomunn Nis, dhfheumamaid a bhith mothachail air abhrosnachadh air leth a fhuair an sluagh bho obair Van Leer agus bho sgeimichean-obrach an Riaghaltais. Na dìochuimhnicheamaid a bharrachd am math a tha Comhairle nan Eilean adèanamh ann a bhith toirt obair do dhaoine: tha móran á Nis ag obair an Steòrnabhagh agusnan dachaidhean fhéin gach oidhche.

Bha agus tha na Nisich eòlach gu leòr air a bhith ag obair an cuideachd a chéile, achsann bho chionn bhliadhna a thòisich iad asmaoineachadh air co-chomunn a chur air bhonn. ’Se lusan a chur agus marcaid-ghlasraich a bhith aca achiad oidhirp a bha san amharc; ’s bha bruidhinn cuideachd air craicinn a chruadhachadh. Ach abhliadhna an earraich a chaidh, chùm Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd coinneamhan an Steòrnabhagh aig na bhruidhinn feadhainn á Eirinn mu na co-chomuinn ioma-ghnéitheach a tha aca san dùthaich sin; agus dhfhosgail seo sùilean nan Niseach cho farsaings gun sgrìobh iad chun aBhùird le beachdan ùra.

Chuidich am Bòrd iad gu inneal-buanna a cheannach; agus ged nach do gheàrr e arbhar an uiridh, rinn e frasadh a bha mìorbhaileach, agus bhathas abéileadh an fhodair aig an aon àm. Faire, faire, am bualadh leis an t-sùist agus an suathadh air a bheil cuimhnagainn! Thug an t-inneal ùr uiread de thogail dha na croitearans gun chuir iad am bliadhna uiread eile de shìol corcas a chuir iad an uiridh. Chuir feadhainn eòrna cuideachd; ’s tha dòchas nach eil an seo ach toiseach tòiseachaidh. aige tha fios nach bi iad fhathast atogail chruidhs acumail bainne riutha fhéins ris achòrr den eilean?

Tha seo a-nis an dàrna bliadhna aig an sgeime-obrach ann an lios na sgoile an Cros. Chaidh mìltean phlanndraisgean a reic an sin an uiridhfiach còrr air ceud not. Tha an talamh air leth torach, ’s tha ann dheth na chumadh baile Steòrnabhaigh ann an glasraich bho cheann gu ceann den bhliadhna. Tha cóig no sia de sheòrsachan càil ann am bliadhna, agus rudan eile air nach eileas cho eòlach. Cha robh fiùs maro nach fhaca mi ann an aon de na taighean-plasdaig; agus bhathas atogail taigh ùr airson tuilleadh àite do lusan fo dhìon.

Thugadh ceum mór air adhart toiseach na bliadhna-sa fhéin le cothrom a thoirt do dhaoine airgead a chur an sàs. ’Se fichead not an neach a chaidh iarraidh an toiseach, ged bha cuid ag ràdh gu robh sin ro-bheag. Thug feadhainn seachad barrachd, ach an déidh sin cha bhi aca ach aon bhòt, gus nach fhaigh duine sam bith làmh-an-


[327]

Iain MacIomhair, Fear-cathrach aChomuinn-stiùiridh

Jef Sedgley, Rùnaire aChomuinn-stiùiridh


[328]

uachdair. Gus nach bi daoine feitheamh gun phàigheadh gus am faic iad a bheil an rud adol a dhobrachadh, tha dùil prìs na h-earrainne a dhùblachadh an ceann shia mìosan bho théid an co-chomunn a stéidheachadh (sin cho fadas a bheir am Bòrd not air an not). Tha am Banca Rìoghail agabhail an airgid bho na daoine, agus tha seona chuideachadh mòr. Nuair a bhios cùisean air dòigh, théid cuireadh a thoirt do Nisich a tha air falbh bhon taigh earrannan a cheannach.

Tha dùil gun tig cóig mìle deug not a-steach, agus tha Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd air gealltainn acheart uiread a chur ris. A-mach air a sin, tha am Bòrd atairgsinn nan iasadan agus nan tiodhlaicean àbhaiseach (suas gu trì ficheads a deich anns acheud). Chan e sin a-mhàin ach pàighidh e manaidsear gu h-iomlan achiad trì bliadhna agus am pàirt airson bhliadhna eile. Ma tha an co-chomunn adol a dhobrachadh, bu chòir dha bhith air a chasan mun àm sin. Théid prothaid sam bith a bhios ann a chur gu feum acho-chomuinn; ’s le sin cha leig duine leas sùil a bhith aige ri riabh achiad ghreis.

Mus bi seo an clò, tha dùil gum bi comadaidh air chois agus gum bi sanas anns na pàipearan airson manaidseir. An uairsin théid na h-oidhirpean air an robhas abeachdachadh a chur chun aBhùird an òrdugh taghte, agus théid gach aon a sgrùdadh gu mion mus téid airgead a chur a-mach air a sonrud nach tachair, chanainn, roimh dheireadh na bliadhna.

Seo sia oidhirpean leis a bheil am Bòrd riaraichte air achiad sealladh:

(1) Lios-lus le marcaid-ghlasraich. Gabhaidh an co-chomunn sgeime-obrach Sgoil Chrois os làimh air cheann sreatha.

(2) Gnothaichean-fearainn de gach seòrsa. A-mach air an inneal-bhuanna, tha innealan-cura agus stealladairean aca mar tha; ach bidh feum air rudan mar innealan-tiormachaidh cuideachd.

(3) Todhar-Gallda air prìs reusanta. Rinneadh gu math le seo am bliadhna, ’s thathas an dòchas gun dèanar nas fheàrr an athbhliadhna.

(4) Bùth air chuibhleachan a reiceas iasgs buntàta-slisneach, cho math ri tea is cofaidhs na deochan eile bhitear ag iarraidh far am bi sluagh cruinn aig maidsichean is dannsan. ’S nach biodh i math aig faingean, ’s teàrr is morghan a-nis air ròidean na mòintich?

(5) Bùth-shaorsainneachd anns an dèanteadh dorsan, geatachan,


[329] barachan, tréileirean is àirneisach cha do ghabhadh idir ri cisteachan-laighe!

(6) Garaids. Bhiodh seo glé fheumail, ach bhiodh i cosgail a ruith. Mar tha fìor a-thaobh gach oidhirp eile, dhfheumadh an sluagh làn-fheum a dhèanamh dhith.

A-thuilleadh orra sin, thathas abeachdachadh air bùth-bhéiceireachd, bùth-bhorbaireachd agus bùth-ceimist.

Tha aon rud cinnteach: tha e fhathast fada ro-thràth breith a thoirt air aghnothaich. Le sin saoilidh mi nach biodh e ceart aig an ìre-sa guth a thoirt air cnapan-starra. Gheibh an duine bhios fada beò deireadh gach sgeòil an asgaidh.

Chaidh an co-chomunn a bhaisteadh fhads a bha mi aig an tigh. ’Se an t-ainm a chaidh dhan leabhar CO-CHOMUNN NIS LIMITED; agus bhon tha na Nisich an diugh -chànanach, mar tha Gàidheil eile, ’s dòcha gum bi iad riaraichte gu leòr le sop ás gach seid. Co-dhiù tha sinne an dòchas gun soirbhich leotha.

Na taighean-plasdaig

titleCo-chomunn Nis
internal date1978.0
display date1978
publication date1978
level
reference template

Dòmhnall Moireasdan in Gairm 104 %p

parent textGairm 104
<< please select a word
<< please select a page