[219]

POCA PRISEIL

le Ceiteag M. Nicghriogair

’S iongantach an rud ma tha duine beò nach dfhuair uair no uaireigin tiodhlac beag sìmplidh air an do chuir e luach nach gabhadh meas an òr no airgead.

Se a leithid sin a fhuair mise an turas a thainig Calum a-nuas á Duthaich Mhicaoidh a choimhead oirnn. Cha tainig en rathad riamhs a làmh falamhs le a ghasdachd àbhaisteach am feasgar ud smèid e null orm gu cùl an Renault.

Seall thagam dhuit an seo!”

Bha poca canbhaisna shlaoid sachùls is mi a dhaithnich a chruth! Dearbh choltas aphocain chruaidh ghrobanaich a bhiodh abrughadh mo dhroma atighinn on pholl mhòna leis an dèidh na sgoile o chionn . . . cha chan mi cia mheud bliadhna.

Mìle taing!” thuirt mi ri Calum. “Nach mi bhios air mo dhòigh acur fàd dhe seo air an teine an dràsdas a-rithist gus cianalas milis a thoirt orm fhèin.” Cha robh am barrachd sogan air abhàrd nuair a fhuair e am badan fraoichbho thìr nan aonach àrd.”

Mar a tha duine buailteach a dheanamh ri tabhartas luachmhor sam bith ghlèidh is chaomhainn mise am poca mòna gus gu maireadh e cho fadas a ghabhadh dèanamh. ’S cha robh caoran no smùirneach dheth nach do mheal mi chun na lasrach mu dheireadh. Ach nuair a bha stoirm acur crith air an taighs mi asùghadh thugam àileadh cùbhraidh na mòna chan e idir oidhcheannan gailleannach a thigeadh an toiseach gu mchuimhne nuair a chleachd sinn a bhith cruinn mun chagailte ann an Uibhist.

Sann a bha mi casruisgte a-rithist air feasgair ghrianach na mo ruith dhachaigh ás an sgoils cabhag orm chun aphuill mhòna gus mo chuid fhèin dhe na rùghain a thogail. Chan e uile gu lèir cho dèidheils a bha mi air a bhi crom acur nan rùghan ri chèile a chuir sùnnd orm idir ach bha e cho èibhinn a bhi acoimhead airson nam fàdan san do dhfhàg mi làrach mòrdagan! Bha e na chleas aig achloinn uile a bhi aseasamh air fàd an siuds an seo nuair a bhiodh


[220] iad air ùr-bhuains adeanamh lorgan annta. Bhiomaid cuideachd adeanamh litrichean is dealbhannan ler corragan samhòine fhluich.

Bha togail is cruachadh na mòna sùnndach an còmhnaidh seach gum biodh sgioba math còmhla an sàs. Cha bhiodh daoine fadag obair nuair a bhuaileadh am paghadh cuideigins bhiodh leisgeul againn teine lasadh airson balgam dhen te ruaidh a dheanamh. Bhiodh an uair sin n “picnic” anns chròidheadh a h-uile duine timcheall gus blasad fhaighinn dhe na sgonaichean le ìm Gaidhealach is gruths an uair sin na painceicean. Bhiodh mires fealladhà an sin. Tha e coltach gu robh amhòine asgaoileadh blàiths is cridhealais fada mus ruigeadh i achagailte air oidhche fhuar geamhraidh.

Sann á cruaich cinn an taighe bha mòine agheamhraidh atighinns cha robh làmh nach biodh ri feum nuair a thigeadh ám lìonaidh nam pocannans nan cairtean gus amhòine thoirt dhachaigh. ’Se obair sgileil a bhann an deanamh nan cruach mhòras bha na bodaich, ’s gu dearbh feadhainn dhe na cailleachan cuideachd, glè mhath air an togail le gnìomhadh snasail a chumadh an t-uisge gun drùdhadh orra.

Cha robh mòran thaighean an Uibhist ri mchuimhne-sa far am faicte an teine air achagailte ach tha beachd agam air gu leòr theintean fosgailte le ursannan cloiche air gach taobh agus tarsan-nain iaruinn air an aghaidh (mus do dhfhàs daoine cho ùr-nòsach leis am “Modern Mistress” ).

Neo-ar-thaing nach bi sinn ag ràdh gur h-iad a bha grinn na seann teintean fosgailte ach cha roghainnichinnse air a h-aon na crainns na slabhraidhean sùitheach a bha siud a bhith agam an-diughgun ghuth air na poiteans na coireachan salach! ’S mu dheidhinn tilleadh gu lìomhadh le “black lead” bu cho math leam peanas eile.

Chan eil teagamh nach robh càirdeas is gean timcheall air seann chagailte na mòna nach eil cho nochdta mu na “fire suites” a tha fasanta a-nis. Cha beagal nach fhaigheadh duine sam bith fàilte is èisdeachd ealamh adol do thaigh le sgeul no naidheachds cha ruigeadh tu leas a bhith adiùrrais gus nach toireadh tu aire muinntir an taighe far abhocsa! Ma bha bocsa idir air bòrd an oisean an taighe cha be dealbhannan a bha atighinn ás ach rolagan na caillichs i cur na cuibhle-shnìomh air ghleus.

Chan fhaca mise dad air bocsa nan dealbh fhathast a dhfhuiricheas cho fada nam chuimhne ris achur-seachad a bhiodh againn air oidhche geamhraidhs craoslach mòna gar garadh. ’S


[221] ainneamh oidhche nach biodh cèilichean a-stigh. ’S ged is dòcha gu robh na sgeulachdan afàs tearc aig an ám cha robh iad air chall buileach. ’S iomadh oidhche bha mi gus a dhol á cochull mo chridhe acluinntinn mu thaibhseans mu mhanaidhean. Ach a dhaindeoin sin cha dùraiginn facal dhen aithris a dhol seachad orm agusse bha searbh falbh a chadal tràth afàgail cèilichean cuideachdail aig an teine.

Se a chòrdadh rium an oidhche thigeadh Dòmhnall Ruadh còir nach maireann air chèilidh. Bhiodh tòimhseachain is cleasan is cuireidean aige a thàlaidheadh òigridh sam bith.

Bheirte greis an toiseach airSruthan adol an aghaidh bruthaichis“ ’S àirde e na taigh an righ. ’S mìne e na sìoda.” Mura tòimh-seamaid ceart achiad oidhche cha bhiomaid aig fois gus am faigheamaid a-mach am freagairt a dhfheitheamh air an ath oidhche thadhladh Dòmhnall.

Chuireadh e an còmhnaidh greiseag seachad atoileachadh na cloinne le cleasan is lùthchleasan aguss e fhèin a bha cho sùbailte ri duine againn. Aleantainn Dhòmhnaill mura biomaid air ar crògan air an ùrlar afiachainn ri bocsa mhaidseachan a thogail ler fiaclan bhiodh spàirn oirnn an comhair ar cùil astrì ri cleas achaorain. Airson seo bha caoran mòna ga cheangal air ceann sreainge. Bha thu cur achinn eile dhen t-sreaing nad bheul, atilgeil na sreainge tarsainn mullaich do chinns acromadh gu dchùl gus an ruigeadh an caoran an làr. Gun tuiteam air do dhruim dìreach, cuimhnich! ’S iomadh cumadh èibhinn agus lasgan gàire a dhaobharaich an cleas ud.

Bha cleas caorain eile aig Dòmhnall cuideachds thug e mo char asam fhèin leis co-dhiù iomadach uair mus do thuig mi nach e buidseachd a bha e acleachdadh idir! Chuireadh e tri caorain taobh ri taobh air an ùrlars rachadh enuair sin a-mach gu cùl an dorais. Bheanadh cuideigin do dhaon chaoran fhads a bha Dòmhnall a-muighs nuair a thilleadh e dhinnseadh e dhuinn n caoran. Cha robh e riamh ceàrrs bha mise co-dhiù asmaoineachadh nach robh cumhachdan mìorailteach a bhaig drùidh ann an sgeulachd riamh nach robh aig Dòmhnall Ruadh.

Sann a bha mi duilich nuair a fhuair mi mach gu robh sròn bròige cuideigin dhe na bha mun teine astiùireadh Dhòmhnaill chun achaorain cheart a h-uile turas.

Cha tainig an duine “bionic” sin a bheireadh bàrr air na rudan iongantach a dheanadh Dòmhnall Ruadh. ’S nach sinn a bha furasda


[222] ar riarachadh mun t-seann chagailte!

Tha min còmhnaidh asaoilsinn nuair a chluinneas mi duine acaoidh na mòna nach e blàths bodhaige a tha daoineg ionndrain ach an toileachas inntinn a bha coimhcheangailte ri companas mun teine mhòna.

Tha amharas agam nach bi ar caraid Calum fada gun sgrìob eile a ghabhail an taobh seo. ’S co aige tha fios nach bi pocan priseil aige dhùraicheas mo chuimhne a-rithist air oidhcheannan cèilidh o chionn fada.

titlePoca Prìseil
internal date1979.0
display date1979
publication date1979
level
reference template

Ceiteag M. Nicghriogair in Gairm 107 %p

parent textGairm 107
<< please select a word
<< please select a page